
29/02/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 452
Duration: 05:26
Litir 452: Bàs a’ Bhaigeir
Bu mhath leam stòiridh eile innse dhuibh an t-seachdain seo à Braghad Albainn. Dh’innis mi dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu Dhonnchadh Mòr Ruadh na Feusaig à Gleann Lòchaidh faisg air Cill Fhinn. An t-seachdain sa, tha mi airson stòiridh innse dhuibh air a bheil Bàs a’ Bhaigeir no The Beggar’s Death. Feuchaidh mi ri cumail, cho fad ’s as urrainn dhomh, ris a’ Ghà idhlig anns an deach an stòiridh innse bho thùs – ’s e sin Gà idhlig Siorrachd Pheairt.
Tha e a’ tachairt taobh Loch Tatha anns an taigh aig fear air an robh Donncha MacPhà rlain. Sin mar a chaidh ainm a sgrìobhadh – “Donncha”, seachd “Donnchadh”. Co-dhiù, oidhche a bha siud, bha Donncha a-staigh a’ leughadh a’ Bhìobaill. Sheinn e salm agus rinn e ùrnaigh. Shuidh e mu choinneamh an teine, a’ smuaineachadh air an nì a leugh e. Chaidh a bhean a laighe san leabaidh a bha sa cheà rn.
B’ iongantach an rud a thachair an uair sin. Thà inig neul dorch, dubh a-staigh air an doras. Aig a’ cheart à m thuit dà chathair air an là r agus ghlaodh a bhean, “O Dhonncha, dèan grèim orm oir tha cudrom uabhasach ga chur orm.” Cha b’ e sin uile, ach stad an t-uaireadair-cluig agus thuit an crochadan air an ùrlar le gleadhraich eagallach. Cha robh mòran fois no cadail am fà rdach Dhonncha air an oidhche sin.
Dh’fheòraich iad de chèile ciod bu chiall do na nithean oillteil sin. Cha robh e fada mun d’ fhuair iad freagairt. Beagan là ithean an dèidh sin, fhuair duine bochd bàs san taigh.
Feasgar samhraidh a bha seo chunnaic clann a bha a’ dol dhachaigh o sgoil am baigear a bha seo. Bha iad eòlach air. ’S ann tric a bhiodh e ag iarraidh dèirc bho mhuinntir an à ite. Bha e air an oidhche a chur seachad aig taigh Dhonncha mu thrà th. Ach, an latha seo, cha robh e gu math. Bha coltas an eug air a ghnùis.
Le strì mhòr agus le spà irn chruaidh, chaidh e ris a’ bhruthach. ’S iomadh anail a ghabh e mun d’ rà inig e taigh Dhonncha. Aig doras Dhonncha leig e a chudrom air a bhata. Car ùine cha b’ urrainn dha bruidhinn ri Donncha.
Ged a bha Donncha na dhuine coibhneil, truacanta, bha e san tomhartaich mun duine bochd a ghleidheadh rè na h-oidhche. Bha e follaiseach da shùilean nach biodh an truaghan fada beò. Thuig an creutair mar a bha a’ chùis, agus thuirt e, “Mur toir Dia a bheannachd dhut airson do choibhneas, chan eil e na mo chomas-sa airgead no òr a thoirt dhut.”
“Seadh, seadh, thig a-staigh. Feumaidh sinn do ghlèidheadh car oidhche co-dhiù,” thuirt Donncha. Chaidh an deòra truagh a-staigh, agus a-mach cha tà inig e gus an deachaidh a ghiùlan air falbh airson adhlacadh beagan là ithean an dèidh sin.
Bha ciallachadh nan nithean mìorbhaileach a thachair a-nise soilleir gu leòr do Dhonncha, agus cha robh feum air innseadh dha carson a thuit crochadan an uaireadair. Bu uaireadairiche an duine marbh. A bheil sibh eòlach air an fhacal sin – uaireadairiche? Tha e a’ ciallachadh fear a bhios a’ dèanamh uaireadairean – a watchmaker or clockmaker. Bu uaireadairiche an duine marbh agus bu chinnteach Donncha gur e rabhadh bà is an uaireadairiche a bha anns gach nì dhiubh sin. Ciod bu fhreagarraiche na gun tuiteadh an crochadan agus gun stadadh an t-uaireadair ro bhàs an uaireadairiche?
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ thas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 29 Feb 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.