Main content

06/03/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 6 Mar 2009
11:55
ĂŰŃż´ŤĂ˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 505
Duration: 04:49
Litir 505: Pà irc an Ròid
Bha mi ann an DĂšn Ăideann o chionn ghoirid agus aon mhadainn chaidh mi air chuairtann am PĂ irc an Ròid, no Holyrood Park. Tha sin faisg air Taigh na PĂ rlamaid agus LĂšchairt an Ròid no Holyrood Palace â dachaigh oifigeil na Banrigh ann an Alba. Bidh mòran a tha ag èisteachd ris an Litir seo eòlach air aâ phĂ irc. Bidh na mĂŹltean mòra aâ tadhal oirre gach bliadhna, an dĂ chuid muinntir DhĂšn Ăideann agus luchd-turais.
Ann am meadhan na pĂ irce, tha cnoc ainmeil air a bheil Suidhe Artair. Uill, âs e sin aâ GhĂ idhlig a tha mi aâ dol a chur air. âS e Arthurâs Seat a thâ air ann am Beurla. Chan eil mi buileach cinnteach dè cho fĂŹor âs a tha an ceangal a thathar aâ dèanamh eadar an cnoc agus Artair, seann rĂŹgh nam Breatannach. âS dòcha gum bi beachd agaibh fhèin air aâ cheist agus, ma tha, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh.
Fhuair mi leth-bhreac de leabhar le fear a rinn rannsachadh mòr air ainmean-Ă ite DhĂšn Ăideann. Bâ esan StiĂšbhart Harris. ThĂ inig an leabhar aige â The Place Names of Edinburgh â a-mach o chionn trĂŹ bliadhnâ deug, dĂŹreach bliadhna mus do chaochail e. Cha robh Harris buileach cinnteach mun cheangal eadar Arthurâs Seat agus RĂŹgh Artair.  Dhâaidich e gun robh e clĂ raichte mar sin ann an còig ceud deug âs a h-ochd (1508) anns an rann ainmeil The Flyting of Dunbar and Kennedy. Ach, anns na meadhan-aoisean, cha robh sgeul air an ainm sin. âS e an t-ainm a bhâ air aâ chnoc aigan Ă m ud, a rèir choltais, Craggenemarf. âS e ainm Ceilteach a thâ ann. Tha cuid dhenbheachd gun tĂ inig e bhon GhĂ idhlig â Creag nam Marbh. Tha cuid eile ag rĂ dh gur eainm Breatannach, seach GĂ idhlig, a bhâ ann bho thĂšs. Dhâfhaodadh sin a bhith oir thaaâ Chuimris airson Creag nam Marbh gu math coltach ris aâ GhĂ idhlig. SgrĂŹobh Harris gur dòcha gur e cruthachadh romansach as coireach ri Arthurâs Seat.
Air an lĂ imh eile, thuirt e gu bheil aon Ă ite deug ann an Alba, anns a bheil Artair air ainmeachadh. Dhâainmich MacBhĂ tair feadhainn dhiubh anns an leabhar aige The Celtic Place-names of Scotland. Seo iad: Suidhe Artair ann an DĂšn Bhreatainn agus Siorrachd Bhanbh, Beinn Artair aig ceann Loch Long, Aghaidh Artair anns an aon sgĂŹre, Sruth Artair ann an Earra-GhĂ idheal agus Arthurâs Cairn is Arthurseat ann an Siorrachd Obar Dheathain. Bha MacBhĂ tair dhen bheachd gun robh e coltach gun robh aâ chuid as motha de na h-ainmean Artaireach co-cheangailte ris an t-seann ghaisgeach Bhreatannach.
Co-dhiĂš no co-dheth, tha aon Ă ite ann am PĂ irc an Ròid a tha ceangailte ri GĂ idheil, ged as e ainm Beurla a thâ ann, seach ainm GĂ idhlig. Tha slighe air cliathaich aâ chnuic air a bheil Piperâs Walk. A rèir beul-aithris, tha an t-ainm aâ dol air ais do nochdamh linn deug nuair a bha còmhlan de GhĂ idheil aâ campachadh air cliathaich Suidhe Artair. Bha pĂŹobaire aca a bha aâ coiseachd air an t-slighe sin, agus aâ seinn na pĂŹoba.
Nise, bha saighdearan GĂ idhealach anns an nĂ baidheachd sin ann an seachd ceud deug, ceathrad âs a còig (1745), aâ deisealachadh airson BlĂ r Sliabh aâ Chlamhain â blĂ r ainmeil ann am Bliadhna TheĂ rlaich. Ach a rèir beul-aithris, fhuair Piperâs Walk ainm bliadhnaichean Ă s dèidh sin ann an seachd ceud deug, seachdad âs a h-ochd (1778). Cò na saighdearan GĂ idhealach a bhâ ann agus carson a bha iad ann an DĂšn Ăideann?Innsidh mi sin dhuibh an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Suidhe Artair: Arthurâs Seat; lethbhreac: copy; na meadhan aoisean:medieval times; aâ Chuimris: the Welsh language; MacBhĂ tair: Watson (William J Watson); DĂšn Bhreatainn: Dumbarton; Siorrachd Bhanbh: Banffshire; Loch Long: Loch Long; Siorrachd Obar Dheathain: Aberdeenshire; pĂŹobaire: piper; BlĂ r Sliabh aâ Chlamhain: The Battle of Prestonpans; Bliadhna TheĂ rlaich: the year of theJacobite rebellion, 1745-6.
Abairtean na Litreach
air chuairt: for a walk; aâ tadhal oirre: visiting it; âs e sin aâ GhĂ idhlig a tha mi aâ dol a chur air: thatâs what Iâm going to call it in Gaelic; an ceangal a thathar aâ dèanamh eadar an cnoc agus Artair: the link that is made between the hill and Arthur; seann rĂŹgh nam Breatannach: the old (past) king of the Britons; dĂŹreach bliadhna mus do chaochail e: only a year before he died; dhâaidich e gun robh e clĂ raichte mar sin: he admitted that it was recorded as that; cha robh sgeul air an ainm sin: that name was unknown/unrecorded; Creag nam Marbh: the Crag of the Dead; cruthachadh romansach: a romantic creation; as coireach ri: responsible for; ged as e ainm Beurla a thâ ann: although itâs an English [language] name; tha slighe aircliathaich aâ chnuic air a bheil: there is route on the side of the hill called; a rèir beulaithris: according to oral tradition; còmhlan de GhĂ idheil: a group of Gaels; aâ seinnna pĂŹoba: playing the bagpipes; bha saighdearan GĂ idhealach anns an nĂ baidheachd sin: there were Highland soldiers in that vicinity.
Puing-chĂ nain na Litreach
aâ campachadh air cliathaich Suidhe Artair: camping on the side/slopes of Arthurâs Seat. Some of you might have asked yourselves â why did I lenite DĂšn Ăideann in muinntir DhĂšn Ăideann but not lenite Suidhe Artair in its genitive (possessive) form. Thatâs a tricky issue. In noun phrases (eg place names made of more than one element), where the first word is masculine, lenition is very common in modern Gaelic as a genitive marker â eg muinntir Bhaile nan Granndach, muinntir Cheann Loch Biorbhaidh. But it is not generally the case where the first word is feminine eg muinntir Drochaid an Easbaig, muinntir Cille Chomhain. However, there are many exceptions to the first rule, where we donât lenite a masculine word eg muinntir Druim na Drochaid, muinntir Taigh Iain Ghròt, muinntir Caol Loch Aillse (although in some dialects they might tend to lenite those) and itâs difficult for me togive a hard-and-fast rule (sorry!) Faced with cliathaich Suidhe Artair, I felt it unnaturalto lenite Suidhe, but others might disagree.
Gnathas-cainnt na Litreach
Co-dhiĂš no co-dheth: anyhow, anyway.
Tha âLitir do Luchd-ionnsachaidhâ air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 6 Mar 2009 11:55ĂŰŃż´ŤĂ˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.