
02/01/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 496
Duration: 05:17
Litir 496: Balla Antonine
Nuair a bha mi aig a’ Mhòd Nà iseanta anns an Eaglais Bhric an-uiridh, ghabh mi an cothrom sùil a thoirt air Balla Antonine, an rud as motha a thog na Ròmanaich ann an Alba. Chan eil mòran dheth air fhà gail an sin – dìreach dìg a tha a’ ruith tro phà irc aig oir a’ bhaile. Ach tha sin fhèin inntinneach.
Tha Balla Antonine a-nise clà raichte air Clà r Dualchas na Cruinne aig UNESCO. Tha e am measg à iteachan a chaidh a chlà radh leis gu bheil iad a’ riochdachadh crìochan an fhearainn a bha fo smachd Ìompaireachd na Ròimhe. Agus, a’ dol eadar taobh an iar agus taobh an ear na h-Alba, tha am balla gu math fada. Gu dearbh, tha e seasgad cilemeatair a dh’fhaid.
Anns a’ bhliadhna ceud, trithead ’s a h-ochd (138 AD), chaochail an t-Ìompaire Hadrian. Cha leig mi leas innse dhuibh gur e Hadrian a thog am balla mòr a tha fhathast ri fhaicinn ann an ceann a tuath Shasainn. B’ e Balla Hadrian ceann a tuath na h-Ìompaireachd.
Bha Hadrian ag iarraidh gum biodh Marcus Aurelius a’ leantainn air mar Ìompaire. Ach bha Marcus ro òg. Fhuair Antoninus Pius an dreuchd – anns an eadar-ama, mar a bha Hadrian ga fhaicinn.
Bha Antoninus leth-cheud ’s a h-aon bliadhna a dh’aois nuair a chaochail Hadrian. Bha sin rudeigin sean aig an à m ud. Bha Hadrian dhen bheachd nach biodh Antoninus beò ro fhada. Agus fhad ’s a bha e beò, nach rachadh e an aghaidh nan co-dhùnaidhean mòra a rinn Hadrian fhèin. Cha robh Antoninus air a bhith na shaighdear. Bha Hadrian dhen bheachd gun robh am balla a thog e sà bhailte mar chrìoch a-tuath na h-Ìompaireachd ann am Breatainn.
Uill, bha e fada ceà rr! Chan e a-mhà in gun do thog Antoninus balla ùr gu tuath air balla Hadrian, ach bha e air cathair an Ìompaire fad trì bliadhna fichead – na b’ fhaide na gach Ìompaire roimhe, ach a’ chiad fhear, Augustus. Cha robh Balla Antonine air a chleachdadh ach airson mu fhichead bliadhna, ach dh’fhà g e dìleab luachmhor.
Cha robh e buileach mar a bha Balla Hadrian. Anns a’ chuid mhòir, bha e air a thogail de sgrathan, seach clachan. Bha dìg mhòr air an taobh a tuath dheth, agus rathad mòr air an taobh a deas dheth. Ach, mar a bha le Balla Hadrian, bha daingnich co-cheangailte ris. Bha mi a’ smaoineachadh gum biodh e inntinneach sgrìob bheag a ghabhail bho cheann gu ceann a’ bhalla, a’ toirt sùil air na daingnich.
Tòisicheamaid aig a’ cheann an iar, ma-thà – aig Dùn Chill Phà draig no Old Kilpatrick Fort. Tha sin faisg air ceann a tuath Drochaid Arasgain thar Abhainn
Chluaidh. Tha là rach an dùin a’ còmhdachadh còrr is ceithir acaire. Tha e coltach gun robh dùn air choreigin aig na Ròmanaich an sin fada mus robh am balla air a thogail. ’S dòcha gun do chleachd na Ròmanaich an daingneach sin mar à ite às an cuireadh iad cabhlach gu ruige taobh siar na h-Alba.
Gu sear air Cill Phà draig tha Dùn Tòchair. Tha Dùn Tòchair, a rèir choltais, a’ riochdachadh ainm nas sine – Druim Tòchair – the ridge of the causeway. Chan eil mòran air fhà gail dhen daingneach Ròmanach sin.
An do mhothaich sibh rudeigin? Tha ainmean Beurla nan dùn thuige seo air a thighinn bhon Ghà idhlig. Saoil an lean sin? ’S e an t-ath à ite air a’ bhalla dùn beag air a bheil Cleddans – Cleddans Fortlet. Chan eil sin a’ coimhead Gà idhlig, a bheil? Uill, chì sinn – an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 2 Jan 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.