Dùbhlan do Ruth Davidson
Tha a' bhuidheann Thòraidheach air a bhith a' coinneachadh aig Holyrood an-diugh, a' chiad uair bho chaidh Ruth Davidson a thaghadh mar cheannard Albannach ùr a' phà rtaidh. Bha a' bhòt fhèin gu math faisg. Fhuair Ruth Davidson 2278 dhe na ciad roghainnean, air thoiseach air Murchadh Friseal, a fhuair 2096. Ach as dèidh mar a chaidh na bhòtaichean do Jackson Carlaw agus Mairead Mitchell a' roinn eatorra, dh'fhà s a' bheà rn sin, a' fà gail 2983 aig Ruth Davidson an taca ri 2417 aig Mgr Friseal. Tha sin a' fà gail gun tèid am plana gus cur à s do na Tòraidhean an Alba agus pà rtaidh ùr na là imhe deise a chur nan à ite a chur don dà rna taobh. Ach tha na ceistean a thog Mgr Friseal anns an iomairt aige fhathast ann. Taic Ron choinneimh anns a' phà rlamaid an-diugh, dh'aidich Ruth Davidson gun robh gu leòr aice ri dhèanamh. Fhuair i taic phoblach bhon phrìomhaire aig Àireamh a Deich an-dè - rud nach do chuir iongnadh air duine. Bidh e fada nas duilghe dhi taic a bharrachd fhaighinn bho mhuinntir na h-Alba na fhuair Annabel Goldie. A dh'aindeòin an toraidh a bu mhiosa aig na Tòraidhean a-riamh aig an taghadh Albannach anns a' Chèitean, shaoil tòrr aig Holyrood gun robh i èibhinn agus comasach an aghaidh Ailig Salmond aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir. Tha luchd-taic Ruth Davidson an dòchas gum bi a h-aodann ùr a' toirt bhòtaichean ùra don phà rtaidh, gu h-à raid a-measg dhaoine òga. Ach mus dèan i sin, feumaidh i taic fhaighinn bhon fheadhainn a shuidheas air a cùlaibh gach Diardaoin. °ä°ùì´Ç²Ô²¹»å³ó A-rithist gu poblach, gheibh i an taic sin. Ach bhòt tòrr dhe na buill aig a' choinneimh an-diugh airson Mhurchaidh Fhriseil. Tha sin a' fà gail gu bheil grunn math taobh a-staigh na buidhne Tòraidhich a dh'aontaich le Mgr Friseal nach robh cà il air fà ire dhaibh ach barrachd crìonaidh agus gum b' fheà irdde tòiseachadh as ùir. Cha tachair sin a-nis. Feumaidh Ruth Davidson sealtainn a-nis gun robh iad ceà rr, agus gun tèid aice air a' phà rtaidh a chur air ais air an rathad gu soirbheachas ann an Alba. Don fheadhainn nach eil deònach feitheamh cho fada sin, tha Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir ann Diardaoin.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.