
28/01/2008
Tha litir bheag na seachdain-sa aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
An Litir Bheag 142
Duration: 03:33
An Litir Bheag 142
Tha faclan no abairtean eadar-dhealaichte aig daoine airson bruidhinn ri diofar bheathaichean. Ann am mòran à iteachan, airson bruidhinn ri bò, canaidh daoine “pruidh” no “pruidh-dhè”. Tha sin anns na faclairean, ceart gu leòr: Pruidh – a call to cattle, cow or calf.
Tha e coltach gun deach na h-abairtean sin bho Ghà idhlig gu Albais no bho Albais gu Gà idhlig. Anns an fhaclair Albais agam tha Prow, Pru agus Prui. Tha iad uile nan dòighean airson a bhith a’ gairm air crodh.
Sgrìobh an sgoilear Gà idhlig, Alasdair MacBheathain, pà ipear mu abairtean à Bà ideanach. ’S ann à Bà ideanach a bha e fhèin. Sgrìobh e gur e “progaidh” a bha daoine ag rà dh ri each. Progaidh. Thuirt e gun tà inig sin bho Albais, ach gun tà inig an Albais bhon Fhraingis approchez.
Ann an Gà idhlig bidh sinn ag rà dh “ciridh” ri caora no uan. “Ciridh, ciridh, ciridh!” no mar sin. Uill, chaidh mi don fhaclair Albais agam agus bha an dearbh fhacal ann: K-e-e-r-i-e – Keerie –– a call to a lamb or sheep.
Tha cuid de na gairmean eadar-nà iseanta. Mar eisimpleir, puisidh airson bruidhinn ri cat, agus diug no diugaidh airson labhairt ri cearc. Ach bha abairt eile aig MacBheathain airson bruidhinn ri cat no piseag – stididh – no tididh. Bha e fhèin ag rà dh gun tà inig iad sin bho Albais gu Gà idhlig. Tha cheet no cheetie ann an Albais a’ ciallachadh cat no piseag. Anns an t-seann Bheurla bha chit a’ ciallachadh “beathach òg”. Agus bidh daoine a’ gabhail kit fhathast air sionnach òg ann am Beurla.
Ach dè chanas sinn ri cù? Uill, tha facal agam a bhios mi ag èigheachd ris a’ chù agam. Agus bidh e an-còmhnaidh a’ tighinn thugam. Chan eil Beurla aig a’ chù agam. ’S e cù Gà idhealach a tha ann. ’S e abairtean Gà idhlig an aon fheadhainn a thuigeas e. Agus, nuair a tha e a’ ruith anns a’ phà irc, dè dh’èigheas mi ris a bheir e air ais thugam? Dè ach “Briosgaid!”
Faclan is abairtean
Faclan is abairtean: faclan no abairtean eadar-dhealaichte: different words or phrases; airson bruidhinn ri diofar bheathaichean: for speaking to different animals; bò: cow; anns na faclairean: in the dictionaries; gun deach na h-abairtean sin bho Ghà idhlig gu Albais: that those phrases went from Gaelic to Scots; tha iad uile nan dòighean airson a bhith a’ gairm air crodh: they are all ways of calling cattle; Alasdair MacBheathain: Alexander Macbain; ’s ann à Bà ideanach a bha e fhèin: he was from Badenoch himself; progaidh: a word used by humans when calling a horse; bhon Fhraingis: from the French; bidh sinn ag rà dh “ciridh” ri caora no uan: we say “ciridh” to a sheep or lamb; tha cuid de na gairmean eadar-nà iseanta; some of the calls are international; airson labhairt ri cearc: for speaking to a hen; tha X a’ ciallachadh cat no piseag: X means a cat or kitten; dè chanas sinn ri cù?: what do we say to a dog?; tha facal agam a bhios mi ag èigheachd ris a’ chù agam: I have a word which I shout to my dog; bidh e an-còmhnaidh a’ tighinn thugam: he always comes to me; chan eil Beurla aig a’ chù agam: my dog doesn’t have English [understanding or speaking!]; an aon fheadhainn a thuigeas e: the only ones he understands; nuair a tha e a’ ruith anns a’ phà irc: when he’s running in the park; dè dh’èigheas mi ris?: what do I shout to him?; a bheir e air ais thugam: that brings him back to me; briosgaid: biscuit.
Broadcast
- Mon 28 Jan 2008 19:00ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.