
05/09/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIlleathain.
This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 479
Duration: 05:24
Litir 479: Muileann-cotain ann an Stanley
Cha b’ ann le deòin no fathann taitneisÂ
Chuir sinn cĂąl ri fearann ’s acfhuinn,Â
Treud chrodh-laoigh is chaora thapaidh,Â
Corca ’s eòrna crom nam pailteas,
Siud a thug ar cuimhne leinn.
Chan eil fhios a’m a bheil sibh ag aithneachadh na bà rdachd sin no cò air a tha am bà rd a-mach. ’S e am bà rd Aonghas Dubh MacNeacail agus tha e a-mach air daoine a thrèig an cuid fearainn airson beatha ùr co-cheangailte ri tionnsgalachd an ochdamh linn deug. Seo pìos eile bhon dà n:
Aig deireadh latha na mo shuaimhneas,Â
Fuaim an uisge ruith trom smuainteanÂ
’S a’ pasgadh fearsaid lĂ n a chadail,Â
SnĂ th mo shaothair grinn na thlachd dhomh,Â
Neart na spèis a thug sinn leinn.
’S dòcha gun do dh’obraich sibh a-mach gun robh na daoine anns an dà n ag obair ann am muileann-cotain. Bha am muileann ann an Stanley ann an Siorrachd Pheairt agus, ma tha sibh airson an còrr dhen dà n aig Aonghas Dubh a leughadh, feumaidh sibh a dhol ann. Tha a’ bhuidheann Alba Eachdraidheil air ionad turasachd fhosgladh ann. Agus dh’iarr iad air Aonghas pìos de bhà rdachd Ghà idhlig a sgrìobhadh airson an taisbeanaidh. Tha bà rdachd ann cuideachd ann am Beurla is Albais.
Tha Stanley air bruach Abhainn Tatha, beagan mhìltean shuas an abhainn bho bhaile mòr Pheairt. Tha ainm a’ tighinn bho theaghlach Iarla Derby, oir rinn iadsan ceangal tro phòsadh le teaghlach Diùc Athall anns an t-seachdamh linn deug. B’ e Diùc Athall uachdaran na sgìre. Cha robh mòran ann an Stanley airson ceud bliadhna. Ach ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a sia (1786) chaidh baile ùr a stèidheachadh ann, le muilnean-cotain mòra na chois. Bha na muilnean stèidhichte air an inneal a rinn Ridseard Arkwright, an t-innleachdair Sasannach.
Dh’fhàs muilnean Stanley gu math mòr. ’S ann dìreach ann an naoi ceud deug, ochdad ’s a naoi (1989) a sguir iad. Agus aig an toiseach bha an t-uabhas de Ghà idheil ag obair ann – daoine às na glinn ann an Siorrachd Pheairt fhèin. Chualas Gà idhlig gu leòr am measg bragadaich na h-uidheamachd.
Sin Stanley ann an nuadh-eachdraidh na h-Alba. Ach tha an t-à ite ainmeil, co-dhiù a rèir beul-aithris, ann an seann eachdraidh na h-Alba. Tha e co-cheangailte ris a’ chluaran no fòghnan. Agus mar a tha an lus sin na shuaicheantas nà iseanta do dh’Alba.
Faisg air Stanley tha eileach, no cairidh, anns an abhainn. Aig aon à m bha e a’ dol tarsainn na h-aibhne bho bhruach gu bruach. Chaidh a bhriseadh sa mheadhan san naoidheamh linn deug airson leigeil le bradain faighinn suas an abhainn. Faisg air an eileach bha arm na h-Alba a’ campachadh. Bha arm Lochlannach anns an nà baidheachd, ach air taobh eile na h-aibhne.
Air an oidhche chaidh na Lochlannaich tarsainn na h-aibhne air an eileach. Bha iad airson ionnsaigh a thoirt air na h-Albannaich gun fhiosta dhaibh. Mar sin, bha iad casruisgte. Ach nuair a rà inig iad am bruach thall, sheas fear de na Lochlannaich air cluaran. Dh’èigh e le pian. Dhùisg na h-Albannaich agus rinn iad a’ chùis air na Lochlannaich.
Agus ’s e sin as coireach gur e an cluaran lus nà iseanta na h-Alba. Ann an Albais, ’s e Thistle Brig a chanar ris an eileach. Bhiodh e inntinneach faighinn a-mach dè chanadh na Gà idheil ris, an dà chuid anns an t-seann aimsir nuair a b’ i a’ Ghà idhlig cà nan na sgìre, agus anns an ochdamh is naoidheamh linn deug nuair a bha na h-uibhir aig an robh Gà idhlig ag obair anns na muilnean ann an Stanley.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 5 Sep 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.