Main content

17/04/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 17 Apr 2009
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 511
Duration: 05:37
Litir 511 - BlĂ r Khringen
An cuala sibh riamh mu Bhlà r Khringen ann an sia ceud deug ’s a dhà -dheug (1612)? Tha chair e ann an Nirribhidh. Chaidh sgrios a dhèanamh air feachd à Alba. Tha am blà r ainmeil ann an Nirribhidh, gu h-à raidh anns an sgìre far an do thachair e. Ann am baile Otta, tha ìomhaighean ann an à iteachan poblach a tha a’ taisbeanadh eachdraidh a’ bhatail.
Ach carson a bha feachd Albannach ann an Nirribhidh? Feumaidh mi beagan eachdraidh Lochlannach a thoirt dhuibh.
Aig toiseach an t-seachdamh linn deug bha an Danmhairg agus Nirribhidh air an riaghladh còmhla mar aon rìoghachd, fo smachd nan Dà nach. Bha smachd aig an Danmhairg air a’ chaolas a bha a’ ceangal a’ Chuain a Tuath ris a’ Chuan Bhaltach. Bha na Dà naich a’ cur cìs air luingeas a bha a’ falbh a-mach ’s a-steach. Bhuail sin gu mòr air malairt nan Suaineach.
Lorg na Suainich slighe eile tro cheann a tuath Nirribhidh. Ach cha b’ e slighe mhalairt a-mhà in a bha fa-near dhaibh. Thòisich Rìgh na Suain air cìsean a thogail ann an Nirribhidh agus ghabh e tiotal ùr air fhèin – Rìgh nan Lappach.
Cha robh na Dà naich no Nirribhich toilichte. Chuir na Dà naich feachd de shia mìle duine a dh’ionnsaigh baile Khalmar anns an t-Suain. Rinn iad sèist air.
Dh’fhastaich an t-Suain saighdearan à dùthchannan eile airson an cuideachadh. Am measg sin bha feachd à Alba. Cha b’ urrainn dhaibh dhol don t-Suain seachad air cladach na Danmhairg. Bha aca ri dhol air tìr ann an Nirribhidh agus coiseachd thar nam beann gu ruig’ an t-Suain. Ach bha na Nirribhich air taobh nan Dà nach.
Bha a’ chuid a bu mhotha de na h-Albannaich aig Kringen à Gallaibh. Bha trì cheud duine no mar sin à Inbhir Ùige. Bha iad fo smachd a’ Mhorair Seòras Mac na Ceà rdaich. Bha buidheann eile ann à ceann a deas na h-Alba. Bha an Lieutenant-Còirneal Alexander Ramsay os an cionn-san. Dh’fhalbh na h-Albannaich ann an dà shoitheach – tè à Inbhir Ùige agus tè à Dùn Dèagh. Rà inig iad cladach Lochlainn anns an Lùnastal sia ceud deug ’s a dhà -dheug (1612).
A rèir beul-aithris ann an Nirribhidh, chaidh cùisean ceà rr bhon toiseach. Bha feachd eile à Normandaidh no Sasainn gu bhith a’ coinneachadh ris na h-Albannaich ann an Arcaibh. Bhiodh iad a’ falbh a Lochlann còmhla. Cha do thachair sin. Chaidh na Normanaich (no Sasannaich) gu ruige Trondheim. Chaidh na h-Albannaich air tìr gu deas air sin.
Bha na Gallaich rud beag eòlach air an sgìre oir bhiodh iad a’ dol ann bho à m gu à m airson fiodh fhaighinn. Agus bha feachd eile de Dhùitsich is Albannaich air a dhol don t-Suain air an t-slighe sin roimhe. Ach an turas seo, cha robh na Nirribhich a’ dol gan leigeil troimhe gun spà irn.
Thug na h-Albannaich fear-iùil Nirribheach air bòrd. Thug e car asta oir chaidh iadair tìr ann an à ite garbh. Lean na h-Albannaich gleann fada air a bheil Gudbrandsdalen. Ach bha feachd de chòig ceud Nirribheach a’ feitheamh riutha gun fhiosta ann an à ite air a bheil Kringen, faisg air Otta.
A rèir beul-aithris anns an sgìre sin, bha fios aig Seòras Mac na Ceà rdaich gun robh latha fuilteach gu bhith ann. Gach madainn bhiodh e a’ cur pùdar-gunna air an teine anns a’ phà illean aige. Mar bu trice, bhiodh an toit ag èirigh gu dìreach. Ach air a’ mhadainn sin, chaidh an toit dha ionnsaigh. ’S e manadh a bh’ ann – de dhroch latha do na h-Albannaich, mar a chì sinn an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Nirribhidh: Norway; Inbhir Ùige: Wick; Dùn Dèagh: Dundee; Arcaibh: Orkney; fear-iùil: pilot; manadh: omen.
Abairtean na Litreach
Blà r Khringen: The Battle of Kringen; chaidh sgrios a dhèanamh air feachd à Alba: a fighting force from Scotland was destroyed; air an riaghladh còmhla mar aon rìoghachd: governed together as one kingdom; a bha a’ ceangal a’ Chuain a Tuath ris a’ Chuan Bhaltach: which linked the North Sea to the Baltic Sea; cìs air luingeas: a taxon shipping; cha b’ e slighe mhalairt a-mhà in a bha fa-near dhaibh: it is not just [finding] a trade route that was their intention; ghabh e tiotal ùr air fhèin – Rìgh nan Lappach: he took on a new title – King of the Lapps; rinn iad sèist air: they put it under siege; dh’fhastaich an t-Suain saighdearan à dùthchannan eile: Sweden hired soldiers from other countries; fo smachd a’ Mhorair Seòras Mac na Ceà rdaich: under the command of Lord George Sinclair; os an cionn-san: in charge of them; ceà rr bhon toiseach: wrong from the start; bha na Gallaich rud beag eòlach air an sgìre: the Caithnessians were a little familiar with the area; airson fiodh fhaighinn: to get timber; bha feachd eile de Dhùitsich is Albannaich air a dhol air an t-slighe sin roimhe: a force of Dutch and Scots had already gone on that route; cha robh X a’ dol gan leigeil troimhe gun spà irn: X weren’t going to let them through without a struggle; thug e car asta: he tricked them; gun robh latha fuilteach gu bhith ann: that a bloody day lay ahead; bhiodh e a’ cur pùdar-gunna air an teine anns a’ phà illean aige: he would put gunpowder on the fire in his tent; ag èirigh gu dìreach: rising vertically; dha ionnsaigh: towards him.
Puing-chĂ nain na Litreach
Cha b’ urrainn dhaibh dhol don t-Suain seachad air cladach na Danmhairg: they couldn’t go to Sweden past the coast of Denmark. Remember that the names of countries in Gaelic are almost always feminine and invariably singular (Na h-Innseachan, India being an obvious exception). If they carry the article (which a majority do), the form of the article in the genitive will always be na eg Seansalair na Gearmailt, Prìomhaire na Suain(e), Ceann-suidhe na Frainge, muinntir na h-Eadailt, prìomh bhaile na h-Eilbheis. Try and get a feel for femininity in nouns so that you automatically form the correct genitive singular article – countries are a good way of remembering the rule.
Gnathas-cainnt na Litreach
Bhuail sin gu mòr air malairt nan Suaineach: that greatly affected the Swedes’ trade.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 17 Apr 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.