
08/08/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 475
Duration: 05:43
Litir 475: Sigurd Eysteinsson agus Maelbrigte Fiacail
Tha mòran de sheann eachdraidh Arcaibh ri lorg anns an t-seann mhòr-sgeul, Orkneyinga Saga. Cha b’ e Arcaich a sgrìobh e, ge-ta, ach feadhainn à Innis Tìle. Rinn iad an sgrìobhadh aig deireadh an dà rna linn deug.
Anns an Orkneyinga Saga, tha stòiridh ann mu dheidhinn batail eadar an t-iarla Arcach, Sigurd Eysteinsson (Sigurd Cumhachdach), agus an t-iarla Albannach Maelbrigte Fiacail. Bha fiacail mhòr a’ stobadh a-mach à beul Mhaelbrigte. Bha i coltach ri starr-fhiacail tuirc.
Bha an dithis air aontachadh coinneachadh ri chèile ann am Moireibh. Bha iad nan nà imhdean ach bha iad air aontachadh gum feuchadh iad ri rèite fhaighinn. Dh’aontaich iad gun toireadh gach duine aca ceathrad fear còmhla ris.
Ge-tà , cha do chuir Sigurd earbsa anns na h-Albannaich. Bha e dhen bheachd nach gabhadh earbsa cur annta. Thug e a dhà uiread de dh’fhir còmhla ris oir bha e a’ smaoineachadh gun dèanadh na h-Albannaich an aon rud. Chuir e dithis air gach each.
Nuair a thà inig an dà fheachd faisg air a’ chèile, chunnaic Maelbrigte gun robh Sigurd ri cealg. “Rinn Sigurd amadain dhinn,” thuirt e. “Chì mi casan dithis fhear air cliathaich gach eich. Feumaidh gu bheil a dhà uiread de dhaoine ann ’s a tha de dh’eich. Gidheadh, feumaidh sinn ar misneachd a dhearbhadh. Feumaidh gach duine againn feuchainn ri co-dhiù aon duine a mharbhadh mus fhaigh e fhèin bà s.”
Misneachd ann no à s, cha robh cothrom aig na Gà idheil. Nuair a bha an t-sabaid seachad, bha Maelbrigte agus a chompanaich marbh air a’ bhlà r.
Ach chan e sin deireadh an sgeòil. Rinn Maelbrigte Fiacail dìoghaltas air Sigurd. Ciamar? Uill, bha Sigurd ag iarraidh sealltainn mar a thug e buaidh. Gheà rr na Lochlannaich cinn nan laoch Albannach dhiubh. Cheangail iad na cinn do na dìollaidean aca. Cheangail Sigurd ceann Mhaelbrigte don dìollaid aige fhèin.
Cha robh an t-each aig Sigurd a’ dol luath gu leòr. Chuir e a spor an sàs na chliathaich. Ach bhuail e a chalpa anns an fhiacail a bha a’ stobadh a-mach à beul Mhaelbrigte. Fhuair e lot na chois. Bha an lot air a phuinnseanachadh. Chaidh e air at. Mus d’ fhuair e dhachaigh, chaochail Sigurd Cumhachdach. Chaidh a thiodhlacadh air bruach Abhainn Oiceall.
Tha sgeulachd dhen t-seòrsa seo a’ mìneachadh mar a thòisich an Kirkwall Ba’ Game – gèam ainmeil anns a bheil na ceudan an sàs air an latha ron Nollaig agus air Latha na Bliadhn’ Ùire gach bliadhna. Feuchaidh gach sgioba ri ball car coltach ri ball-coise a thoirt gu taobh thall a’ bhaile. Tha an cluich gu math gargail.
Thathar ag rà dh gun robh fear òg à Arcaibh air a dhol gu tìr-mòr na h-Alba airson sabaid le fear air an robh “Tusker” – fear le fiacail mhòr. Rinn an gille òg a’ chùis air Tusker, gheà rr e a cheann dheth agus cheangail e a cheann ri a dhìollaid.
Air an rathad dhachaigh, rinn an fhiacail mhòr lot ann an cas a’ ghille. Chaidh an lot a phuinnseanachadh. Rà inig an gille Kirkwall. Bha mòran a’ feitheamh ris. Thilg e ceann a nà mhaid don t-sluagh. Ach goirid às dèidh sin, chaochail e. Bha an sluagh cho feargach mu bhàs a’ ghille ’s gun do bhreab iad an ceann tro na srà idean. Agus ’s ann mar sin a thòisich an Kirkwall Ba’ Game. Aidh, ceart, mar a thuirt am fear eile.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Chì mi casan dithis fhear air cliathaich gach eich: I can see the legs of two men on the side of each horse. Why is it eich rather than each? The reason is that the noun is in the genitive singular (gach takes the singular). If you’re unsure, think of replacing gach with the article (an). We’d say air cliathaich an eich (on the side of the horse), so we say air cliathaich gach eich. Here’s another example: tha cà rn air mullach gach cnuic (there is a cairn on the summit of every hill). We’d say tha cà rn air mullach a’ chnuic, but gach does not require lenition so chnuic becomes cnuic (the genitive singular form of cnoc).
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 8 Aug 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.