
19/09/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIlleathain.
This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 481
Duration: 05:15
Litir 481: Reachdas Eilean ĂŚ
Tha ceist agam dhuibh aig toiseach na Litreach an t-seachdain seo. An ath-bhliadhna – ann an dà mhìle ’s a naoi (2009) – bithear a’ comharrachadh droch thachartas ann an eachdraidh nan Gà idheal ann an Alba. Tachartas a thug buille chruaidh dha-rìribh air na Gà idheil mar shluagh.
A bheil fios agaibh dè bh’ ann? Thachair e o chionn ceithir cheud bliadhna – an ath-bhliadhna – ann an sia ceud deug ’s a naoi (1609). ’S dòcha nach robh e cho cruaidh air na Gà idheil ann an taobh sear is meadhan na Gà idhealtachd ach bha e cruaidh orra air an taobh an iar. Rinn e cinnteach gur ann air an rathad sìos a bhiodh a’ Ghà idhlig ann an Alba, eadhon air a’ Ghà idhealtachd, bho sin a-mach. Dh’fhaodar a rà dh gu bheil sinn fhathast a’ fulang a bhuaidh.
Innsidh mi dhuibh dè bh’ ann. As t-samhradh sia ceud deug ’s a naoi (1609), chaidh Reachdas Eilean Ì a chur an sà s. Ann am Beurla thathar eòlach air mar The Statutes of Iona. An ath-bhliadhna bu chòir do na Gà idheil a bhith a’ foillseachadh dè dìreach a bh’ ann an Reachdas Ì oir lean faisg air ceithir cheud bliadhna de leth-bhreith leis an stà it an aghaidh ar cà nain, ar cultair ’s ar dearbh-aithneachaidh.
Bha Seumas VI air an rìgh-chathair aig an à m. Bho fhuair e crùn Shasainn, a bharrachd air crùn na h-Alba, ann an sia ceud deug ’s a trì (1603), thòisich e air a bhith cruaidh air na Gà idheil. Bha an dubh-ghrà in aige air muinntir na Gà idhlig anns an fharsaingeachd, ach gu seachd à raidh air na h-eileanaich. Ann an sia ceud deug ’s a naoi (1609), ghluais e gus fineachan an taobh an iar a chur fo a smachd.
Chaidh na cinn-chinnidh mar a leanas a chur an grèim le foill. À Ìle bha Aonghas Dòmhnallach. À Muile bha Eachann MacIlleathain às an Dubh-à ird agus a bhrà ithrean Lachlann is Ailean, agus Lachlann MacIlleathain an Locha Bhuidhe. Às an Eilean Sgitheanach bha Dòmhnall Gorm Dòmhnallach à Slèite agus Ruairidh MacFhionghain às an t-Srath. À Uibhist bha Dòmhnall Dòmhnallach Chlann Raghnaill. A bharrachd air sin bha Ruairidh MacLeòid às Na Hearadh, Gilleasbaig MacGuaire à Ulbha agus Dòmhnall Mac-a-Phì à Colbhasa.
Chaidh na cinn-chinnidh sin a thoirt gu dà il, no co-labhairt, ann am Muile. Chaidh cuireadh a thoirt dhaibh dhol air bòrd soitheach anns am biodh Easbaig nan Eilean, Anndra Knox, a’ searmonachadh. Chaidh iad ann, gu neoichiontach, agus chaidh an cur an grèim. Dh’aontaich iad dhol gu dà il eile ann an Ì.
Choinnich iad ann an Ì anns an Iuchar sia ceud deug ’s a naoi (1609). Bha dusan earrann anns an reachdas. Seo feadhainn dhiubh:
1. Dh’fheumadh na cinn-chinnidh an taic a thoirt don Eaglais Phròstanaich agus am ministearan a phà igheadh.
2. Bhiodh spidealan no taighean-òsta air an stèidheachadh far am faigheadh daoine à ite-fuirich.
3. Cha robh cead aig na cinn-chinnidh mòran uaislean a chumail san dachaigh aca tuilleadh.
4. Chan fhaodadh eileanach tuilleadh a bhith a’ ceannach fìon bho thall thairis, ged a bhiodh cead aca uisge-beatha a dhèanamh dhaibh fhèin.
5. Cha robh cead aig duine gunna a chleachdadh eadhon airson losgadh air fèidh,
maighich no eòin.
Ach bha dĂ earrainn eile ann an Reachdas ĂŚ a bha na bu mhiosa na gin dhiubh sin oir shĂ th iad sgian ann an cridhe nan GĂ idheal air taobh an iar na h-Alba. Bheir sinn sĂąil orra sin anns an ath Litir.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Reachdas Eilean Ì: The Statutes of Iona; rìgh-chathair: throne; dà il: meeting, convention (the Irish Parliament is the Dáil); gu neoichiontach: innocently; earrann: section.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: an ath-bhliadhna: next year; bithear a’ comharrachadh droch thachartas: a bad occurrence will be marked; a thug buille chruaidh dha-rìribh air X: which delivered a terrible blow to X; mar shluagh: as a people; bha e cruaidh orra air an taobh an iar: it was hard on them in the west; gur ann air an rathad sìos a bhiodh X: that X would be going downhill [“on the road down”]; fhathast a’ fulang a bhuaidh: still suffering [from] its influence; bha an dubh-ghrà in aige air muinntir na Gà idhlig anns an fharsaingeachd: he absolutely hated the Gaelic people in general; gus fineachan an taobh an iar a chur fo a smachd: to put the clans of the west under his control; chaidh na cinn-chinnidh mar a leanas a chur an grèim le foill: the following clan chiefs were arrested by treachery; dhol air bòrd soitheach anns am biodh Easbaig nan Eilean a’ searmonachadh: to go on board a vessel in which the Bishop of the Isles would be preaching; bhiodh spidealan no taighean-òsta air an stèidheachadh: wayside accommodation or inns would be established; cha robh cead aig X mòran uaislean a chumail san dachaigh aca tuilleadh: X were no longer permitted to keep many gentlemen in their home; chan fhaodadh eileanach tuilleadh a bhith a’ ceannach fìon bho thall thairis: islanders could no longer buy wine from overseas; gunna a chleachdadh eadhon airson losgadh air fèidh, maighich no eòin:to use a gun, even to shoot deer, hares or birds; shà th iad sgian ann an cridhe nan Gà idheal: it thrust a knife into the heart[s] of the Gaels.
Puing-chĂ nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ceithir cheud bliadhna de leth-bhreith leis an stà it an aghaidh ar cà nain, ar cultair ’s ar dearbh-aithneachaidh: four hundred years of discrimination by the state against our language, our culture and our identity. Leth-bhreith literally means “half judgement” ie “partiality” – supporting only one side of a particular argument. It has also come therefore to mean “discrimination” in more general terms. Leth is used in an enormous number of compounds, most commonly meaning “half” but also “one of a pair” eg leth-shùileach (one-eyed), leth-chasach (one-legged). For a good list of leth- compounds, see either Dwelly’s or Mark’s dictionaries.
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 19 Sep 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.