
14/03/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 454
Duration: 05:23
Litir 454: Naomh Pòl
An t-seachdain sa chaidh dh’fhà g sinn Naomh Pòl – fear ris an canar ann am Fraingis Saint Pol de Leon – air eilean far costa na Breatainne Bige. Bha e dìreach air cur às don nathair mhòir. Leis gun do shà bhail e an t-eilean air a bheil Batz, no L’Isle de Batz, chaidh an t-eilean gu lèir a thoirt dha. Chaidh pà irtean de thìr-mòr faisg air an eilean a thoirt dha cuideachd. Thog Pòl manachainn mhòr anns an eilean.
Chaidh iarraidh air a bhith na easbaig. Ach thug e an aon fhreagairt ’s a thug e do rìgh na Cuimrigh nuair a bha e òg (oir ’s e Cuimreach a bh’ ann): “B’ fheà rr leam an sgìre seo fhà gail.”
Bha plòigh aig riaghladair na sgìre, ge-tà . Dh’iarr e air Pòl dhol a thadhal air an rìgh – Rìgh na Frainge – le litir sheulaichte. Anns an litir, dh’iarr an riaghladair air an rìgh Pòl a dhèanamh na easbaig. Thug an rìgh a chreidsinn gun robh e feargach le Pòl airson a bhith a’ diùltadh na tà lantan aige a chur gu feum gu maith an t-sluaigh. Thuirt Pòl gun dèanadh e rud sam bith a bha an rìgh ag iarraidh air. Cha b’ urrainn dha a dhiùltadh an uair sin agus rinneadh easbaig dheth.
Thill Pòl gu Batz ach chuir e a chathair-eaglais air chois air tìr-mòr aig à ite ris an canar ann am Fraingis Saint Pol-de-Leon. Chuir e taigh easbaig air dòigh ann an seann tobhta far an robh tairbh-allaidh agus mathain a’ fuireach. Thug Pòl òrdugh do na beathaichean falbh air ais don choille. Ach bha aon chrà in tuirc ann agus bha a h-uirceanan a’ deoghal aice. Dhiùlt ise falbh. Bhuail Pòl air a ceann i agus dh’fhàs i solt sa bhad. Dh’fhuirich i gu sà mhach sìtheil anns an fhail-mhuc. Agus aiste thà inig seòrsa de mhuc shònraichte ris an canar “mucan rìoghail”.
Bha Pòl gu math sean nuair a chaochail e. Tha cuid ag rà dh gun do rà inig e aois ceud is ceathrad (140) bliadhna. A rèir aithris, bha e air fàs cho tana ’s gun gabhadh solas faicinn tro a là mhan.
Chaochail e ann an cealla a bh’ air a togail dha faisg air a’ mhanachainn anns an eilean. Bha muinntir an eilein ag iarraidh gum biodh e air a thiodhlacadh an sin. Ach bha muinntir Saint Pol-de-Leon airson ’s gum biodh e air a thiodhlacadh anns a’ chathair-eaglais. Ciamar a bha iad a’ dol a thighinn gu rèite?
Uill, chaidh dà chairt ullachadh, agus dà dhamh a’ tarraing gach tè. Bha iad air an cur letheach-slighe eadar an t-eilean agus a’ chathair-eaglais. Bha aon phaidhir dhamh a’ coimhead a dh’ionnsaigh na mara, is bha am paidhir eile a’ coimhead a dh’ionnsaigh a’ bhaile. Chaidh a’ chiste-laighe a chur air na dhà , leth dhith air gach cairt. Bhiodh e an urra ris an naomh fhèin cà ite an rachadh e don uaigh.
A rèir beul-aithris, nuair a thòisich na daimh air gluasad, chaidh a’ chiste à fianais. Bha i do-fhaicsinneach. Cha robh fios aig an t-sluagh dè an taobh a bha i a’ dol.
’S ann dìreach nuair a rà inig na cairtean an cinn-uidhe a bha fios aig an t-sluagh dè bh’ air tachairt. Bha briseadh-dùil air na h-eileanaich oir bha a’ chairt acasan falamh. Bha muinntir a’ bhaile a’ dèanamh gà irdeachas oir bha a’ chiste air a’ chairt acasan. Agus bha Naomh Pòl, Saint Pol de Leòn, air a thiodhlacadh sa chathair-eaglais anns a’ bhaile a tha a’ giùlain ainm fhathast.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ thas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 14 Mar 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.