
31/01/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 500
Duration: 04:49
Litir 500: Fearchar BĂ n
Fà ilte oirbh a chà irdean. Ruairidh MacIlleathain an seo le Litir eile. Mus lean mi leis an stòiridh a thòisich mi an t-seachdain sa chaidh, bu mhath leam taing mhòr a thoirt don a h-uile duine a th’ air sgrìobhadh thugam no a th’ air bruidhinn rium, is taic a thoirt dhomh, thairis air na bliadhnaichean, a thaobh Litir do Luchd-ionnsachaidh. Thòisich an Litir o chionn faisg air deich bliadhna agus tha i air nà dar de chlach-mhìle a ruigsinn an-diugh oir ’s e seo an còig ceudamh tè. Tha e fìor laghach a bhith a’ cluinntinn bho dhaoine air feadh Alba, agus air feadh an t-saoghail, a tha ag èisteachd ris na Litrichean. Tha e gu sònraichte laghach nuair a chluinneas mi bho dhaoine nach robh fileanta nuair a thòisich iad air èisteachd riutha, agus a tha a-nise a’ sgrìobhadh is a’ labhairt na Gà idhlig gu siùbhlach. Mo bheannachd oirbh.
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun chù-chaorach Fraoch agus a mhaighstir, Fearchar Bà n. Bha Iain Ruadh agus a bhean a-muigh ann am Glac nam Bodach air an oidhche nuair a dh’fhairich iad fuaim eagallach. Ruith iad don taigh a b’ fhaisge – taigh Fhearchair Bhà in. Bha Fearchar a-staigh, ach cha robh Fraoch.
Bha Fearchar ag èisteachd ri bean Iain, agus i ag aithris mun fhuaim a dh’fhairich iad, nuair a rinn cù sgiùgan aig an doras. Dh’fhosgail e an doras agus cò bh’ ann ach Fraoch.
Ruith an cù mar an dealanaich seachad air Fearchar. Chaidh e don à ite aige fon leabaidh far an d’ rachadh e nuair a gheibheadh e trod. Bha e follaiseach gun robh rudeigin ceà rr air. Dh’iarr Fearchar air thighinn a-mach agus mu dheireadh thall, thà inig e. Bhiodh earball air a bhith eadar a chasan deiridh nam biodh gu leòr dheth ann. Bha mòran de dh’earball Fhraoich a dhìth.
“Bha e ann an là mhan an Fhir as Miosa,” thuirt am boireannach.
“Nam biodh a’ bhrùid bhochd air a bhith na là mhan-san, bhiodh fà ileadh dà thte dheth,” fhreagair Fearchar. Thug e sùil air a’ chù. Cha robh fà ileadh no coltas de dhà thadh no losgadh air. Bha an gnothach annasach.
Air an là rna-mhà ireach, dh’fhalbh Iain is a bhean dhachaigh. Bha Fraoch a-muigh ach bha clobhd dearg air a cheangal ri earball – no na bh’ air fhà gail de earball. Às dèidh dha tòrr ceasnachaidh a dhèanamh, fhuair Fearchar a-mach dè dìreach a thachair.
Bha Fraoch a-muigh an oidhche a bha sin. Bha cìobairean agus an coin ann còmhla agus nochd Fraoch nam measg. Thòisich Fraoch air sabaid le cù eile. Dh’èirich sabaid mhòr eadar na coin gu lèir. Bha fear de na cìobairean gu math mì-thoilichte le Fraoch. Mar pheanas, cheangail e coire ri earball Fhraoich. Bhreab e an cù agus dh’iarr e air falbh dhachaigh.
Bha Fraoch air an rathad dhachaigh, a’ ruith tro fhraoch garbh anns an dorchadas, nuair a dh’fhairich Iain ’s a bhean e. Bha e a’ dèanamh fuaim leis a’ choire ceangailte ri earball. Fuaim a bha eagallach. Mu dheireadh, fhuair e an coire an sàs eadar dà chloich. Cha b’ urrainn dha ghluasad. Rinn e spà irn mhòr. Thà inig pìos de earball dheth, a’ fà gail a’ choire fhathast ceangailte ris. Agus ’s ann le leth-earbaill a nochd e aig taigh a’ mhaighstir.
Uill, a bheil fios agaibh air seo. Chun an latha mu dheireadh de a bheatha, bha Fearchar feargach mu dheidhinn mar a thachair don chù aige. Agus am fear a cheangail an coire ri earball Fhraoich...? Dh’fhalbh e agus cha do thill e don ghleann a-chaoidh tuilleadh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Sat 31 Jan 2009 10:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.