Cleas Chamshroin
Cha do chuir oidhirp Dhà ibhidh Chamshroin smachd a ghabhail air deasbad an referendum iongnadh air an SNP an seo aig Holyrood.
Bha dùil gun robh rudeigin mar seo air fà ire.
Agus an-diugh, ciad là na pà rlamaid as dèidh saor-là ithean na Nollaige, tha iad a' creidsinn gur e deagh naidheachd a tha ann dhaibh.
Shìos an rathad aig Westminster, bheir Rùnaire na h-Alba Mìcheal Moore òraid seachad a dh'aithghearr, a mhìnicheas na tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dol a dhèanamh ann an oidhirp gus a cumail mar sin - aonaichte.
Chan eil dùil gum feuch iad ri ceann-là a chur air a' bhòt - dh'fhalbh sin tron oidhche a-raoir, a' toirt cothrom air ais do dh'Ailig Salmond grèim fhaighinn air an stiùir.
Ach tha iad airson 's nach tèid ach aon cheist a chur air muinntir na h-Alba nuair a thig i.
Cumhachd
Thuirt Mgr Camshron an-dè gun robh soilleireachd a dhìth, an dà chuid air a' chlà r-ama, agus air an t-suideachadh laghail.
Fo Achd na h-Alba (2008), tha smachd air a' bhun-reachd glèidhte aig Westminster.
Mar sin, tha Mgr Camshron airson a' chumachd laghail a thoirt do Riaghaltas na h-Alba referendum a chumail fhad 's a ghabhas iad ri aon cheist agus, 's dòcha, rudan eile - thig am fiosrachadh as mionaidiche nuair a chluinneas sinn bho Mhìcheal Moore.
Tha an SNP, ge-tà , a' dol as à idhcheadh gu bheil a leithid de chumachd a dhìth orra.
'S e am plana aca gur e Westminster a dhèanadh Alba neo-eisimileach, as dèidh dhaibh taic fhaighinn air a shon anns an referendum.
Ach nas motha na sin, tha iad a' tomhas gum bi Albannaich nas deònaiche taic a chur rithe mas coltach gu bheil Dà ibhidh Camshron a' dol an sàs ann an gnothaichean Albannach.
Tuairmse
Tha fios aig Mgr Camshron gu faodadh an cleas as ùire seo a bhith cunnartach.
Ach is coltach gur e an tuairmse aige gum b'fheudar rudeigin a dhèanamh airson là mh an uachdair fhaighinn bhon SNP.
As bith dè their iad gu poblach, 's ann air sin a tha an dà thaobh ag amas.
As dèidh na h-òraid aig Westminster bho Mhìcheal Moore, cluinnidh sin bho Chaibineat na h-Alba a tha a' coinneachadh an-diugh.
An uair sin bidh fios nas soilleire againn air air ath cheum.
Tuilleadh air fà ire.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.