
04/04/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 457
Duration: 05:25
Litir 457: PĂ draig Grannd
Chan fhada gus am bi an latha oirnn a-rithist nuair a bhios daoine a’ cuimhneachadh na thachair aig µţ±ôĂ °ů ChĂąil Lodair air an t-siathamh latha deug dhen Ghiblean, seachd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1746). ’S dòcha gum bi barrachd dhaoine nan Ă bhaist aig CĂąil Lodair am-bliadhna leis gu bheil ionad-taisbeanaidh Ăąr aig Urras NĂ iseanta na h-Alba ann.
Tha mi a’ smaoineachadh air Cùil Lodair oir bha mi a’ leughadh o chionn ghoirid mu Phà draig Grannd – Dubrach no Auld Dubrach mar a chainte ris. Tha e ainmeil oir b’ esan am fear mu dheireadh a chaochail a bh’ air a bhith an là thair aig Cùil Lodair air latha a’ bhatail. Chaochail e ann an ochd ceud deug, fichead ’s a ceithir (1824).
Rugadh Pà draig Grannd ann am baile beag air a bheil Dubrach, a tha ri taobh Uisge Dè ann an sgìre Brà igh Mhà rr ann an Siorrachd Obar Dheathain. Uill, ’s e Dubrach an dreach Beurla air an ainm. Ann an Gà idhlig ’s e An Dubh-bhruach. Ach ’s e dreach na Beurla a bh’ air Pà draig mar far-ainm – Dubrach. Bha Seumasachd gu math là idir anns an sgìre sin – anns an robh a’ chuid a bu mhotha dhen t-sluagh nan Gà idheil agus nan Caitligich.
Bha Pà draig dìreach bliadhna a dh’aois nuair a thòisich ciad ar-a-mach nan Seumasach ann an seachd ceud deug ’s còig-deug (1715). Ach nuair a thà inig Bliadhna a’ Phrionnsa, bha e aig an aois cheart airson a chlaidheamh a thogail as leth Theà rlaich Òig. Leig e dheth a chuid obrach mar thà illear agus chaidh e an cois arm a’ Phrionnsa.
Bha e gu math treun, agus chaidh aithris gun robh e ri gaisgeachd mhòr aig µţ±ôĂ °ů Sliabh a’ Chlamhain no the Battle of Prestonpans mar a chanar ris ann am Beurla. RĂ inig e ìre sĂ irdseant-mĂ idsear agus bha e fhathast ann an arm a’ Phrionnsa nuair a chaill na Seumasaich aig CĂąil Lodair, ged a bhathar ag rĂ dh gun do mharbh e fhèin grunn saighdearan dearga air an latha sin. Chaidh a chur an grèim agus chaidh a chur don phrìosan ann an Cathair Luail ann an Sasainn.
Ach rinn e a dhol-à s. Thill e don Ghà idhealtachd. Tha diofar aithrisean ann air na thachair dha an uair sin. Tha cuid ag rà dh gun do thill e don Dubh-bhruach. Ach cha bhiodh sin ro choltach oir chaidh gearastan de shaighdearan dearga a stèidheachadh an sin an dèidh Chùil Lodair. Tha cuid eile ag rà dh gun robh e na thà illear ann an Ach an Droighinn, baile beag ri taobh Baile a’ Chaisteil Brà igh Mhà rr. Ge bith dè thachair dha aig an à m sin, an ceann greis bha e a’ fuireach ann an Gleann Lethnochd ann am Brà igh Aonghais.
Phòs e tè Mà iri Chuimeanach a bha mòran na b’ òige na e. Tha e coltach gun robh ise cuideachd à Brà igh Mhà rr. Bha dithis chloinne aca. Chaidh na bliadhnaichean seachad agus chaochail Mà iri aig aois seasgad ’s a còig (65) ann an ochd ceud deug ’s a h-aon-deug (1811). Chaidh a tiodhlacadh far an robh iad a’ fuireach – ann an Gleann Lethnochd.
Bha Pà draig – no Dubrach – gu math aithnichte mar fhear a bh’ air a bhith a-muigh leis a’ Phrionnsa. Ach bha e gu bhith a’ fàs na b’ ainmeile buileach. Oir nuair a bha e ceud ’s a h-ochd bliadhna a dh’aois, choinnich e ris an Rìgh. Am biodh an seann Seumasach seo deònach aideachadh gun do rinn e mearachd ann am Bliadhna a’ Phrionnsa? Chì sinn dè thuirt e ris an Rìgh an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: µţ±ôĂ °ů ChĂąil Lodair: The Battle of Culloden; ionad-taisbeanaidh: exhibition/visitor centre; PĂ draig Grannd: Peter Grant; Dubrach: An Dubh-bhruach (W of Linn of Dee); Uisge Dè: River Dee; far-ainm: nickname; Seumasachd: Jacobitism; µţ±ôĂ °ů Sliabh a’ Chlamhain: The Battle of Prestonpans (originally Gladmuir); Cathair Luail: Carlisle; MĂ iri Chuimeanach: Mary Cumming; aithnichte: well-known.
Ěý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: chan fhada gus am bi an latha oirnn: it won’t be long until the day is upon us; gum bi barrachd dhaoine nan Ă bhaist: that there’ll be more people than normal;ĚýUrras NĂ iseanta na h-Alba: The National Trust for Scotland: BrĂ igh MhĂ rr ann an Siorrachd Obar Dheathain: Braemar in Aberdeenshire; anns an robh a’ chuid a bu mhotha dhen t-sluagh nan GĂ idheil agus nan Caitligich: in which most of the people were Gaels and Catholics; ciad ar-a-mach nan Seumasach: the first Jacobite rebellion; airson a chlaidheamh a thogail as leth TheĂ rlaich Ă’ig: to pick up his sword on behalf of Young [Bonnie Prince] Charles; a chuid obrach mar thĂ illear: his work as a tailor; chaidh e an cois arm a’ Phrionnsa: he joined the Prince’s army; gun robh e ri gaisgeachd mhòr: that he was involved in heroism; ged a bhathar ag rĂ dh gun do mharbh e fhèin grunn saighdearan dearga: although it was said that he himself killed several redcoat soldiers; chaidh a chur an grèim: he was captured; rinn e a dhol-Ă s: he made his escape; chaidh gearastan de shaighdearan dearga a stèidheachadh an sin: a garrison of government soldiers was established there; Ach an Droighinn, baile beag ri taobh Baile a’ Chaisteil BrĂ igh MhĂ rr:ĚýAuchendryne, a village next to the Castleton of Braemar (now Braemar village); ge bith dè thachair dha: whatever happened to him; an ceann greis bha e a’ fuireach ann an Gleann Lethnochd: some time later he was living in Glen Lethnot; chaidh a tiodhlacadh: she was buried; na b’ ainmeile buileach: even more famous; am biodh X deònach aideachadh: wouldĚýX be willing to admit?
Puing-chĂ nain na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach: BrĂ igh Aonghais: the upland country of Angus. The original for the anglicised Angus is the Gaelic Aonghas (just like the personal name and, in fact, theĚýcounty/district name probably derives from a personal name). But in Gaelic we differentiateĚýbetween the high ground (the “Angus Glens”) and the low ground to the south and east of Strathmore, including the strath. The high ground is BrĂ igh Aonghais and the flat country is Machair Aonghais and it would be normal in Gaelic to be more specific than just sayingĚý“A´Ç˛Ô˛µłó˛ą˛ő”.
GnĂ thas-cainnt na Litreach
GnĂ thas-cainnt na Litreach: b’ esan am fear mu dheireadh a chaochail a bh’ air a bhith an lĂ thair aig CĂąil Lodair air latha a’ bhatail: he was the last man to die who had beenĚýpresent at Culloden on the day of the battle.
Broadcasts
- Fri 4 Apr 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
- Sat 5 Apr 2008 10:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.