
21/11/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 490
Duration: 05:37
Litir 490: Aisir Mòr agus Aisir Beag
A bheil sibh eòlach air an fhacal aisir? Tha Dwelly ga eadar-theangachadh mar “passage, pass, path, defile”. Tha e a’ nochdadh ann an dà ainm-à ite ann an iar-thuath Chataibh, faisg air a’ Pharbh – Aisir Mòr agus Aisir Beag. Is iad sin na bailtean croitearachd air a bheil Oldshoremore agus Oldshorebeg ann am Beurla. Chan eil na h-ainmean idir co-cheangailte ri seann chladaichean.
Gu tuath air na bailtean sin, tha seann bhaile-fearainn air a bheil Inshore. Tha e pìos beag air falbh bhon chladach, ceart gu leòr, agus cha chuireadh e iongnadh orm nam biodh cuid de luchd-tadhail a’ smaoineachadh gun robh an t-ainm co-cheangailte ri astar bhon mhuir. Ach chan eil. Tha Inshore a’ tighinn bhon Ghà idhlig Innis Odhar – the dun meadow – agus tha an t-ainm gu math freagarrach airson an à ite.
Nach eil an t-à m ann na mapaichean againn a bhith dà -chà nanach? Tha mòran ainmean, air a bheil dreach Beurla a-mhà in air na mapaichean, nach eil a’ dèanamh ciall sam bith. Ach tha an t-ainm Gà idhlig ciallach! Ann an iar-thuath Chataibh, tha baile beag ann air a bheil Rhiconich – R-H-I-C-O-N-I-C-H. Dè fon ghrèin a tha sin a’ ciallachadh? ’S e an t-ainm tùsail air – An Ruigh Còinnich. Uill, tha e a’ dèanamh ciall a-nise, nach eil? Tha mapa na h-Alba a’ bruidhinn rinn tro ar cà nan – nuair a bheir sinn an cothrom dha.
Tha Aisir Mòr is Aisir Beag air oighreachd bheag a tha leis a’ bhuidhinn ghlèidhteachais, Urras Iain Mhuir. Tha am fearann gu lèir fo chroitearachd, ged as e cùl-cinn a tha sa chuid as motha dheth. Tha deichnear a’ ruith beagan is leth-cheud croit. Carson a bha ùidh aig an Urras anns an oighreachd seo? Uill, tha trà igh mhòr bhrèagha oirre – Bà gh Sheannabhaid, no Sandwood Bay. Tha glè bheag de thrà ighean gainmhich air tìr-mòr na h-Alba a tha cho brèagha rithe. Agus tha a’ chuid as motha dhen fhearann air an oighreachd às aonais sluagh.
Dìreach taobh a-muigh na h-oighreachd tha bothan ann. ’S e an t-ainm air an à ite anns a bheil e – An Srathan. Tha mòran eòlach air a’ bhothan mar Strathan Bothy. Tha e air a chumail an òrdugh le Comann Bothain nam Beann mar a tha ceud bothan eile ann an Alba. Mar a tha a’ chuid as motha de bhothain, ’s e dachaigh a bh’ ann uaireigin.
Tha an Srathan pìos mòr air falbh bho thaigh sam bith eile. Tha e beagan mhìltean thar na mòintich air frith-rathad garbh. Agus feumaidh tu dhol tarsainn abhainn mus ruig thu am bothan. Gu tuath air an t-Srathan, chan eil duine sam bith a’ fuireach.
Chan eil mi cinnteach cuin mu dheireadh a bha daoine a bhuineadh don à ite a’ fuireach anns an t-srathan. Tha greis bhuaithe. Ach thachair rud neònach ann o chionn beagan bhliadhnaichean. Ghluais cupall a-steach agus rinn iad an dachaigh ann gun chead bho dhuine sam bith. B’ iad Robbie is Anne Northway agus bu mhath leam innse dhuibh mun deidhinn. Tha an stòiridh gu math annasach.
Anns an t-Sultain 2000, ghluais Robbie is Anne don t-Srathan cuide ri dusan cù, ceathrad gèadh, meall chearcan is thunnagan, agus gearran. Cha robh an dithis aca ann an deagh shlà inte ach, a dh’aindeoin sin, thug iad an à irneis a-steach leotha don dachaigh ùr aca – air an druim. Bha sin fhèin doirbh gu leòr – ach cha b’ ann leothasan a bha am bothan. Am biodh Comann Bothain nam Beann riaraichte le daoine a’ fuireach fad na h-ùine ann am fear de na bothain aca? Chì sinn dè thachair an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: aisir: passage, pass, path, defile; Cataibh: Sutherland; Am Parbh: Cape Wrath; tĂąsail: original; deichnear: ten people; BĂ gh Sheannabhaid: Sandwood Bay; An Srathan: Strathan; Ă irneis: furniture.
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: It’s surely reasonable of us in the Gaelic world, given the passing of the Gaelic Language Act, to expect our maps to get gradually more bilingual. There are many towns and villages which bear only anglicized forms of their names – and these mean nothing until back-translated into the Gaelic (or sometimes Norse) original. If we take Am Parbh (Cape Wrath) as an example, the map of the countryside is full of meaningful names like Meall na Mòine, Cnoc an Daimh, Creag Riabhach and Loch na Seamraig. But when it comes to the places where people live, we get meaningless anglicized forms like Oldshoremore, Oldshorebeg, Inshore and Balchrick, without the originals (Aisir Mòr, Aisir Beag, Innis Odhar and Baile a’ Chnuic). Of course, where the original is Norse, the meaning may not be clear but, where a Gaelic form exists, even of a Norse original, it should be on the map – because that is what the place is called in our language in this bilingual country. And why is learning to read the map of Scotland not a compulsory study for all students in Scotland’s schools? It would bring immediate awareness of their country’s cultural and linguistic heritage – Gaelic, Norse, Pictish, Cumbric, Scots and English. It’s time a national task force created such an education module!
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 21 Nov 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.