Ceist an airgid
Bha Ailig Salmond a' coimhead mì-chofhurtail aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh.
Thog Johann Lamont ceist mun airgead a chleachdadh Alba neo-eisimeileach.
'S e polasaidh an SNP a-nis gun cumadh Alba Sterling as dèidh dhi an Rìoghachd Aonaichte fhà gail.
Roimhe, b' e polasaidh a' phà rtaidh gun cleachdadh sinn an Euro ach tha cùisean air atharrachadh gu mòr on uair sin.
Aig à m nuair a tha dragh gum bi aig cuid de dhùthchanan Sòn an Euro fhà gail chan urrainn don SNP a mholadh.
Agus, tha luchd-poileasaidh a' phà rtaidh a' creidsinn gum biodh e ro chosgail not Albannach ùr a chur air dòigh.
Smachd
Mar sin, 's e an aon roghainn a tha aca cantainn gun tèid Sterling - coltach ris a' Bhanrìgh - a chumail ma bhòtas Albannaich airson neo-eisimeileachd.
Dh'fhà gadh sin gum biodh smachd fhathast aig Banca Shasainn air polasaidh ionmhais na h-Alba.
Air deasbad a' BhBC Didòmhnaich, thuirt an leas-phrìomh mhinistear Nicola Sturgeon gum biodh ball aig Alba air comataidh polasaidh airgid a' Bhanca.
An-diugh, dh'fhaighnich ceannard nan LÃ barach am b' urrainn do Mhgr Salmond sin a dhearbhadh.
Cha b'urrainn.
Ach thuirt Mgr Salmond gum biodh sin na dhòigh air adhart "reusanta".
³§³Ù¾±Ã¹¾±°ù±ð²¹»å³ó
Am beachd Johann Lamont, dh'fhà gadh sin gun deigheadh polasaidh ionmhais na h-Alba a' stiùireadh le buidhean air nach robh smachd sam bith aig Alba.
Thuirt am prìomh mhinistear nach robh smachd sam bith aig Alba air a' pholasaidh sin an-drà sta, agus sinn nar pà irt dhen Rìoghachd Aonaichte.
Ach, bu choltach nach robh Mgr Salmond deiseil airson na ceist - rud neònach agus i air a bhith ga deasbad anns a' phà rlamaid agus na meadhanan fad greis mar-thà .
Tha cuid air taobh Mhgr Salmond a' creidsinn nach dèan ceistean mar sin ach cur an cuimhne dhaoine gun cumadh Alba an not - rud math dhaibhsan.
Ach 's ann air aodann Johann Lamont a bha a' ghà ire aig deireadh nan ceistean aice an-diugh.
Gu ìre 's e staing an Euro a thug air an SNP am polasaidh seo a chur air adhart - mura h-urrainn dhaibh atharrachadh, bidh sgiopa Mhgr Salmond airson dèanamh cinnteach gu bheil mìneachadh nas fheà rr aige an ath thuras.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.