
12/12/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 493
Duration: 05:33
Litir 493: Seann Mhadadh Ruadh
Bha mi ag innse dhuibh mu Robbie is Anne Northway a bha a’ fuireach ann am bothan anns an t-Srathan air a’ Pharbh. Choisich mi ann as t-fhoghar am-bliadhna còmhla ri caraid agus, an latha mus do rà inig sinn An Srathan, chuir sinn seachad an oidhche ann am bothan eile, beagan mhìltean air falbh. Tha sin ann an à ite ris an canar Srath Chailleach, ged nach urrainn dhomh innse dhuibh cò na cailleachan a bha a’ fuireach ann, no cuin.
Tha am bothan ann an Srath Chailleach gu math beag, ìosal is dorch, agus tha e ann an à ite a tha eadhon nas iomallaiche na an Srathan. Tha mu sheachd mìle de choiseachd thar mòintich romhad ma tha thu ag iarraidh a dhol ann. Tha e air bruach abhainn – agus chan eil drochaid thar na h-aibhne tuilleadh. Bha latha na b’ fheà rr aig Srath Chailleach.
A dh’aindeoin sin, tha an togalach fhèin ann an deagh òrdugh. ’S e Comann Bothain nam Beann as coireach ri sin. Tha iad a’ dèanamh obair mhath air mòran seann togalaichean ann an à iteachan iomallach. Tha na bothain aca fosgailte mar à ite-fuirich airson oidhche do dhuine sam bith a thèid nan rathad.
“Seo far an robh e – an Seann Mhadadh Ruadh,” thuirt mo charaid nuair a rà inig sinn am bothan.
“Cò bh’ anns a’ Mhadadh Ruadh?” dh’fhaighnich mi, agus dh’innis mo charaid dhomh mun turas a thà inig e don bhothan sin. Bha fear a’ fuireach ann agus cha robh e laghach idir. “Thalla!” thuirt e, “chan fhaigh thu à ite fuirich an seo!” B’ e an duine sin Seumas MacRuairidh Mac a’ Ghobhainn, agus rinn e a dhachaigh anns a’ bhothan sin airson timcheall air trithead bliadhna.
Bhuineadh Seumas do Dhùn Bhreatainn. Bha e anns an arm anns a’ Ghearmailt an Iar às dèidh a’ chogaidh, ach nuair a thill e a dh’Alba, cha deach cùisean ro mhath dha. Chaill e a bhean ann an tubaist rathaid. Chaidh a chlann a dh’fhuireach cuide rin seana-phà rantan, agus ghluais Seumas don cheann a tuath. Mu dheireadh rinn e a dhachaigh anns an t-seann taigh ann an Srath Chailleach, ged a bha aige ri ochd mìle a choiseachd thar talamh garbh airson faighinn don bhùth. Tha e coltach gun robh e toilichte a bhith a’ fuireach leis fhèin, is fad air falbh bho dhaoine eile.
Airson còig bliadhn’ deug, cha robh gnothach aig Comann nam Bothan ris an à ite. An uair sin, ann an naoi ceud deug, ochdad ’s a h-aon (1981), thà inig stoirm mhòr. Rinn i milleadh air an togalach. Dh’aontaich an Comann obair-cà raidh a dhèanamh air, nan cumadh Seumas aon seòmar a-mach às na trì aige fosgailte do luchd-coiseachd. Dh’aontaich e ri sin ach cha do chùm e ris a’ bhargan. ’S ann tric a bhiodh e a’ ruagadh dhaoine a bha ag iarraidh fuireach na h-oidhche, mo charaid nam measg.
Aon turas nochd heileacoptair Ameireaganach taobh a-muigh an taighe oir bidh NATO a’ cumail eacarsaichean air a’ Pharbh. Bha Seumas a-staigh a’ còmhradh ri cìobair. Ach ruith e a-mach le là mhag os a chionn agus theich na h-Ameireaganaich ann an cabhaig!
Dh’fhalbh Seumas – agus chaochail e – anns na naochadan. Ach tha na dealbhan-balla a rinn e fhathast rim faicinn – ma chleachdas tu toirds oir tha am bothan cho dorch eadhon air latha grianach. Àite brèagha a th’ ann – airson latha no dhà . Ach trithead bliadhna? ’S e ùine mhòr a tha sin.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 12 Dec 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.