Gealltanas ùr air RET
Tha mi a' tuigsinn gum bi gealltanas ùr bhon SNP an-diugh air sgeama nam faraidhean-aiseig RET.
Thig an naidheachd agus am pà rtaidh a' foillseachadh a' mhanifesto aca ann an Glaschu an-diugh fhathast.
Anns an Lùnastal, thuirt an SNP gun deidheadh an sgeama a chumail a' dol fad bliadhna eile, gu 2012.
Aig an à m, dh'fhaighnich mi dè thachradh as dèidh sin, nuair a bhiodh an taghadh Albannach seachad.
A-nis tha mi a' tuigsinn gun geall iad leudachadh eile don sgeama ma bhuannaich iad an taghadh.
Bithibh ag èisteachd ri Aithris na Maidne bho 0730.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.