RET: Dà sgìre, aon cheist
Air cùl na h-ùpraid mu sgeama nam faraidhean aiseig RET, tha ceist phoileataigeach.
Sin, cò bhuannaicheas an taghadh Albanach an ath-bhliadhna.
Cuimhnich gu bheil an SNP dìreach aon sheat air thoiseach air na pà rtaidhean eile aig Holyrood an-drà sta.
Mar sin dheth, b' urrainn do thoraidhean ann an sgìrean iomalach buaidh a thoirt air toradh an taghaidh air fad.
Tha na h-Eileanan Siar agus Earra-Ghà idheal is Bòid a-measg nan sgìrean as teinne a bhios ann nuair a thèid an luchd-bhòtaidh do na bogsaichean-baileit as t-Earrach.
Bu choltach an-diugh gun robh an iomairt air tòiseachadh mar-thà .
Taobhadh
Anns na h-Eileanan Siar an-dè chaidh fà ilte a chuir air an naidheachd gum maireadh RET gu co-dhiù 2012.
Ach an-diugh thuirt ball-pà rlamaid Earra-Ghà idheal, Ailean Reid, gun robh an SNP a' taobhadh ris na h-Eileanan Siar gus an sgìre a ghleidheadh an ath-bhliadhna.
Mar a bhiodh dùil, tha Riaghaltas na h-Alba a' dol as à idhcheadh sin.
Ach bu chothromach ri rà dh, chanainn, gum biodh an SNP ann an cunnart anns na h-Eileanan Siar nan deidheadh cur às don sgeama ron taghadh.
Aig a' cheart à m, tha na Lib Deamaich dìreach 815 bhòt air dheireadh air na nà iseantaich ann an Earra-Ghà idheal. Chaill iad an seat sin ann an 2007 agus tha iad ga iarraidh air ais.
Bidh an sgeulachd air fad air An LÃ aig 8f.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.