
10/10/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 484
Duration: 05:39
Litir 484: Sir Iain MacCoinnich
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun fhear-phoilitigs ainmeil Sir Iain MacCoinnich. Rugadh is thogadh e ann an taobh sear Rois ach ghluais e gu ruige New Zealand, no Sealan Nuadh, cuide ri bhean ann an ochd ceud deug is seasgad. Chaidh iad gu tìr ann am Port Chalmers, faisg air Dùn Èideann anns an Eilean mu Dheas. Bha tòrr dhaoine à Alba a’ fuireach anns an sgìre sin.
Leis gun do thogadh Iain mar ghille tuathanaich air a’ Ghàidhealtachd, bha e comasach air cìobaireachd is obair fearainn. Fhuair e obair sa bhad mar chìobair gu tuath air Dùn Èideann. Dh’obraich e gu cruaidh. Bhiodh a bhean ag ràdh gur gann gum fac’ i e nuair a bha solas an latha ann. Ach, taobh a-staigh dà bhliadhna, bha airgead gu leòr aca airson tuathanas a cheannach. Thug Iain “Ardross” mar ainm air an tuathanas – às dèidh an àite anns an do thogadh e ann an Alba.
Chaidh Iain an sàs ann am poilitigs aig ìre ionadail agus ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a h-aon (1881) chaidh a thaghadh mar bhall pàrlamaid. Bha e gu bhith air falbh tòrr dhen ùine ann am Wellington, prìomh bhaile na dùthcha.
Bha e na bhall de na Libearalaich a bha làidir anns an Eilean mu Dheas, gu h-àraidh ann an sgìrean dùthchail. Chuir e roimhe a bhith a’ dìon nan tuathanach beaga, agus a bhith ag adhartachadh còraichean nan daoine beaga fearann a bhith aca. Chunnaic e an sgrios a rinn uachdranachd fearainn ann an Alba. Nuair a bha e còig bliadhna a dh’aois, chunnaic e muinntir Ghleann Chailbhidh às dèidh gun deach am fuadachadh bhon dachannan.
Cha robh e idir airson ’s gun tachradh an aon rud ann an Sealan Nuadh. Agus fhuair e an cothrom a phoileasaidhean a chur an sàs aig ìre nàiseanta. Bha e na Mhinistear airson an Fhearainn agus an Àiteachais anns an Riaghaltas Libearalach eadar ochd ceud deug, naochad ’s a h-aon (1891) agus a’ bhliadhna naoi ceud deug (1900).
Rinn e ceithir rudan a dh’atharraich sealbh an fhearainn ann an Sealan Nuadh. Thug e a-steach cìs fearainn. Stèidhich e cothrom do dhaoine fearann a bhith aca air mhàl gu sìorraidh – rud ris an canar an “999-year lease” ann am Beurla. Cheannaich an Riaghaltas oighreachd mhòr, agus bhris iad an oighreachd airson tuathanasan beaga a chruthachadh. Agus stèidhich e ann an lagh cead a bhith aig an riaghaltas fearann a cheannach an aghaidh toil an duine leis an robh e. Agus còrr is ceud bliadhna mus deach còraichean muinntir na h-Alba coiseachd far an togradh iad air beanntan na dùthcha seo a stèidheachadh ann an lagh, bha Iain MacCoinnich airson ’s gum biodh còraichean mar sin aig muinntir Shealain Nuaidh.
Mus robh MacCoinnich na Mhinistear airson an Fhearainn, bha uachdranachd fearainn a’ fàs. Bha Sealan Nuadh a’ gluasad a dh’ionnsaigh modal rudeigin Albannach, anns am biodh mòran fearainn ann an làmhan beag-chuid de dhaoine beartach. Bha cuid de dh’oighreachdan fearainn, gu h-àraidh anns an Eilean mu Dheas, a’ fàs mòr mòr. Ach, anns an deichead san robh MacCoinnich na Mhinistear, chaidh 1.3 millean acaire fhosgladh airson tuathanasan beaga a chruthachadh. Fhuair seachd mìle teaghlach buannachd dhìreach às.
Ach bha aon bhuidheann nach robh toilichte oir bha fearann mòr aca – gu h-àraidh anns an Eilean mu Thuath. Na Maori. Chì sinn mar a thug poileasaidhean MhicCoinnich buaidh orrasan anns an ath Litir.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach: Bhiodh a bhean ag ràdh gur gann gum faca i e nuair a bha solas an latha ann: his wife would say that she hardly saw him during daylight hours [when there was daylight].
Broadcast
- Fri 10 Oct 2008 11:55ѿý Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.