Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Fri 13 Mar 2009 11:55

Clip

Litir 506: An Rèisimeid Ghàidhealaich

Ann an Litir ceud, trithead ’s a còig (135) anns an Fhaoilleach dà mhìle ’s a dhà (2002), bha mi ag innse dhuibh mun rèisimeid Ghàidhealaich, na 78th Highlanders, agus mar a bha iad ann an Dùn Èideann greis. Bha sin anns a’ bhliadhna seachd ceud deug, seachdad ’s a h-ochd (1778). Uill, tha ceangal eadar sin agus an Litir an t-seachdain sa chaidh, anns an do dh’innis mi dhuibh mu ainm-àite ann an Dùn Èideann – Piper’sWalk – air Suidhe Artair. Bhuineadh am pìobaire don rèisimeid sin.
Chaidh an rèisimeid a chruthachadh le Iarla Shìophort, ceann-cinnidh Clann ’icCoinnich. Bha timcheall air mìle duine innte. Bha iad nan Gàidheil, à oighreachd Iarla Shìophort. Chaidh an cur gu ruige Lìte, port Dhùn Èideann, as t-samhradh seachd ceud deug, seachdad ’s a h-ochd (1778). Bha an riaghaltas ag iarraidh orra dhol air bòrd soitheach. 
Aig a’ cheann thall, ’s ann gu ruige Eileanan Chaolas Shasainn a chaidh iad, agus rinn iad obair ghaisgeil ann a bhith a’ dìon nan eilean sin an aghaidh nam Frangach.
Ach bha na saighdearan fhèin dhen bheachd gu robh e mar phàirt dhen chùmhnant aca nach biodh aca ri dhol a-null thairis. Agus nuair a bha iad ann an Lìte, chaidh fathann timcheall gun robh iad gu bhith a’ falbh chun nan Innseachan. Bha iad gu math feargach. Cha d’ fhuair iad gealltanas bho na h-oifigearan aca nach robh na soithichean aca a’ dol do na h-Innseachan.

Dh’fhalbh mu shia ceud dhiubh. Rinn iad caismeachd, ann an deagh òrdugh, a-mach à port Lìte, agus rinn iad air Suidhe Artair. Bha pìobairean aig an ceann. A rèir aithris, chaidh iad suas air a’ chnoc agus rinn iad gu math soilleir nach tigeadh iad sìos gus am faigheadh iad gealltanas nach biodh iad a’ dol a-null thairis. No gus an toireadh saighdearan eile sìos iad le fòirneart. Bha Dùn Èideann air bhoil.

Tha e coltach gun robh co-fhaireachdainn aig mòran ann an Dùn Èideann do na saighdearan. Thug iad biadh is deoch dhaibh. Cha do rinn na saighdearan cron sam bith air a’ bhaile. Chùm iad smachd glè mhath orra fhèin. Ach bha iad deimhinne nach robh iad a’ dol do na h-Innseachan.

Cha robh iad a’ campachadh air Suidhe Artair ach airson trì latha. Ach anns na trì latha sin, chaidh ainm a thoirt – feumaidh – le muinntir a’ bhaile do shlighe air am biodh pìobaire Gàidhealach a’ coiseachd, agus a’ seinn na pìoba. ’S e sin Piper’s Walk.

Gu fortanach, thàinig an gnothach gu crìch gu sìtheil. Ged a bha ceannardan an airm air saighdearan gu leòr a thoirt a Dhùn Èideann, roghnaich iad gun a bhith a’ sabaid. Chùm iad còmhraidhean leis na Gàidheil, agus thàinig iad gu aonta. Cha bhiodhan rèisimeid a’ dol do na h-Innseachan idir, ach a dh’Eileanan Chaolas Shasainn. Agus cha bhiodh duine air a pheanasachadh airson an “ar-a-mach”.

Beagan làithean às dèidh do na saighdearan Suidhe Artair fhàgail, rinn iad air Lìte a-rithist, le pìobairean aig an ceann. Bha mòran de mhuinntir an àite aig oir an rathaid airson am faicinn. Chaidh iad a dh’Eileanan Chaolas Shasainn agus ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a h-aon (1781) dhìon iad Jersey an aghaidh feachd às an Fhraing.

Bha na saighdearan Gàidhealach onarach. Ach dè mu dheidhinn nan ùghdarrasan? Às dèidh dhaibh Jersey a dhìon, chaidh na saighdearan a chur a-null do na h-Innseachan. Chaochail mòran air an t-slighe, agus ’s e glè bheag dhiubh a chunnaic Alba a-rithist.

Faclan na Litreach

rèisimeid: regiment; soitheach: vessel [ship]; Suidhe Artair: Arthur’s Seat; Iarla Shìophort: The Earl of Seaforth; gaisgeil: heroic; fathann: rumour; co-fhaireachdainn: sympathy; cron: damage; aonta: agreement; onarach: honourable.

Abairtean na Litreach

bhuineadh am pìobaire don rèisimeid sin: the piper belonged to that regiment; ceann-cinnidh Clann ’ic Coinnich: the chief of the Clan Mackenzie; chaidh an cur gu ruige Lìte: they were sent to Leith; a’ dìon nan eilean sin an aghaidh nam Frangach: defending those islands against the French; gu robh e mar phàirt dhen chùmhnant aca: that it was part of their contract; nach biodh aca ri dhol a-null thairis: that they wouldn’t have to go overseas; a’ falbh chun nan Innseachan: going to India;cha d’ fhuair iad gealltanas bho na h-oifigearan aca: they didn’t receive a promise from their officers; nach robh na soithichean aca a’ dol do na h-Innseachan: that their vessels weren’t going to India; ann an deagh òrdugh: in good order; bha pìobairean aig an ceann: there were pipers at their head; nach tigeadh iad sìos gus am faigheadh iad gealltanas: they wouldn’t come down until they got a promise; no gus an toireadh saighdearan eile sìos iad le fòirneart: or until other soldiers brought them down by force; air bhoil: in a state of frenzy; chùm iad smachd glè mhath orra fhèin: they maintained good discipline; chaidh ainm a thoirt – feumaidh: the [a] name was given –it must have been; thàinig an gnothach gu crìch gu sìtheil: the matter came to an end peacefully; cha bhiodh duine air a pheanasachadh airson an “ar-a-mach”: nobody would be punished for the “mutiny”; chaochail mòran air an t-slighe: many died on the way.

Puing-chànain na Litreach

’s ann gu ruige Eileanan Chaolas Shasainn a chaidh iad: it was to the Channel Islands that they went. I could have said chaidh iad gu ruige ... but I put the ’s ann first. This was in order to emphasize the Channel Islands, because I was about to tell you that they thought they were going to a different destination – India. Try using that phraseology in your everyday Gaelic if you can. You might say things like ’s ann à Glaschu a tha mi (to emphasize Glasgow rather than any other place), ’s ann dha-rìreabh a tha mi (I’m deadly serious), ’s ann tric a bhithinn a’ faicinn iolairean sna làithean ud (it’s often I would see eagles in those days), ’s ainneamh a thachras sin (it’s rarely that happens).

Gnathas-cainnt na Litreach

roghnaich iad gun a bhith a’ sabaid: they chose not to fight.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast

  • Fri 13 Mar 2009 11:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast