
12/10/2007
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 432
Duration: 05:34
Litir 432: Innis Caillich
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu thuras a ghabh mi fhìn agus an teaghlach agam gu ruige Innis Caillich ann an Loch Laomainn. Fhad ’s a bha mise a’ cumail sùil air a’ bhà ta, chaidh cà ch air chuairt air feadh an eilein. Thà inig iad air ais thugam le sgeul mu bheathach a chunnaic iad.
“Bha e mòr agus bà n,” thuirt iad. “Bha e coltach ri gobhar.”
Ach chan e gobhar a bh’ ann. ’S e dathas a bh’ ann. Dathas.
Nise, cuiridh mi geall gu bheil mòran a tha ag èisteachd an-drà sta, eadhon feadhainn le fìor dheagh Ghà idhlig, aig nach eil fios dè th’ ann an dathas. Is beag an t-iongnadh oir tha iad rudeigin gann ann an Alba, gu h-à raidh anns a’ cheann a tuath.
’S e dathas a’ Ghà idhlig air fallow deer. ’S e seòrsa de dh’fhiadh a tha dùthchasach do na ceà rnaidhean timcheall na Mara Meadhan-tìrich. Bhathar a’ smaoineachadh gur iad na Normanaich a thug a Bhreatainn iad – airson sealg. Ach tha fianais ann gun robh iad ann an ceann a deas Bhreatainn fada roimhe sin. ’S dòcha gun tug na Ròmanaich a-steach iad. Co-dhiù, an-diugh tha iad pailt ann am pà irtean de Shasainn ’s a’ Chuimrigh.
Ach ciamar a fhuair iad gu eileanan ann an Loch Laomainn? Uill, a rèir beul-aithris, ’s e Raibeart Brus, Rìgh na h-Alba, a bu choireach. Bha am Brusach a’ lorg à ite airson dathais a shealg, agus bha eileanan Loch Laomainn glè mhath airson sin. Bha iad saor bho mhadaidhean-allaidh. Tha na dathais ann fhathast agus bidh iad a’ snà mh bho eilean gu eilean. Mar sin, chan eil e furasta an cunntadh.
Tha e coltach gun tà inig am facal dathas bho damhasg. Tha MacBheathain dhen bheachd gun tà inig damhasg bho damh-seasg – mar gum biodh “fallow stag”. Uill, dh’fhaodadh sin a bhith. Ach chan eil fallow ann am Beurla a’ ciallachadh “seasg” no “neo-thorrach” ann an co-cheangal ris an fhiadh seo. Tha e a’ tighinn bho sheann fhacal Beurla a tha a’ ciallachadh dath eadar ruadh is odhar. Sin an dath a th’ orra – agus tha feadhainn aca ballach no breac.
Ach nach tuirt mi aig toiseach na Litreach gum facas beathach bà n, seach creutair breac ruadh? Uill, chunnacas, agus sin rud inntinneach mun dathas – gu h-à raidh an fheadhainn ann an Loch Laomainn. Tha mòran dhiubh bà n, seach a bhith ruadh no odhar. Cuiridh mi geall gu bheil an fheadhainn bhà na nas pailte an-diugh na bha iad ri linn a’ Bhrusaich. Carson? Uill, bha e air a bhith furasta an sealg, leis gu bheil iad cho faicsinneach ann an dorchadas na coille.
Nuair a dh’fhà g sinn Innis Caillich cha do thill sinn sa mhionaid don à ite-fuirich againn ann an Innis Mhearain. Chaidh sinn gu eilean eile air an t-slighe air ais. Innis Chonachain. Tha an t-eilean sin còmhnard an coimeas ri Innis Caillich – ach tha e cuideachd còmhdaichte le coille – agus tha tòrr fraoich is lusan dearc fo na craobhan. Agus tha beathach annasach a’ fuireach ann. Ach chan e dathas a th’ ann, agus chan eil e bà n.
Bha uachdaran ann uaireigin a bha measail air ualabaithean – beathaichean Astrà ilianach coltach ri cangarùthan beaga. Thug i feadhainn a-steach do dh’Innis Chonachain agus fhuair cuid dhiubh ma sgaoil. Tha iad fhathast anns an eilean. Leis gun do rugadh a’ bhean agam ann an Astrà ilia, bha mi airson ualabai Albannach a shealltainn dhi! Ach bha iad gan cumail fhèin am falach air an latha sin is chan fhaca sinn gin.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Fri 12 Oct 2007 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
- Sat 13 Oct 2007 10:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.