Main content

10/04/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 10 Apr 2009
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 510
Duration: 05:12
Litir 510: Rondane
O chionn ghoirid bha mi ann an Nirribhidh airson sgitheadh tro na beanntan eadar loidsichean. An turas seo bha mi anns an Rondane, sgìre a chaidh a dhèanamh na pà irc nà iseanta ann an naoi ceud deug, seasgad ’s a dhà (1962) – a’ chiad phà irc ann an Nirribhidh.
Tha an Rondane cudromach ann an iomadach dòigh. Mar eisimpleir, ’s e fearde na h-à iteachan far a bheil na fèidh mhòra – no fèidh an t-sneachda – a’ fuireach gun smachd aig mac an duine orra. Bidh fios agaibh gu bheil treudan mòra de dh’fhèidhann an ceann a tuath nan dùthchannan Lochlannach, ach tha iad uile fo smachd nan Sà mi. Anns an Rondane, tha na fèidh fhathast a’ falbh am measg nam beann mar a thogras iad fhèin.
Chan fhaca mi gin eileirigean ann oir bha an dùthaich gu lèir còmhdaichte le sneachd. Ach tha e coltach gu bheil a leithid ann, far am biodh daoine a’ glacadh nam fiadh anns an t-seann aimsir – dìreach mar a bhiodh ar sinnsirean fhèin.
A’ stobadh a-mach às an t-sneachd, ge-tà , bha bothain bheaga. ’S e am facal a thathar a’ cleachdadh ann an Nirribhis san latha an-diugh airson a leithid – bu. Tha mian dùil gu bheil sin ceangailte ris na faclan bùth is both ann an Gà idhlig agus, mar sin, ri bothy ann an Beurla – a thà inig bhon Ghà idhlig bothan. Gu tric, ’s e hytte a th’ aig na Nirribhich air togalaichean nas motha na bu. Tha sin ceangailte ris an fhacal Bheurla hut – ach gu tric tha hytte Nirribheach tòrr nas motha is nas spaideile na hut.
Co-dhiù, mhothaich mi gun robh mi ann an sgìre a bha ainmeil airson beul-aithris nuair a rà inig mi togalach beag cloiche aig bun nam beann air a bheil Peer Gynt Hytte. Aig amannan dhen bhliadhna, bidh e fosgailte mar chafaidh do sgithearan. Tha e co-cheangailte ri caractar ainmeil ann an dualchas Nirribhidh – Peer Gynt. B’ e Henrik Ibsen fear de na sgrìobhadairean dhealbhan-chluiche as ainmeile a bh’ ann riamh. Nuair a bha mi ann an Oslo, chaidh innse dhomh gur e Ibsen an dà rna sgrìobhadair as motha a fhuair a dhealbhan air an à rd-ùrlar air feadh an t-saoghail.’S e a’ chiad fhear Uilleam Shakespeare.
Co-dhiù, sgrìobh Ibsen an dealbh-chluich Peer Gynt stèidhichte gu ìre air beul-aithris agus caractar a chuireas seachad ùine anns na beanntan, am measg nan trolls is eile. Chuir Edvard Grieg ceòl ris – ceòl a tha gu math ainmeil an-diugh. Ach dè an ceangal a th’ ann eadar am bothan cloiche ann am beanntan an Rondane, air a bheil Peer Gynt Hytte, agus an dealbh-chluich? Uill, a rèir choltais, chuir am fear-cruinneachaidh sgeulachdan, Peter Christian Asbjørnsen, oidhche seachad ann am bothan anns an dearbh à ite sin ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1842).
Chruinnich e sgeulachdan mu shealg nam fiadh mòra agus marcachd air muin ghobhar– rudan a bha ann an inntinn Henrik Ibsen nuair a sgrìobh e Peer Gynt.
Às dèidh dhomh an Rondane fhà gail, chaidh mi a-bhà n don ghleann gu baileOtta, far a bheil stèisean-rèile. Agus ann an sin, chuala mi stòiridh a tha a’ ceangal nasgìre sin do dh’Alba. Gu mì-fhortanach, chan e deagh stòiridh a th’ ann oir bha batailann eadar Albannaich agus Nirribhich.
Tha sinn cleachdte ri bhith a’ cluinntinn mu fheachdan Lochlannach ann anAlba. Ach, an ath-sheachdain, innsidh mi dhuibh mu fheachd Albannach a chaidh a-steach gu dùthaich Pheer Ghynt, agus mar a dh’fhuiling iad gu dubh.

Faclan na Litreach
Nirribhidh: Norway; loidsichean: lodges; eileirigean: deer traps; dealbh-chluich: [stage] play; stèisean-rèile: railway station.
Abairtean na Litreach
sgìre a chaidh a dhèanamh na pà irc nà iseanta: an area that was made a national park; far a bheil na fèidh mhòra a’ fuireach gun smachd aig mac an duine orra: where the reindeer live wild [without man’s control on them]; ceann a tuath nan dùthchannan Lochlannach: the north of Scandinavia; fo smachd nan Sà mi: under the control of the Saami; mar a thogras iad fhèin: as they themselves wish; gu bheil a leithid ann: that such things do exist; dìreach mar a bhiodh ar sinnsirean fhèin: just as our own ancestors would do; a’ stobadh a-mach às an t-sneachd, ge-tà : sticking out of the snow, however; ’s e hytte a th’ aig na Nirribhich air togalaichean nas motha na bu: the Norwegians call a building bigger than a “bu” a “hytte”; fosgailte mar chafaidh do sgithearan: open as a cafe for skiers; co-cheangailte ri caractar ainmeil: linked to a famous character; dè an ceangal a th’ ann eadar am bothan cloiche agus an dealbh-chluich?: what’s the link between the stone bothy and the play?; mu shealg nam fiadh mòra agus marcachd air muin ghobhar: about the hunting of the reindeer and riding on the backs of goats; chan e deagh stòiridh a th’ ann oir bha batail ann: it’s not a good story because there was a battle; cleachdte ri bhith a’ cluinntinn mu fheachdan Lochlannach ann an Alba: used to hearing about fighting groups of Vikings in Scotland ; mar a dh’fhuiling iad gu dubh: how they suffered badly.
Puing-chĂ nain na Litreach
chaidh mi a-bhà n don ghleann: I went down to the glen. MacBain tells us that a-bhà n comes from a(n) bh-fà n, meaning “into declivity”. But today it is an adverb meaning “down, downwards”, used in much the same way as sìos eg chaidh mi a-bhà n don chladach (I went down to the shore), shuidh mi a-bhà n (I sat down). It is more commonly encountered today in mainland dialects than in the islands but is known throughout the Gà idhealtachd from lines in songs such as suidhidh sinn a-bhà n gu socair (we will sit down at our ease).
Gnathas-cainnt na Litreach
an dà rna sgrìobhadair as motha a fhuair a dhealbhan air an à rd-ùrlar: the second most performed playwright.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 10 Apr 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.