
16/01/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 498
Duration: 05:12
Litir 498: Balla Antonine
Gu sear air Croy Fort air Balla Antonine, tha Westerwood Fort agus Castlecary Fort. Bidh sibh eòlach air Castlecary, ’s dòcha, oir ’s ann tric a bhios sinn a’ cluinntinn mun trafaig sgriosail air an M8 aig na Castlecary Arches. Bha MacBhà tair dhen bheachd gun robh an t-ainm Breatannach agus gu bheil e a’ dèanamh iomradh air an dùn a thog na Ròmanaich. Tha cary a’ tighinn bho caerydd – a’ ciallachadh dùin no forts.
Chan eil dad air fhà gail dhen ath dhùn – Seabegs, ach gabhaidh an dìg faicinn, agus faodar coiseachd air an rathad a thog na Ròmanaich ri taobh a’ bhalla. Tha mi an dùil gu bheil Seabegs a’ tighinn bhon Ghà idhlig Suidhe Beag.
Tha cuid dhen bheachd gur e an ath phìos dhen bhalla – aig Rough Castle – am pìos as drùidhtiche a th’ ann. O chionn trì cheud bliadhna, ’s e Castle Ruff a chanadh muinntir an à ite ris. Ainm Gà idhlig eile, ’s dòcha. No Breatannach?
Tha am balla a’ dol seachad air Falkirk Fort – Dùn na h-Eaglaise Brice – gu ruige Mumrills Fort, an dùn as motha. Tha e a’ còmhdachadh sia acaire de dh’fhearann. Lorgadh crèadhaireachd is buinn ann, agus ìomhaigh de Hercules. Tha eagal orm nach eil fios agam cò às a thà inig an t-ainm Mumrills.
Chan eil ach trì dùin air fhà gail. Tha Inveravon Fort faisg air Inbhir Ghrainnse. Gu dearbh, tha e faisg air beul Abhainn Avon – seadh, agus cha leig mi leas dad a rà dh mun ainm sin. ’S e Amar-uisge Avon an t-amar-uisge as fhaide ann an Alba. Tha e a’ giùlain Canà l an Aonaidh os cionn na h-aibhne.
Gu sear air Inveravon, tha Kinneil Fortlet, an dùn mu dheireadh air Balla Antonine. Tha Carriden Fort faisg air cladach Lodainn, ach tha sin beagan gu deas air a’ bhalla. Bha an dùn ann an Kinneil air a lorg ann an naoi ceud deug, seachdad ’s a sia (1976). Tha e a-nise am measg naoi dùin bheaga a chaidh a lorg. Thathar a’ smaoineachadh gur ann aig na dùin bheaga seo a bha cead aig daoine dhol a-mach ’s a-steach do dh’Ìompaireachd na Ròimhe.
Tha an t-ainm Kinneil gu math inntinneach. Tha mi a’ dol a chur Ceann a’ Bhalla air ann an Gà idhlig. Chì sibh carson ann am mionaid.
Tha MacBhà tair ag innse dhuinn gun do sgrìobh Bede anns an ochdamh linn gum b’ e an t-à ite as fhaide sear air Balla Antonine Peanfahel. Co-dhiù b’ e sin an t-ainm a thug na “Cruithnich” dha. Timcheall air a’ bhliadhna ochd ceud (800 AD), sgrìobh Nennius gur e guaul a chanadh na Breatannaich ris a’ bhalla. Thà inig guaul (no gwal ann an Cuimris an-diugh) bhon Laidinn vallum.
Sgrìobh Nennius gun robh am balla a’ tòiseachadh aig Penguaul. Nise, tha sin a’ ciallachadh ceann a’ bhalla. Tha MacBhà tair dhen bheachd gu bheil an fhianais a’ dearbhadh gun robh Gà idhlig a’ gabhail à ite na “Cruithnis” anns an sgìre sin timcheall à m Bhede. Tha Peanfahel a’ riochdachadh Pen-fà il – end of the rampart, agus ’s e measgachadh a th’ ann de “Chruithnis” is Gà idhlig. Timcheall air a’ bhliadhna naoi ceud (900), tha pen a’ falbh agus tha cenn – airson ceann – a’ nochdadh na à ite. Mar sin, tha Pen-fà il ag atharrachadh gu Cenn-fhà il agus, an-diugh, Kinneil ann am Beurla.
Sin deireadh ar sgrìob air Balla Antonine. Bha am balla air a chleachdadh dìreach fad ginealach leis na Ròmanaich, ach dh’fhà g e dìleab mhòr dhuinn.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 16 Jan 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.