Main content

13/02/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 13 Feb 2009
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 502
Duration: 05:41
Litir 502: Dualchas NĂ dair na h-Alba
A bheil fios agaibh dè tha am facal fillte “muir-thìreach” a’ ciallachadh? Muir-thìreach. Tha mi ga chleachdadh an-diugh mar ainmear, no noun. Ach nochd e anns an Litir dà bhliadhna air ais ann an riochd buadhair, no adjective. Uill, ma dh’aithnicheas sibh gu bheil e air a dhèanamh dhen dà fhacal muir agus tìr, bidh e furasta gu leòr. Muir-thìreach – something that lives both in the sea and on the land. Nise, nuair a chleachd mi mu dheireadh e, bha mi a’ dèanamh tuairisgeul air an ròn.
Bha mi a’ dèanamh iomradh air argamaid eadar fear Pròstanach agus fear Caitligeach anns na h-Eileanan an Iar ri linn Mhartainn MhicIlleMhà rtainn. Bha na Caitligich ag ithe feòil an ròin aig à m a’ Charghais, no Lent. Bha am Pròstanach ag rà dh gun robhar a’ briseadh riaghailtean na h-Eaglaise Caitligich oir chan e ròn iasg. Thuirt an Caitligeach gun robh an ròn ag ithe iasg, gun robh e muir-thìreach agus gun robh e a’ dèanamh braidhmean – rud nach b’ urrainn iasg a dhèanamh!
Uill, chan urrainn dhomh dearbhadh a bheil sin fìor mu èisg ach co-dhiù, faodar a rà dh gu bheil ròin muir-thìreach. Ge-tà , mar ainmear tha muir-thìreach a’ ciallachadh “amphibian”.  Agus, leis a’ chiall sin air an fhacal, chan e ròn muir-thìreach. ’S e ròn mamail.
Thà inig mi tarsainn air an fhacal muir-thìreach air an eadar-lìon an latha eile.  Bha mi a’ coimhead air là rach-lìn ùr a chaidh a chruthachadh le Dualchas Nà dair na h-Alba. Tha mòran eòlach air a’ bhuidhinn fo ainm ann am Beurla – Scottish Natural Heritage no SNH. ’S e an t-ainm a th’ air an là raich ùir Faclan Nà dair SNH. Gheibhear lorg air aig www.snh.org.uk/gaelic/dictionary.
’S e an rud a tha sònraichte math mu fhaclairean air an eadar-lìon gun gabh rudan a lorg gu luath le bhith a’ cur lorgair an sà s. Chuir mi am facal Beurla amphibian don lorgair, bhrùth mi am putan agus fhuair mi muir-thìreach.Nise, ma tha sibh gu math eòlach air nà dar, ’s dòcha gun can sibh – mmm – ’s e muir-thìreach a th’ anns an losgann ach, gu dearbh, cha bhi losgann sam bith a’ dol faisg air a’ mhuir. Dhèanadh an salann cron air. Bidh e a’ dol eadar uisge – sin fìor uisge– agus tìr. Saoil nach e “uisge-thìreach” a bu chòir a bhith againn air amphibian, seach muir-thìreach?
Uill, dh’fhaodamaid an aon seòrsa gearain a dhèanamh mun fhacal amphibian ann am Beurla. Tha e a’ tighinn bho fhreumhaichean Greugach a tha a’ ciallachadh “beatha dhùbailte” no double life. Tha sin ceart gu leòr, ach chan eil e a’ dèanamh iomradh air uisge is tìr.
Chan e faclair SNH an aon fhear ùr a nochd air an eadar-lìon o chionn ghoirid. Nochd an seann fhaclair aig Dwelly mar ghoireas eadar-lìn cuideachd – agus innsidh mi tuilleadh mu dheidhinn sin an ath-sheachdain. Co-dhiù, chaidh mi do là rach Dwelly, chuir mi am facal amphibious a-steach don lorgair, agus bhrùth mi am putan. Ach cha do nochd muir-thìreach idir.
Ri linn Dwelly – agus cuimhnichibh gu bheil am faclair sin ceud bliadhna a dh’aois – bhathar a’ cleachdadh airson amphibious am facal fillte dà -bheathach. Dà -bheathach. Double life. Coltach ris a’ Bheurla.
Dè chanamaid, ma-thà , ann an Gà idhlig, airson amphibious vehicle? Chanainn nach biodh carbad dà -bheathach cho ciallach ri carbad muir-thìreach. Ach dè mu dheidhinn amphibiousness? Muir-thìreachas? Uill, fà gaidh mi sin do latha eile.

Abairtean na Litreach
ann an riochd buadhair: in the form of an adjective; ma dh’aithnicheas sibh: if you recognise; a’ dèanamh tuairisgeul air: describing; ri linn Mhartainn MhicIlleMhà rtainn: at the time of Martin Martin; ag ithe feòil an ròin aig à m a’ Charghais: eating seal meat during Lent; gun robhar a’ briseadh riaghailtean: that rules were being broken; chan e ròn iasg: a seal is not a fish; rud nach b’ urrainn iasg a dhèanamh: something a fish couldn’t do; faodar a rà dh: it can be said; fo ainm ann am Beurla: under its English name; gun gabh rudan a lorg gu luath: that things can be found quickly; le bhith a’ cur lorgair an sà s: by using a search engine; bhrùth mi am putan: I pressed the button; ’s e muir-thìreach a th’ anns an losgann: the frog is an amphibian; dhèanadh an salann cron air: the salt would harm it; dh’fhaodamaid an aon seòrsa gearain a dhèanamh: we could make the same sort of complaint; goireas eadar-lìn: internet facility; dè chanamaid airson?: what would we say for?
Puing-chĂ nain na Litreach
facal fillte: compound word. Faclan fillte (oftenainmearan fillte or compound nouns) are relatively common in Gaelic. The noun muir-thìreach is a good example. Can you decline it satisfactorily according to case, withthe article? Here it is: am muir-thìreach (nom. sing), leis a’ mhuir-thìreach (dat. sing.),ceann a’ mhuir-thìrich (gen. sing.), na muir-thìrich (nom. pl.), leis na muir-thìrich (dat.pl.), cinn nam muir-thìreach (gen. pl.) You’ll see that it works very similarly to asimple noun like bodach which slenderises in the nominative plural (bodaich). If youprefer dà -bheathach for amphibian, it would work in the same way. I’ve ignored thevocative forms but if you really want to address your pet frog(s) as “amphibian(s)!” Iguess you’d say “a mhuir-thìrich!” for one and “a mhuir-thìreacha!” for a group. If yougenuinely find those vocatives useful in your daily life, perhaps you should get out abit more!
Gnathas-cainnt na Litreach
Gheibhear lorg air: it will be found (it can be found).
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 13 Feb 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.