Main content
Sorry, this episode is not currently available

'Seòlaidh mise a-null gu dùthaich chaomh mo rùin' còmhla ri Calum a' Chal agus Dòmhnall Lach. Calum MacNeil and Donald MacLean invite you to travel with them throughout Barra.

Tha Calum MacNèill (Calum a' Chal) agus Dòmhnall MacIllEathain (Dòmhnall Lach) gar toirt cuairt timcheall eilean an àraich, Eilean Bharraigh. Anns a' chiad phrògram tha iad a' seòladh air caolas Bharraigh agus a' tadhail air na h-eileanan an ear-thuath air Barraigh. Cluinnidh sibh mu eachdraidh nan eileanan sin, far am b'àbhaist sluagh mòr a bhith fuireach ach far nach eil ri fhaicinn an-diugh ach làrach nan tobhtaichean, caoraich agus eunlaith an adhair. Am measg nan eilean air a bheil iad a' tadhail agus a' toirt iomradh tha Theiliseigh agus Gioghaigh, neo na h-Eileanan Fudach.
Tha eachdraidh inntinneach aig na h-eileanan agus iad a' faighinn beòshlàint bho obair an iasgaich, beòshlàint a bha gu math soirbheachail aig an àm agus a bha a' tàladh luchd-reic bho àiteachan cho fad às ris na h-eileanan Baltic. Dh'fhuiling na h-eileanan seo gu mòr ri linn nam fuadaichean.
Tha Calum gu math fiosraichte mun eachdraidh agus cuideachd mun dualchas agus cluinnidh sibh cuideachd carson nach d' thàinig an sgiobair air tìr an-diugh agus mar a bha Calum a' cumail sùil gu math geur air a chùlaibh.
Tha Calum agus Dòmhnall a' crìochnachadh an turas sa phrògram seo ann am baile Eòlaigearraidh.

30 minutes

Last on

Sun 5 Aug 2018 09:30

More episodes

Previous

You are at the first episode

Next

See all episodes from Cuairt Mu Bharraigh

Broadcasts

  • Tue 18 Nov 2014 12:03
  • Tue 18 Nov 2014 22:00
  • Sun 23 Nov 2014 10:00
  • Thu 2 Aug 2018 12:00
  • Thu 2 Aug 2018 22:10
  • Sun 5 Aug 2018 09:30