
23/01/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 499
Duration: 05:24
Litir 499: CĂą Fhearchair BhĂ in
Bu mhath leam seann stòiridh innse dhuibh an t-seachdain seo. Chan eil mi buileach cinnteach cò às a tha e. Siorrachd Pheairt ’s dòcha. ’S e an t-ainm a th’ air Cù Fhearchair Bhà in.
Bha cù math aig Fearchar Bà n. ’S e cù-chaorach a bh’ ann, agus ’s e Fraoch an t-ainm a bh’ air. Bha a h-uile cìobair eile anns a’ ghleann farmadach. Cha robh na coin acasan cho math ri Fraoch. Chan e a-mhà in gun robh Fraoch a’ coimhead math, le casan là idir agus earball fada snasail, ach gu robh e fìor mhath leis na caoraich.
Abair an dòigh ’s a bhiodh e a’ cruinneachadh nan caorach gu h-à rd anns na coireachan ceòthach no air na creagan casa. Bha e anabarrach sgileil. Leanadh e fead a mhaighstir gu cùramach. Ach, uaireannan, bhiodh e a’ trusadh nan caorach leis fhèin, ro fhad’ air falbh airson fead Fhearchair a chluinntinn.
Ach ’s ann aigesan a bha am fradharc. Mura robh e cinnteach dè dhèanadh e, rachadh e gu creag far am faiceadh Fearchar e. Thogadh Fearchar am bat’ aige ann an dòigh à raidh. Bha sin a’ ciallachadh rudeigin don chù. Uaireannan chuireadh an cìobair a bhonaid ghorm air ceann a bhata. Bhiodh sin a’ ciallachadh rudeigin eile do Fhraoch.
Agus mar a bhiodh dùil, ’s e cù Gà idhealach a bh’ ann. Cha do thuig e a’ Bheurla idir. Cha bhruidhneadh Fearchar ris ach ann an Gà idhlig. Gu dearbh, chan eil mi buileach cinnteach an robh Beurla aig Fearchar fhèin. Co-dhiù, bha fear Gallta a’ fuireach anns a’ ghleann, fear ris an canadh iad “Jock”. Latha a bha seo, a rèir aithris, thuirt e ri fear eile, “Mon, that’s a gran’ dog o’ Farquhar’s. I’d gie eicht punds for him masel’ if he kent braid Scotch.” Eadhon nan tuigeadh Fearchar am bargan, cha reiceadh e Fraoch ri duine.
Ge-tà , cha robh Fraoch uile-gu-lèir foirfe. Uill, cò nar measg aig nach eil laigse air choreigin? Agus ’s ann mar sin a bha e don chù seo oir, nuair a thigeadh à m an rùsgaidh, nuair a bhiodh cìobairean is coin cruinn còmhla, dh’fhalbhadh Fraoch air an oidhche airson ... uill ... beagan spòrs. Cha robh Fearchar ro thoilichte mu dheidhinn agus bhiodh e a’ cà ineadh Fhraoich, agus a’ toirt iomradh air buadhan a mhà thar nach robh buileach modhail.
Oidhche a bha seo aig à m an rùsgaidh bha fear Iain Ruadh agus a bhean a’ coiseachd anns a’ ghleann faisg air taigh Fhearchair. Bha iad air an rathad dhachaigh bhon Ghalltachd. Aig à ite ris an canar Glac nam Bodach, chuala iad fuaim annasach.
“Dè am fuaim a tha sin, Iain?” thuirt a’ bhean.
“Na fèidh am measg nan clach,” fhreagair Iain.
“Chan e, no fèidh,” thuirt a bhean. “Tha uisge-beatha nad cheann fhathast.”
“Caoraich am measg nan clach, ma-thà ,” thuirt an duine aice.
“Chan e, no caoraich,” fhreagair a bhean. “Tha uisge-beatha nad cheann fhathast.”
ThĂ inig fuaim Ă s Ăąr a-mach Ă s an dorchadas. Mar ghliongadh meatailt.
“A Dhia, bi mun cuairt dhuinn,” dh’èigh a’ bhean, “ ’s e am Fear as Miosa fhèin a th’ ann!”
Bha Iain a’ fàs sòbarra gu luath. “Tha am fuaim gu dearbh coltach gi gliongadh shlabhraidhean!” thuirt e. Tuigidh sibh gun robh iad dhen bheachd gun robh an Sà tan fhèin a’ dèanamh orra!
Theich Iain Ruadh ’s a’ bhean aige don taigh a b’ fhaisge. B’ e sin taigh Fhearchair. Bha Fearchar a-staigh. Ach cà ite an robh Fraoch? Uill, innsidh mi sin dhuibh an ath sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 23 Jan 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.