
01/08/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 474
Duration: 05:17
Litir 474: Eilean Hòdhaigh
Ann an ceann a tuath Eilean Hòdhaigh ann an Arcaibh tha à ite air a bheil Glens of Kinnaird. Tha an t-ainm sin a’ coimhead rudeigin Gà idhealach, nach eil? Ach a bheil e? Chan urrainn dhomh a bhith cinnteach. Thug an sgoilear Ùisdean Marwick sùil air a’ chùis trà th san fhicheadamh linn agus cha b’ urrainn dhà san a bhith cinnteach nas motha. Ann an grunn à iteachan ann an Arcaibh, lorgar glen no glens, agus loch – is eadhon lochan. Ach ’s dòcha gur e as coireach nach eil na h-ainmean sin uabhasach sean, no gun deach na faclan fhèin a-null mar fhaclan-iasaid don Bheurla Arcaich.
Thug Marwick sùil air ainmean-à ite ann an Arcaibh a dh’fhaodadh a bhith Ceilteach – bho chà nan nan Cruithneach a bha a’ fuireach ann ro na Lochlannaich – no eadhon bhon Ghà idhlig. Tha cuid dhen bheachd gun robh Gà idhlig aig na manaich a lorg na Lochlannaich ann – tha ainmean mar Papa Westray, Papa Stronsay is Papdale a’ comharrachadh nam manach sin.
Bha Marwick dhen bheachd gu robh bailtean-fearainn air a bheil Airy a’ faighinn an ainmean bhon fhacal Gà idhlig à irigh – a shieling. Tha fios againn gun deach am facal sin a-null do chà nan nan Lochlannach ann an Alba. Tha à iteachan air a’ Ghà idhealtachd air a bheil ainmean Lochlannach, le a-r-y –ary aig an deireadh. ’S e sin a’ Ghà idhlig à irigh – ach ann an Lochlannais. ’S e Kernsary ann an Ros an Iar eisimpleir dhiubh.
Chan urrainn dhomh mìneachadh carson a ghabh na Lochlannaich grèim air an fhacal Ghà idhlig sin oir bha facal acasan a bha a’ ciallachadh an aon rud – setr ann an seann Lochlannais. Tha ainmean-à ite ann an Leòdhas a’ tighinn bho setr – leithid Siadair, Ungasiadair is Cairisiadair. Ach bha am facal a thà inig bhon Ghà idhlig air a chleachdadh ann an Lochlannais anns an t-seann là mh-sgrìobhainn mu Arcaibh – an Orkneyinga Saga.
’S e facal eile a nochdas ann an ainmean Arcach a dh’fhaodadh a bhith bhon Ghà idhlig – brà ighe. Tha e cà irdeach don fhacal brae ann an Albais ach tha e a’ nochdadh ann an co-dhiù dà ainm Arcach ann an riochd car Gà idhealach – Braemore faisg air Stenness air Tìr-mòr Arcaibh, agus ann am Faraclett ann an Rousay far a bheil leathad air a bheil Brae-an-finyan. A-rithist, chan urrainn dhomh a rà dh dè cho sean ’s a tha fear seach fear de na h-ainmean sin.
Ann an Eilean Shanndaigh – no Sanday – tha à ite ann air a bheil the Kirk and Kill o’ Howe – dà chnoc le ceud meatair eatarra. Bha Ùisdean Marwick dhen bheachd gum b’ e an Kill – ceall no cille ann an Gà idhlig, is gun robh seann eaglais ann ri linn nan Ceilteach.
An uair sin thà inig na Lochlannaich agus thog iad kirk no eaglais aca fhèin pìos beag air falbh bhon t-seann eaglais Cheiltich.
Tha feadhainn cuideachd dhen bheachd gu bheil egil anns an ainm Egilsay – eilean eile ann an Arcaibh – a’ tighinn bho eaglais. Agus gu bheil Kili Holm, eilean beag dìreach gu tuath air Egilsay, a’ ciallachadh eilean na cille – le Kili a’ tighinn bhon Ghà idhlig.
Chan urrainn dhomh a rà dh le cinnt cia mheud facal Gà idhlig, no Cruithneach, a tha beò an-diugh ann an ainmean-à ite Arcaibh. Glè bheag, chanainn. Tha a’ mhòr-chuid de na h-ainmean Lochlannach, ged a chaidh an atharrachadh gu dreach ùr stèidhichte air a’ Bheurla Arcaich. Ach tha iad gu math inntinneach, agus tha iad mar phà irt de dhìleab là idir nan Lochlannach anns na h-Eileanan mu Thuath.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: trà th san fhicheadamh linn: early in the 20th Century; cha b’ urrainn dhà san a bhith cinnteach nas motha: he couldn’t be certain either; lorgar X: X is found; ’s dòcha gur e as coireach nach eil na h-ainmean sin uabhasach sean: perhaps the reason is that those names are not terribly old; mar fhaclan-iasaid don Bheurla Arcaich: as loanwords into the Orkney dialect; bho chà nan nan Cruithneach: from the language of the Picts; a’ comharrachadh nam manach: commemorating the monks; aig an deireadh: at the end; ’s e X ann an Ros an Iar eisimpleir dhiubh: X in Wester Ross is an example of them; a bha a’ ciallachadh an aon rud: which meant the same thing; cà irdeach do X ann an Albais: related to X in Scots; co-dhiù dà ainm Arcach ann an riochd car Gà idhealach: at least two Orkney names in a rather Gaelic form; dà chnoc le ceud meatair eatarra: two hills a hundred metres apart; ri linn nan Ceilteach: at the time of the Celts; dìreach gu tuath air X: just to the north of X; chan urrainn dhomh a rà dh le cinnt: I can’t say for certain; chaidh an atharrachadh gu dreach ùr stèidhichte air a’ Bheurla Arcaich: they became changed to a new form based on the Orkney dialect; dìleab là idir nan Lochlannach anns na h-Eileanan mu Thuath: the strong legacy of the Norse in the Northern Isles.
Puing-chĂ nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 1 Aug 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.