
28/11/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 491
Duration: 05:36
Litir 491: Robbie is Anne Northway
Anns an t-Sultain 2000, ghluais Robbie is Anne Northway don t-Srathan air a’ Pharbh. Cha b’ ann leothasan a bha an taigh anns am biodh iad a’ fuireach, ge-tà . Bha e air a chumail an òrdugh le Comann Bothain nam Beann – mar à ite-fuirich do luchd-coiseachd. Ach a-steach choisich na Northways, beagan mhìltean air frith-rathad thar na mòintich. Cuide riutha bha dusan cù – naoi dhiubh nan cuileanan – ceathrad gèadh, meall chearcan is thunnagan, agus gearran.
Choisich iad às an Aisir Mhòr, beagan mhìltean sìos an rathad a-mach à Ceann Loch Biorbhaidh. Carson fon ghrèin a thagh iad a dh’fhuireach ann an à ite a bha cho neo-ghoireasach is cho fad air falbh on a h-uile duine eile?
Anns a’ chiad dol a-mach, ’s ann leis an riaghaltas a bha am fearann. Bha e air a cheannach o thùs mar thaic do chroitearachd anns an sgìre. Bha na Northways air fàs seachd sgìth de dh’uachdarain phrìobaideach. Nuair a chaidh am fuadachadh bhon taigh a bh’ aca air mhà l faisg air Baile Ùr an t-Slèibh, rinn iad air an iar-thuath sa mhionaid. Bha Robbie dhen bheachd gun robh e a’ leantainn air seann dòigh nan croitearan nuair a bha iad a’ strì airson còraichean fearainn le bhith a’ fuireach air an fhearann gun chead.
Ach, ged a bha mullach is ceithir ballachan aca, cha robh mòran ghoireasan aca. Chun an latha an-diugh, agus an taigh a-rithist na bhothan, chan eil uisge an tap a-staigh, chan eil an dealain ann agus chan eil connadh sam bith ann ach mòine a dh’fheumas a bhith air a buain as t-earrach.
Bha mòran dhen bheachd gun robh e car èibhinn is annasach gun robh daoine air gluasad a-steach don bhothan anns an t-Srathan. Ach cha robh na croitearan aig an robh caoraich an sin cho toilichte. Bha caoraich mhòra mhaola aca aig an robh deagh inbhe agus bha iad diombach gun robh coin, agus stoc air nach tugadh sùil, aig na Northways.
Tha e coltach nach robh fios aig na h-ùghdarrasan dè dhèanadh iad leis a’ chupall sin. Fhuair na Northways fios oifigeil bho bhà illidh na h-oighreachd gun robh aca ri teicheadh. Ach, air an là imh eile, fhuair iad iarrtas bho Chomhairle na Gà idhealtachd airson cìs-chomhairle! Chan eil fhios a’m dè na seirbheisean a bha iad a’ faighinn! Agus rinn cuideigin gearain mu staid an cuid chon. Latha a bha seo, nochd poileas agus dithis bhoireannach bhon SSPCA. Thug iad na cuileanan air fad air falbh, agus dh’fhà g iad dìreach aon chù aig an teaghlach.
Chaidh a’ chùis don chùirt ann an Dòrnach anns an Fhaoilleach dà mhìle ’s a h-aon (2001). Chaill na Northways. Bha mìos aca airson falbh. Mìos a bha fuar, reòite.
Ghluais Anne a dh’Inbhir Nis. Ach dh’fhuirich Robbie anns an t-Srathan. Thà inig latha an fhuadachaidh. Ach cha tà inig oifigear siorraim no poileas sam bith. Chaidh beagan ùine seachad. An uair sin chuala Robbie naidheachd air an rèidio bheag aige a thug misneachd dha. Bha an galar roilleach a’ dol. Cha bhiodh siorram a’ cur daoine a dh’à ite far am biodh cunnart ann gun sgaoileadh iad an galar. Fhuair Robbie beagan seachdainean a bharrachd.
Mu dheireadh, nochd na poilis agus maoir an t-siorraim aig an doras – trì mìosan an dèidh an latha san taigh-chùirte. Shaoileadh tu gun cuireadh sin crìoch air an sgeul. Ach cha do chuir. Bha tionndadh annasach eile ann – mar a chì sinn an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: An Srathan: Strathan; cuileanan: puppies; Ceann Loch Biorbhaidh: Kinlochbervie; neo-ghoireasach: inconvenient; Baile Ùr an t-Slèibh: Newtonmore; diombach: displeased; cìs-chomhairle: council tax; oifigear siorraim: sheriff’s officer.
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 28 Nov 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.