
14/01/2008
Tha litir bheag na seachdain-sa aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
An Litir Bheag 139
Duration: 03:47
An Litir Bheag 139
Thèid sinn, thèid sinn thairis air an t-sruth,
Thèid sinn, thèid sinn gu Dòrnach.
Chì sinn na beanntaichean [a]’ glèidheadh sneachd an geamhraidh,
Chì sinn na caileagan bòidheach.
Tha an rann, no ceathramh, sin à faisg air Dòrnach. Ach bha na daoine a’ dol “thairis air an t-sruth”. Tha sin a’ ciallachadh gun robh iad a’ fuireach air taobh thall Caolas Dhòrnaich. A bheil sibh eòlach air Dòrnach? ’S e baile beag brèagha a tha ann, ann an Cataibh.
Ach tha an ceathramh Ă Siorrachd Rois. Seo e a-rithist:
Thèid sinn, thèid sinn thairis air an t-sruth,
Thèid sinn, thèid sinn gu Dòrnach.
Chì sinn na beanntaichean [a]’ glèidheadh sneachd an geamhraidh,
Chì sinn na caileagan bòidheach.
Tha an ceathramh a’ tighinn bho na bailtean ann am Machair Rois. Is iad sin na bailtean beaga air a bheil na Seaboard Villages ann am Beurla – Seannduaig, Baile an Todhair agus Baile a’ Chnuic. ’S e bailtean iasgaich a bha annta. Bha a’ Ghà idhlig fhathast beò anns na bailtean sin gu o chionn ghoirid.
Rinn an t-Ollamh Seòsamh Watson à Baile Àtha Cliath obair air Gà idhlig agus beul-aithris na sgìre. Sgrìobh e leabhar mu dheidhinn. ’S e tiotal an leabhair Saoghal Bana-mharaiche: Cunntas Beul-aithris mu Bheatha Muinntir an Iasgaich ann am Machair Rois. ’S e leabhar inntinneach a tha ann.
B’ i a’ bhana-mharaiche san tiotal Isbeil Anna (bean Uilleim MhicAonghais), nach maireann. Bha i a’ fuireach ann am Baile a’ Chnuic. Thachair Seòsamh rithe an toiseach o chionn ceathrad bliadhna. Chaochail i ann an naoi ceud deug is ochdad (1980). Bha i naochad ’s a h-aon (91) bliadhna a dh’aois.
Chan eil duine beò an-diugh ann am Baile a’ Chnuic, Baile an Todhair no Seannduaig, a bhuineas don à ite, agus a tha fileanta ann an Gà idhlig. Ach tha nighean aig Isbeil Anna fhathast beò. ’S e Doilidh an t-ainm a tha oirre. Agus, mar a chì sinn an ath-sheachdain, tha ise a’ cumail beul-aithris na sgìre beò.
Faclan is abairtean
Broadcast
- Mon 14 Jan 2008 19:00ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.