
22/08/2008
Sreath de litrichean GĂ idhlig a bheir taic do luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain.
Series of letters for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 477
Duration: 05:33
Litir 477: Eilean Chanaigh
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu dhroch rud a thachair dhomh nuair a bha mi a’ seòladh ann an gheat o chionn beagan seachdainean. Bidh sibh toilichte a chluinntinn nach can mi an còrr mu chur na mara an t-seachdain seo!
Bu mhath leam, ge-tà , innse dhuibh mu rudeigin math a thachair dhomh air an dearbh thuras mara. Bha sinn ann an Canaigh airson na h-oidhche. ’S e eilean brèagha a th’ ann agus bha e math dhomh a dhol air ais. Bha mi ann dìreach aon turas roimhe – anns na h-ochdadan. Fhuair mi a-mach gu bheil Gà idhlig fhathast beò anns an eilean oir bha mi a’ bruidhinn ri fear de na h-eileanaich anns a’ chà nan againn.
Thathar ag obair air stòras iongantach Fear Chanaigh anns an Taigh Mhòr – ga chur an òrdugh. ’S e cruinneachadh air leth a th’ ann, mòran dheth co-cheangailte ri dualchas nan Gà idheal. Anns an ùine romhainn bidh mòran a’ tadhal air Canaigh airson rannsachadh a dhèanamh.
Sheòl sinn a-mach à Eilean Chanaigh mu mheadhan-latha oir bha sinn a’ dol a dhèanamh air eilean beag iongantach – Òigh-sgeir. Tha Òigh-sgeir na laighe anns a’ chuan gu siar air Rùm, is beagan mhìltean an iar-dheas air Canaigh. Tha taigh-solais mòr oirre.
Nise, bu chòir dhomh dèanamh soilleir an-drà sta nach eil mi a’ bruidhinn mu Heisgeir gu siar air Uibhist. Tha an dà ainm uabhasach coltach ri chèile. Tha cuid a’ cumail a-mach gu bheil Òigh-sgeir, faisg air Canaigh, a’ ciallachadh “virgin rock”, ach tha mi a’ smaoineachadh nach e ainm Gà idhlig a bh’ ann bho thùs ach ainm Lochlannach.
Bha rud sònraichte fa-near dhuinn a-muigh aig Òigh-sgeir. Bha sinn an dòchas dà ghnè de bheathach fhaicinn – mucan-mara agus cearbain. Uill, cha b’ e sin an latha airson mucan-mara. An latha roimhe, chunnaic sinn tè mhiongaidh faisg air Canaigh. Ach eadar Canaigh is Òigh-sgeir cha robh sgeul air muc-mhara sam bith.
Ach bha sinn fortanach a thaobh cearbain. Nuair a dhlùthaich sinn ri taobh an ear an eilein chunnaic sinn dà ite a’ briseadh uachdar na mara. Dà ite mhòir dhuibh! Dà chearban! Airson greis mhath, choimhead sinn orra. Bha iad a’ snà mh timcheall lem beòil fosgailte, a’ criathradh biastagan beaga na mara. Abair gun robh iad mòr.
Chaidh m’ inntinn air ais don leabhar iongantach a sgrìobh Gavin Maxwell mu ghnìomhachas a thòisich e ann an Sòdhaigh às dèidh a’ Chogaidh – “Harpoon at a Venture”. Bha iad a’ glacadh nan cearban le mòr-ghathan no harpoons. Bha e furasta gu leòr an cur anns na h-èisg oir cha bhi iad a’ snà mh air falbh. Ach cha robh e cho furasta an uair sin na h-èisg a chur fo smachd is an toirt gu tìr. Tha iad mòr is là idir. Gu pearsanta, tha mi toilichte nach eilear a’ sealg nan cearban tuilleadh. Tha iad airidh air dìon.
Chaidh sinn a-null don chaolas eadar Òigh-sgeir, far a bheil an taigh-solais, agus an Garbh-sgeir ri a taobh. Tha an dà eilean iongantach oir tha iad air an dèanamh de cholbhan de bhasalt, ach mòran nas caoile nan fheadhainn ann an Stafa. Chaidh dithis de chriutha a’ gheat air bhog sa chaolas ann am bà ta beag rubair. Cha b’ fhada gus an robh iad am measg còmhlan eile de chearbain, agus gach iasg nas motha nam bà ta. An do ghabh iad eagal? Ghabh! Tha e math gu bheil na cearbain cho socair, sèimh!
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: gheat: yacht; Canaigh: Canna; na h-ochdadan: the eighties; taigh-solais: lighthouse; Sòdhaigh: Soay (near Skye); caolas: narrow sea passage; socair, sèimh: placid and peaceful.
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: dà ite mhòir dhuibh: two big black fins. Because ite is feminine, following dà (which puts it in the dual case, equivalent to the dative singular) any noun is traditionally slenderised (although ite itself cannot be slenderised as it is already slender). The qualifying adjectives obey the rule, whether or not the noun is able to – thus we slenderise mhòr and dhubh. But many people today would say dà ite mhòr dhubh, ignoring the historical slenderisation.
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 22 Aug 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.