Main content

06/02/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 6 Feb 2009
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 501
Duration: 05:23
Litir 501: Cutach
An aithne dhuibh am facal cutach? Tha Dwelly a’ toirt seo dhuinn: Cutach: short,diminutive, docked, shortened, bob-tailed, curtailed, concise. Uaireannan bithear ga chluinntinn ann am far-ainm, leithid Alasdair Cutach – short Alexander. Leugh mi am facal an latha eile co-cheangailte ri ar cà nan – Gà idhlig chutach. Thuirt cuideigin mun dualchainnt aca – ’S e Gà idhlig chutach a th’ againn. Saoil dè bha e a’ciallachadh?
Uill, a rèir choltais, bha e a’ ciallachadh clipped Gaelic – GĂ idhlig anns am biodh fuaimreagan aig deireadh fhaclan, air nach eil cuideam ann an cainnt, a’ falbh Ă s a’ chainnt uile-gu-lèir. Dè an dualchainnt a bh’ ann, saoil? Uill, bha i air tìr-mòr ann am badeigin. Ma chluinneas sibh daoine, can, Ă taobh an ear Chataibh a’ bruidhinn GĂ idhlig, canaidh iad bail airson baile, agus duin airson duine. Tha an “e” aig an deireadh a’ falbh.Â
Nise, a thaobh an fhacail duine, chaidh a chlà radh mar duin ann an suirbhidh nà iseanta ann an Siorrachd Obar Dheathain, Siorrachd Narann, Ros an Ear is Gallaibh, agus anns a’ chuid mhòir de Shiorrachdan Pheairt is Chataibh, a bharrachd air taobh sear Siorrachd Inbhir Nis.
Dh’fhaodamaid tuairisgeul a dhèanamh air mòran de na dualchainntean sin mar“fheadhainn chutach”, ’s dòcha. Ach bha an neach a chaidh a chlà radh a’ bruidhinn air dualchainnt Siorrachd Obar Dheathain. Tha e mì-fhortanach nach eil comas againn a leithid de dhualchainnt a chluinntinn is a chlà radh a-nise.
Bha mi a’ leughadh stòiridh beag ann an dualchainnt Obar Dheathain ann an cruinneachadh air a bheil Caindel Alban – Fèill-sgrìobhainn do Dhòmhnall E Meek, achaidh fhoillseachadh le Oilthigh Obar Dheathain mar iris ceithir air fhichead (XXIV) de Scottish Gaelic Studies. Bha an stòiridh air a chlà radh air pà ipear le Francis Diack ann am Brà igh Mhà rr anns na ficheadan dhen fhicheadamh linn (1920s). Chaidh a sgrùdadh leis an sgoilear, Seumas Grannd.
Dè rudan eile a chì sinn ann an Gà idhlig Siorrachd Obar Dheathain? Seo agaibh rud no dhà . An toiseach, eisimpleir eile de chutadh: bhathar a’ leigeil às an –adh aig deireadh fhaclan; mar eisimpleir chanadh iad tuill airson tuilleadh. An à ite dol chanadh iad dul. Tha sin cumanta air tìr-mòr. Bhiodh an nn air fhuaimneachadh mar ng ann am Beurla – mar eisimpleir, chanadh iad “shing” airson a’ seinn agus “s vating” airson sa mhadainn. Agus – rud eile a tha cumanta air tìr-mòr – chanadh iad “aki” airson agaibh, “shi” airson sibh agus “mu choinnyi” airson mu choinneimh.
’S dòcha gur e a’ phuing as inntinniche a thog Seumas Grannd mun ghnothach cho coltach ’s a bha GĂ idhlig Siorrachd Obar Dheathain agus dualchainnt Shrath Spè – air a bheil Seumas gu math eòlach oir buinidh e do Rat Mhurchais. Shaoileadh tu, air a’ chiad shealladh, gum biodh am Monadh Ruadh na chnap-starra anns an t-seann aimsir do chunbhalachd cainnt eadar an dĂ sgìre sin.Â
Tha Seumas a’ cur air adhart dà smuain a thaobh sin. Cha robh na Gà idheil anns an t-seann aimsir a’ coimhead air na beanntan sin mar chnap-starra dhaibh. Gu dearbh, bha tòrr gluasaid ann eadar Srath Spè is Brà igh Mhà rr – airson malairt agus gnothaichean sòisealta. Bha gu leòr de dhaoine a’ coiseachd tron Là irig Ghrù, mar eisimpleir.
A bharrachd air sin, nuair a tha sinn a’ coimhead air dualchainntean Gà idhlig, buchòir dhuinn a bhith mothachail do dh’eachdraidh nam fineachan. Ri linn nam fineachanbha Brà igh Mhà rr fo smachd Clann ’ic Fhearchair. Agus dh’èirich iadsan bho na Seathaich ann an Rat Mhurchais. Mar sin, bha ceangal eachdraidheil ann eadar na daoine air gach taobh dhen Mhonadh Ruadh.

Faclan na Litreach
suirbhidh: survey; Siorrachd Obar Dheathain: Aberdeenshire;Â Siorrachd Narann: Nairnshire; dualchainnt: dialect; BrĂ igh MhĂ rr: Braemar.
Abairtean na Litreach
An aithne dhuibh?: do you know/recognise?; uaireannan bithear ga chluinntinn ann am far-ainm: sometimes it’s heard in a nickname; Gà idhlig chutach: clipped Gaelic; saoil dè bha e a’ ciallachadh?: what do you think he was meaning?; fuaimreagan aig deireadh fhaclan: vowels at the end of words; air nach eil cuideam ann an cainnt: which are not stressed in speech; a’ falbh às a’ chainnt uile-gu-lèir: are omitted from speech entirely; air tìr-mòr ann am badeigin: on the mainland somewhere; à taobh an ear Chataibh: from east Sutherland; dh’fhaodamaid tuairisgeul a dhèanamh air: we could describe; a chaidh fhoillseachadh le Oilthigh Obar Dheathain: which was published by Aberdeen University; chanadh iad: they would say; a’ phuing as inntinniche: the most interesting point; cho coltach ’s a bha X agus Y: how similar X and Y were; oir buinidh e do Rat Mhurchais: because he belongs to Rothiemurchus; gum biodh am Monadh Ruadh na chnap-starra anns an t-seann aimsir: that the Cairngorms would have been a barrier in the old days; cunbhalachd cainnt: commonality of speech; tòrr gluasaid: much movement; bu chòir dhuinn a bhith mothachail do dh’eachdraidh nam fineachan: we should be cognisant of the history of the clans; fo smachd Clann ’ic Fhearchair: under the control of the Farquharsons; dh’èirich iadsan bho na Seathaich: they arose from the Shaws.
Puing-chĂ nain na Litreach
The Litir this week concerns a story transcribed by Francis Diack (1867-1939), a librarian at Aberdeen University who learned Gaelic in the Braemar area when Aberdeenshire Gaelic was still a living community tongue. Diack spent much time collecting information on Gaelic in the eastern Highlands, including Banffshire and Aberdeenshire. The article discussed in the Litir concerns a story he collected in the Braemar area and which he transcribed phonetically, giving an indication of how words were pronounced in that dialect. The similarities between the Gaelic of Strathspey and that of Braemar, despite Scotland’s highest mountain range, the Cairngorms (Am Monadh Ruadh) lying between the two areas, might, at first sight, be a little surprising. Clan links, and the willingness of people to travel through the mountain passes in olden times, bringing about regular social intercourse, may provide an explanation.
Gnathas-cainnt na Litreach
Shaoileadh tu, air a’ chiad shealladh: you’d think, at [lit. onthe] first sight.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 6 Feb 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.