
14/11/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 489
Duration: 05:42
Litir 489: TĂ rmachan
Dè an t-eun, le ainm Beurla a thà inig bhon Ghà idhlig, a tha na eun-stà ite oifigeil ann an dùthaich thall thairis? Sin ceist dhuibh! Uill, ann an Litir 56 anns a’ bhliadhna dà mhìle (2000), sgrìobh mi mun fhacal ptarmigan ann am Beurla, agus mar a thà inig e bhon Ghà idhlig tà rmachan. Chaidh am “p” neo-fhuaimnichte a stobadh a-steach le muinntir nam faclairean Beurla agus tha e a-nise stèidhichte. Tha ptarmigan mar sin a’ coimhead coltach ri facal a thà inig bhon t-seann Ghreugais – mar pterodactyl – seach fear a thà inig bhon Ghà idhlig.
Tha à ite sònraichte aig an tà rmachan ann an Alasga anns na Stà itean Aonaichte. Tha na h-eòin cho pailt, agus fhuair na daoine uiread de thaic bhuapa, le bhith gan ithe nuair a bha biadh eile gann, ’s gur e an tà rmachan eun-stà ite Alasga. Chaidh an inbhe sin a bhuileachadh air ann an naoi ceud deug, caogad ’s a còig (1955).
Chan eil an tà rmachan ann an Alasga buileach co-ionnan ris an tà rmachan againne. ’S e an t-eun air a bheil sinn fhèin a’ gabhail tà rmachan, no ptarmigan ann am Beurla, Lagopus mutus. Tha e diofraichte bho a charaid, a’ chearc-fhraoich (no red grouse) air a bheil luchd-saidheans a’ gabhail Lagopus lagopus.
Ann an Alba, chan eil dath na circe-fraoiche ag atharrachadh anns a’ gheamhradh. Cha bhi i a’ dol geal idir. Ach bithidh an tà rmachan. Agus ann an Alasga bidh Lagopus lagopus a’ dol geal anns a’ gheamhradh – oir tha tòrr a bharrachd sneachda acasan na tha againne. Mar sin, ged a tha an t-eun nas dlùithe ann an cà irdeas ris a’ chirc-fhraoich againne, ’s e ptarmigan seach grouse a tha daoine a’ gabhail air. Willow ptarmigan mar ainm slà n. Agus ’s e an seòrsa a th’ ann an Alasga fo-ghnè shònraichte – Lagopus lagopus alascensis.
Tha Alasga air a bhith anns na naidheachdan gu mòr on a chaidh an Riaghladair aca – Sarah Palin – a chur air adhart mar thagraiche nam Poblachdach airson Iar-cheann-suidhe nan Stà itean Aonaichte. Ach tha amharas agam, ged a chaidh na sgiobannan-camara gu ruige Juneau is Anchorage is Fairbanks, nach do bhodraig iad dhol gu Chicken. Seadh, Chicken, Alasga. Ainm neònach – agus tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mar a dh’èirich e.
Tha Chicken ann am meadhan Alasga, air an taobh an ear faisg air a’ chrìch le Canada. Chan e baile mòr a th’ ann idir. Anns a’ bhliadhna dà mhìle (2000), cha robh ach seachd duine deug a’ fuireach ann.
Chaidh Chicken a stèidheachadh anns an naoidheamh linn deug le mèinnearan a bha an tòir air òr. Tha mèinnearachd a’ dol fhathast – ach le digearan san latha an-diugh, seach spaidean. Aig toiseach an fhicheadamh linn, bha gu leòr de dhaoine ann airson oifis puist fhosgladh. Ach, airson sin, dh’fheumadh iad ainm oifigeil a thaghadh airson na coimhearsnachd. Dè bha iad a’ dol a thaghadh mar ainm air a’ bhaile?
Uill, bha tà rmachain gu math pailt anns an sgìre. Bhiodh na mèinnearan fhèin gan ithe. Mar sin, cho-dhùin muinntir an à ite “Ptarmigan” a bhith air a’ bhaile mar ainm. Ptarmigan le “p” neo-fhuaimnichte. Ach, bha am “p” na thrioblaid. Cha b’ urrainn do mhuinntir an à ite thighinn gu aonta air mar a bhiodh am facal air a litreachadh. Agus mar sin, leig iad “Ptarmigan” seachad mar ainm agus thagh iad “Chicken” na à ite!
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Alasga: Alaska; Na Stà itean Aonaichte: The United States; tà rmachan: ptarmigan; cearc-fhraoich: red grouse; fo-ghnè: sub-species; Iar-cheann-suidhe: Vice-President; sgiobannan-camara: camera crews; gu ruige: to; pailt: plentiful.
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 14 Nov 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.