Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Sat 18 Oct 2008 10:55

Clip

Litir 485: Sir Iain MacCoinnich

O chionn beagan mhìosan bha mi ann an Ceann Loch Chille Chiarain ann an Cinn Tìre. Bha mi anns an ionad-choimhearsnachd ùr anns a’ bhaile. Ri taobh an ionaid tha carragh-cuimhne mòr ann don Ridire Uilleam MacFhionghain. Feumaidh mi aideachadh nach robh mòran fios agam mu dheidhinn aig an àm sin.

Beagan seachdainean an dèidh sin, bha mi a’ cèilidh air caraidean air a’ Chomraich. Thug iad a-mach leabhar mu dheidhinn sgoil gu math inntinneach agus rudeigin ainmeil. Sgoil phrìobhaideach le ceangal làidir don Ghàidhealtachd. Chaidh iomadh Gàidheal òg tro a dorsan.

’S e an t-ainm air an leabhar “Keil School – a History” agus chaidh a sgrìobhadh le Barrach – fear Ruairidh MacAsgaill a thogadh ann an Eòlaigearraidh. Bha esan na sgoilear aig Keil School anns na tritheadan.

Agus dè an ceangal a th’ ann eadar an leabhar agus an carragh-cuimhne ann an Ceann Loch Chille Chiarain? Uill, mura b’ e Uilleam MacFhionghain, cha robh an sgoil air a bhith ann idir. Agus bha an carragh-cuimhne uaireigin ann an àrainn na sgoile, ged a bha e roimhe sin ann an Afraga. Airson a’ chùis a mhìneachadh, feumaidh mi innse dhuibh an toiseach mu bheatha Uilleim MhicFhionghain. Dh’èirich e gu bhith na dhuine air leth beartach is cliùiteach.

Rugadh e ann an ochd ceud deug, fichead ’s a trì (1823) ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bha na sinnsirean aige à Eilean Arainn agus bha athair na ghèidsear. B’ e Uilleam am fear a b’ òige ann an teaghlach mòr. Bha trì duine deug de chloinn ann. Fhuair e trèanadh mar ghrosair ach cha robh e riaraichte le bhith ag obair ann am bùth agus rinn e air Glaschu.

Às dèidh greis ag obair ann an oifis anns a’ bhaile sin, dh’fhalbh e do na h-Innseachan. Bha sin ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a seachd (1847) nuair a bha e fichead ’s a ceithir bliadhna a dh’aois. Chuir e fhèin is caraid à Ceann Loch Chille Chiarain companaidh malairt air chois ann an Calcutta. Bha oifisean aca an dà chuid ann an Calcutta is Glaschu.

Bha e gu math comasach mar fhear-gnothaich. Fhuair e cùmhnantan riaghaltais airson am post a ghiùlain eadar Bengal agus Burma, agus bha na longan aige a’ dol cho fada ri Singapore agus Persia. Bha e deimhinne gur e soithichean-smùide an dòigh air adhart, seach soithichean-seòlaidh, agus bha e ceart. Ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a dhà (1862), chaidh a’ chompanaidh aige ainmeachadh às ùr mar The British India Steam Navigation Company.

Bha aire Uilleim a’ gluasad air falbh bho na h-Innseachan is a dh’ionnsaigh taobh sear Afraga. Fhuair e eòlas air Sultan Zanzibar. Chuir e companaidh ùr air chois – The Imperial British East Africa Company. Bha a’ chompanaidh a’ riaghladh sgìre mhòr ann an Afraga an Ear. Tro thìde cheannaich Riaghaltas Bhreatainn an dùthaich sin bhuapa agus chruthaich iad British East Africa às.

Cha b’ e gnothaichean malairteach a-mhàin a bha cudromach do dh’Uilleam. Bha taobh mòr aige don Eaglais Shaoir agus thug e taic-airgid don Eaglais nuair a bha iad a’ cur miseanaraidhean a dh’ionnsaigh meadhan Afraga. Bha e eòlach air an luchd-rannsachaidh, Livingstone is Stanley, agus thug e taic mhòr do Stanley nuair a bha e a’ rannsachadh ann an Afraga. Sgrìobh Stanley ann an iomradh-bàis do dh’Uilleam gun do chuir e seachad a bheatha air fad a’ dèanamh rudan matha. Cha do ràinig mi Keil School fhathast, ach ruigidh anns an ath Litir.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Sir Iain MacCoinnich: Sir John McKenzie; Sealan Nuadh: New Zealand; Eilean mu Thuath: North Island; achdan: acts; radaigeach: radical; caomhnach: conservative, Baile an DĂąin: Baldoon; DiĂąc na CĂąirn is Iorc: the Duke of Cornwall and York; carragh-cuimhne: memorial, monument.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: nach biodh fearann na dùthcha ann an làmhan uachdaran mòra: that the country’s land wouldn’t be in the hands of big landlords; leig sin leotha fearann a cheannach: that allowed them to buy land; trì millean acaire: three millean acres; ceithir tastain is sia sgillinn: four shillings and sixpence; rinn an Riaghaltas prothaid às: the Government mad a profit from it; tuathanaich bheaga ùra: new small farmers; cruaidh air na daoine dùthchasach anns na coloinidhean Breatannach: hard on the indigenous people in the British colonies; cha b’ e sin an t-àm a b’ fheàrr nar n-eachdraidh: that wasn’t the best time in our history; ged a chunnaic X le shùilean fhèin buaidh nam fuadaichean: although X saw with his own eyes the effect of the clearances; tha e doirbh X a chomharrachadh mar neach-poilitigs: it is difficult to categorize X as a politician; dh’fhaodadh e a bhith droch-nàdarrach is connsachail: he could be bad-tempered and argumentative; nuair a dh’fhàsadh e feargach sa phàrlamaid, thigeadh a’ Ghàidhlig gu bhilean: when he got angry in [the] parliament, Gaelic would come to his lips; bha X aig stiùir na dùthcha: X was in charge of the country; fhad ’s a bha e a’ dol am feabhas: while he was recovering; bha e a’ fulang le aillse: he was suffering from cancer; leig e dheth a dhreuchd: he resigned; coltach ri seann tiodhlacadh nan ceann-cinnidh: like the old funerals of the clan chiefs; le còmhlan pìoba aig a cheann: with a pipe band at its head; thuit e às a chèile: it collapsed; fhad ’s a sheasas e, cha tèid X a-mach à cuimhne nan daoine: as long as it stands, X won’t be forgotten by the people.

Puing-chĂ nain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: airson a dhol fo lannsa: to get a medical operation. Literally this means “to go under a scalpel”. Gaelic learners often ask how to speak about a medical operation. There is a direct borrowing from modern English – opairèisean ( “fhuair e opairèisean”) – and you’ll find it in the most modern dictionaries. But there is a much older borrowing – lannsa – originally a lance but also a lancet (scalpel). Bha mi fo lannsa is a nice idiomatic way of saying “I had an operation”. A surgeon is a lannsair ie somebody who uses a scalpel. Lannsaiche is usually used for a “lancer”.

Gnathas-cainnt na Litreach

Gnathas-cainnt na Litreach: Bhuilich an DiĂąc inbhe ridire air MacCoinnich: the Duke knighted [bestowed the status of knight on] McKenzie.

Broadcast

  • Sat 18 Oct 2008 10:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast