
04/07/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 470
Duration: 05:43
Litir 470: Na Trì Coin Uaine
Bu mhath leam stòiridh innse dhuibh an t-seachdain seo. ’S e seann stòiridh a th’ ann agus ’s e an t-ainm a th’ air “Na Trì Coin Uaine”. Chaidh a chruinneachadh ann an Eilean Eige o chionn fhada.
Bha ann uaireigin prionnsa agus a phiuthar. Chaochail an athair agus am mà thair. Bha am prionnsa agus a phiuthar a’ fuireach còmhla. Gach latha bhiodh am prionnsa a’ falbh don mhonadh às dèidh nan caorach. Mus fhalbhadh e, bhiodh e ag iarraidh air a phiuthair gun a falt a chìreadh no an uinneag thuath fhosgladh gus an tigeadh e dhachaigh.
Latha a bha seo, thachair am prionnsa ri duine sa mhonadh. Bha trì coin uaine aig an duine.
“An ceannaich thu na coin seo bhuam?” ars an duine.
“Chan eil dad agam a bheirinn dhut air an son,” fhreagair am prionnsa. “An toireadh tu molt dhomh air an son?” thuirt am fear eile. “Bheireadh,” thuirt am prionnsa.
“Thèid mise an urras nach gabh thu aithreachas airson sin,” ars an duine. “Is iad ainmean nan con – Fios, Luaths agus Trom. Nuair a thèid thu don bheinn-sheilg cha bhi agad fhèin ach suidhe air cnoc agus na coin a chur air falbh. Bidh fios aig Fios far am bi na fèidh. Beiridh Luaths orra. Agus bheir Trom dhachaigh iad.”
Sin mar a bha. Fhuair an duine am molt agus fhuair am prionnsa na coin. An ath mhadainn, dh’fhalbh am prionnsa don bheinn-sheilg. Ach bha uiread toileachais air ’s gun do dhìochuimhnich e innse do phiuthar gun a falt a chìreadh no an uinneag thuath fhosgladh gus an tigeadh e dhachaigh.
Shuidh am prionnsa air cnoc. Chuir e na coin air falbh. Bha fios aig Fios far an robh na fèidh. Rug Luaths orra. Thug Trom dhachaigh iad.
Nuair a bha iad air an rathad dhachaigh thug Fios naidheachd don phrionnsa. Dh’innis e dha gun robh trì famhairean air a dhol a choimhead a pheathar. Rinn na famhairean uamh fon taigh. Rinn iad toll tron ùrlar. Air an toll chuir iad sguiteal (trapdoor). Air an sguiteal chuir iad cathair. Rinn iad fhèin agus a’ phiuthar suas eatarra gun iarradh ise air a brà thair suidhe air a’ chathair. Bhiodh e a’ tuiteam don uaimh agus dh’itheadh na famhairean e.
“Gabh thusa mo chomhairle,” thuirt Fios ris a’ phrionnsa. “Na suidh air a’ chathair idir. Nuair a bheir thu am brochan againn dhen teine, cuir air an sguiteal e. Thèid mi fhìn agus an dà chù eile am bad a chèile. Cuiridh sinn car dhen phoit, agus dhen sguiteal. Tuitidh am brochan mu chinn nam famhairean agus thèid an losgadh.”
Sin mar a bha. Nuair a thà inig am prionnsa dhachaigh thòisich a phiuthar air a ghrà dhachadh. Dh’iarr i air suidhe air a’ chathair.
“Cha shuidh,” ars esan. “Suidhidh mi far an togair mi fhìn.”
Thug e am brochan dhen teine. Chuir e air an sguiteal e. Thòisich na coin air sabaid. Chuireadh car dhen phoit agus dhen sguiteal. Thuit am brochan mu chinn nam famhairean agus a-mach air an doras a ghabh iad.
A-mach às an dèidh ghabh am prionnsa agus na coin. Dhall iad air na famhairean. Chaidh na famhairean a-steach air doras na h-uamha. Thill am prionnsa agus na coin dhachaigh agus ghabh iad fois.
An ath mhadainn thill am prionnsa agus na coin don bheinn-sheilg. Agus dè bha a’ dol a thachairt air an latha sin? Faodar a bhith cinnteach nach robh droch obair nam famhairean seachad fhathast.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 4 Jul 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.