
07/03/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 453
Duration: 05:18
Litir 453: Naomh Pòl
Chan ann tric a bhios sinn a’ tadhal air a’ Bhreatainn Bhig ann an Litir do Luchd-ionnsachaidh. Ach bu mhath leam ur toirt don dùthaich sin an t-seachdain seo airson stòiridh innse dhuibh. Stòiridh gu math Ceilteach, saoilidh mi. Gu ìre, ’s e eachdraidh a th’ ann de naomh a bha beò anns an t-siathamh linn AC. Ach tha uiread de mhìorbhailean anns an eachdraidh ’s gum biodh e doirbh gabhail ris a h-uile mìr dhith mar an fhìrinn.
Bhuineadh Pòl Aurélien don Chuimrigh. Bha e gu math naomh eadhon nuair a bha e òg. Bha rìgh na dùthcha ag iarraidh air a bhith na easbaig. Ach bha Pòl ag iarraidh beatha shìmplidh a bhith aige ann am manachainn. Chaidh e a dh’fhuireach ann am manachainn anns a’ Bhreatainn Bhig.
Nise, bha seachd cluig aig rìgh na Cuimrigh. Bha iad uile brèagha. Bha iad air an dèanamh de dh’airgead is copair. Nuair a bha Pòl a’ falbh, dh’iarr e air an rìgh fear de na cluig a thoirt dha. Ach dhiùlt an rìgh.
Latha a bha seo, nuair a bha e sa Bhreatainn Bhig, chaidh Pòl agus grunn charaidean aige air bòrd bà ta. Thog iad na siùil agus leig iad leis a’ bhà ta dhol far an toireadh a’ ghaoth i. Thug a’ ghaoth i do Eilean Ushant far costa siar na dùthcha. Stad Pòl aig fuaran anns an eilean agus thog e cealla an sin ann an à ite ris an canar Lambaol. Tha an t-ainm sin a’ ciallachadh “Lann Phòil” – the religious enclosure of Paul.
Bha Pòl am beachd fuireach ann an Ushant ach thà inig aingeal a dh’iarr air dhol gu tìr-mòr. Rà inig e tìr-mòr agus thog e cealla. Bha tarbh-allaidh a’ cur eagal air na daoine anns an sgìre. Chaidh Pòl air beulaibh an tairbh. Laigh an tarbh aig a chasan gu modhail. An uair sin dh’fhalbh e don choille. Cha do nochd e a-rithist.
Cha do dh’fhuirich Pòl anns an sgìre sin. Lean e air gu eilean far costa cheann a tuath na Breatainne Bige, faisg air Roscoff, far am bi bà taichean-aiseig a’ toirt luchd-turais à Sasainn. ’S e an t-ainm air an eilean Batz no L’Isle de Batz ann am Fraingis. Nuair a bha e san eilean, thà inig iasgair thuige le bradan mòr. Am broinn a’ bhradain bha an t-iasgair air rudeigin annasach a lorg – clag air a dhèanamh de dh’airgead is copair! Tha an clag ri fhaicinn fhathast anns a’ chathair-eaglais ann an Saint Pol-de-Leon faisg air Roscoff, a chaidh ainmeachadh airson an Naoimh Phòil seo. Nuair a chunnaic e an clag, rinn Pòl gà ire. B’ e sin fear de na cluig a bh’ aig rìgh na Cuimrigh!
Fhad ’s a bha e san eilean, chuala Pòl mu nathair mhòr. Bha i cho cunnartach ’s gun do mharbh i dà dhamh agus dithis fhear air an aon latha. Bha na lanntan oirre cho cruaidh ’s nach robh comas aig claidheamh no sleagh a dhol tromhpa.
Chuir Pòl roimhe cur às don bhèist. Chaidh e dha h-ionnsaigh. Chuir e an sgarfa aige timcheall amhaich na bèiste. Bha an creutair gu math solt an uair sin. Thug Pòl an nathair mhòr gu costa mu thuath an eilein agus dh’iarr e oirre leum don mhuir. Rinn i sin agus bha i air a bà thadh. Gabhaidh an t-à ite far an do thachair sin faicinn fhathast. Ann am Breatannais, ’s e Toul ar Zarpant a chanas iad ris. Tha sin a’ ciallachadh Toll na Nathrach.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ thas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 7 Mar 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.