
12/09/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIlleathain.
This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 480
Duration: 05:05
Litir 480: Diofar sheòrsaichean de chlamhain
Bha mi ann am meadhan na Cuimrigh, air an trèana a’ dol gu ruige Aberystwyth. Bha an dùthaich mu mo thimcheall gu math brèagha. Bha achaidhean gorm’ ann is doireachan beaga, le corra taigh an siud ’s an seo. An uair sin, chunnaic mi e. Clamhan mòr anns an adhar.
Nise, tha diofar sheòrsaichean de chlamhain ann. Mar eisimpleir, an clamhan, no buzzard ann am Beurla, an clamhan fionn, no hen harrier, agus an clamhan riabhach, no honey buzzard. Ach bha earball gobhlach air an eun a chunnaic mi bhon trèana. Bha mi a’ coimhead air clamhan gobhlach – no red kite.
Carson a thug sin toileachas dhomh, oir tha iad cumanta gu leòr faisg air far a bheil mi a’ fuireach air a’ Ghà idhealtachd? Chithear gu tric iad ann an Ros an Ear. Ge-tà , cha b’ ann mar sin a bha cùisean o chionn fichead bliadhna. An uair sin, b’ e a’ Chuimrigh an t-aon à ite ann am Breatainn far an robh an clamhan gobhlach ri fhaicinn. Bha an t-eun a chunnaic mi bhon trèana anns an aon à ite anns na h-eileanan seo far an do dh’fhuirich a leithid beò.
Bha e uaireigin pailt ann am bailtean mòra Bhreatainn. Rinn Uilleam Shakespeare iomradh air cho pailt ’s a bha iad ann an Lunnainn ri a linn. Bhiodh iad a’ tighinn beò air an sgudal air na srà idean. Agus bha iad pailt a-muigh air an dùthaich cuideachd. Bhiodh daoine gam faicinn gu tric air sgèith, gun ghluasad, os cionn achadh. ’S e sin as coireach gun tugadh an t-ainm kite air iteileag ann am Beurla.
Ghlan sinn ar bailtean mòra. Agus, anns an naoidheamh linn deug, mharbh geamairean tòrr chlamhan gobhlach, a’ smaoineachadh gun robh iad a’ sgrios nan cearcan-fraoich ’s a leithid. Thuit an à ireamh dhiubh gu mòr.
Tha abairt againn ann an Gà idhlig – chuir sin an clamhan gobhlach am measg nan cearc. Tha sin coltach ri “that put the cat among the pigeons” ann am Beurla. Ge-tà , tha luchd-glèidhteachais ag rà dh nach dèan iad cron mòr sam bith air cearcan no air cearcan-fraoich.
Mu dheireadh ’s e meadhan na Cuimrigh, far nach robhar a’ sealg chearcan-fraoich, an aon sgìre far an robh an clamhan gobhlach. Ach cha do thuig mi, gus an robh mi ann an Tregaron, cho gann ’s a bha iad sa Chuimrigh cuideachd. Ann an Tregaron, baile beag faisg air Aberystwyth, tha taigh-tasgaidh ann don barcud coch mar a chanas iad nan cà nan fhèin – an “clamhan ruadh”. Aig toiseach an fhicheadamh linn, bha an à ireamh dhiubh air a dhol sìos gu trì paidhrichean.
Ghabh luchd-glèidhteachais gnothach riutha. Thug iad uighean a-steach bhon Spà inn agus chuir iad iad ann an neadan chlamhan à bhaisteach. Rugadh gu leòr de dh’iseanan ach, gu mì-fhortanach, bidh an clamhan gobhlach Spà inneach a’ dol air seachran gu nà darrach – agus dh’fhalbh a’ chuid a bu mhotha de na h-eòin nuair a bha iad mòr gu leòr!
Ach lean an luchd-glèidhteachais orra len oidhirpean gus an t-eun a dhìon. Anns na seasgadan, dh’èirich an à ireamh dhiubh gu fichead paidhir agus tha piseach air tighinn orra bhon uair sin. Tha, is ann an Alba cuideachd, far an deach eòin a thoirt a-steach bhon Ghearmailt agus bhon t-Suain.
’S e eachdraidh a’ chlamhain ghobhlaich eachdraidh thruagh, air a leantainn le stòiridh brosnachail. Dìreach mar a tha eachdraidh cà nan na Cuimrigh. Thug e toileachas dhomh gun robh i air a bruidhinn gu nà darrach leis a h-uile duine a bha ag obair ann an taigh-tasgaidh a’ chlamhain ghobhlaich ann an Tregaron.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 12 Sep 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.