
07/11/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 488
Duration: 05:24
Litir 488: Sgoil na Cille
Às dèidh an teine a rinn sgrios air a’ Khintyre Technical School anns a’ Chill ann an Cinn Tìre, ghluais an sgoil gu seann taigh – Helenslee House – ann an Dùn Bhreatainn. Leis nach robh i ann an Cinn Tìre tuilleadh, cha b’ urrainn an sgoil a h-ainm a ghlèidheadh. Agus cha robh muinntir Chinn Tìre air Kintyre Technical School a ghabhail oirre co-dhiù. Bhiodh iadsan a’ bruidhinn air “na balaich anns a’ Chill”. Mar sin, ged a bha i a-nise fad air falbh bhon Chill, ghabh i an t-ainm oirre fhèin Keil School – Sgoil na Cille.
Dh’atharraich an gluasad an curraicealam gu ìre. Ghabh rugbaidh à ite ball-coise mar phrìomh spòrs na sgoile. Bha dithis thidsearan às a’ Chuimrigh agus bha iad dèidheil air rugbaidh. Do mhòran de na balaich – a bhuineadh don Ghà idhealtachd – b’ e sin a’ chiad turas a chluich iad rugbaidh.
Ged a bha an sgoil air gluasad gu à ite na bu Ghallta, nochd a’ Ghà idhlig air a’ churraicealam. Gus an do thòisicheadh air Fraingis a theagasg anns na seasgadan, b’ e a’ Ghà idhlig an aon chà nan a bh’ air clà r na sgoile. Bha i aig mòran de na balaich mar chiad chà nan co-dhiù.
Chaidh cùisean glè mhath don sgoil tro na ficheadan is tritheadan. Ach thà inig na ceathradan. Thà inig an cogadh, agus bomadh thargaidean air Abhainn Chluaidh. B’ fheudar do na sgoilearan teicheadh bhon leapannan gu bothain fasgaidh air an oidhche grunn tursan. Ann an ceathrad ’s a h-aon (1941) chaidh an sgoil a ghluasad air ais a Chinn Tìre – far am biodh na sgoilearan sà bhailte. Cha robh togalach na sgoile falamh, ge-tà . Chuir an cabhlach Nirribheach oifisean air dòigh ann.
Ann an Cinn Tìre cha robh an sgoil anns a’ Chill oir bha an togalach sin fhathast na thobhta às dèidh an teine. Chaidh i gu à ite le ainm car coltach, ge-tà . Bha Sgoil na Cille ann am Baile na Cille ann an ceann a tuath Chinn Tìre. Bha i ann an taigh – Balinakill House – anns an robh Sir Uilleam MacFhionghain fhèin a’ fuireach leth-cheud bliadhna roimhe sin. Agus thà inig aon bhuannachd às a’ ghluasad. Ghabh cuid de na balaich pà irt anns a’ mhòd ionadail ann an Ceann Loch Chille Chiarain, agus bhuannaich iad mòran duaisean.
Nuair a thill an sgoil a Dhùn Bhreatainn às dèidh a’ chogaidh, thà inig rugbaidh gu prìomhachas mar spòrs na sgoile a-rithist. Anns an t-seusan ceathrad ’s a naoi gu caogad (1949-50), ’s ann aig Sgoil na Cille a bha an sgioba sgoile a b’ fheà rr ann an “Taobh an Iar na h-Alba”. Tro na deicheadan a lean air sin, dh’fhàs an sgoil na bu mhotha. Leig iad sgoilearan-latha ann agus ann an naoi ceud deug, seachdad ’s a h-ochd (1978) leig iad le cloinn-nighean a bhith nan sgoilearan airson a’ chiad uair.
Ach bha an suidheachadh eacanomaigeach a’ bualadh air pà rantan. Thuit à ireamh nan sgoilearan agus dhùin an sgoil anns a’ bhliadhna dà mhìle (2000).
Thòisich mi air a’ chunntas seo o chionn ceala-deug le bhith a’ bruidhinn mun charragh-chuimhne do Shir Uilleam MacFhionghain ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Uill, thòisich an carragh-cuimhne a bheatha ann am Mombasa ann an Ceinia. Goirid às dèidh gun d’ fhuair Ceinia a neo-eisimeileachd, chaidh an carragh-cuimhne a chur a Bhreatainn. Chaidh a chur suas air beulaibh Sgoil na Cille ann an Dùn Bhreatainn. Agus às dèidh gun do dhùin an sgoil, chaidh an carragh-cuimhne a ghluasad don à ite anns an do rugadh Sir Uilleam – far an do thòisich caibideil a dh’fhà g a comharra air eachdraidh agus foghlam na h-Alba.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: A’ Chill: Keil; sà bhailte: safe; falamh: empty; Baile na Cille: Balinakill; Sir Uilleam MacFhionghain: Sir William MacKinnon; prìomhachas: prominence; seusan: season.
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: It’s interesting to speculate whether the placing of the Kintyre Technical School in a place where Gaelic was stronger might have enhanced the place of the language and culture in the school. Southend and Campbeltown were, in the early part of the 20th Century, just about the most non-Gaelic places in the Gà idhealtachd (because of large scale immigration of settlers from the Lowlands in the 18th and 19th Centuries), with only 8% of the population speaking Gaelic according to the 1911 census. In contrast, in 1901 (when Southend was 15% Gaelic speaking) the figure in the northern part of the town of Tarbert was 47%, and even Inveraray was 37% Gaelic speaking. And 80% of the people of North Knapdale spoke the language. If you’re interested in the linguistic history of anywhere in the Gà idhealtachd), I can recommend Kurt Duwe’s website: www.linguae-celticae.org/GLS_english.htm. Kurt deserves a “ceud mìle taing” for all his good work.
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 7 Nov 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.