Main content

24/04/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 24 Apr 2009
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 512
Duration: 05:22
Litir 512: Pillarguri
Ann am baile Otta, ann am meadhan Nirribhidh, tha ìomhaigh ann de bhoireannach òg. ’S e Pillarguri an t-ainm a th’ oirre agus tha i ainmeil ann an eachdraidh na dùthcha. Na là imh tha còrn a tha i a’ sèideadh. ’S e sèideadh a’ chùirn a chomharraich toiseach na h-ionnsaigh a rinn ceudan Nirribheach air feachd Albannach a bha a’ dèanamh air an t-Suain ann an sia ceud deug ’s a dhà -dheug (1612). Bha na h-Albannaich a’ dol a shabaid as leth rìgh na Suain – an aghaidh nan Dà nach agus nan Nirribheach.
Aig Kringen, deas air Otta, bha còig ceud Nirribheach a’ feitheamh ris na h-Albannaich. Bha iad am falach anns a’ choille os cionn na h-aibhne. Bha Pillarguri air taobh eile na h-aibhne, a’ cumail sùil air na h-Albannaich fhad ’s a bha iad a’ tighinn sìos an gleann. Bha na h-Albannaich ann an deagh shunnd agus thathar ag rà dh gun robh feadhainn a’ seinn na pìoba. Bha iad a’ cumail sùil air Pillarguri agus air fear eile a bha faisg oirre air muin eich ach a bha a’ marcachd an comhair a chùil. Cha robh an sùilean air na coilltean os an cionn.
Bha Seòras Mac na Ceà rdaich aig an aghaidh. B’ esan a’ chiad duine a chaidh a mharbhadh nuair a thòisich na Nirribhich air losgadh air na h-Albannaich le crois-bhoghachan agus gunnaichean. Bha Seòras air manadh fhaicinn air a’ mhadainn sin gum biodh droch latha ann agus thug e sgian do a bhean. Bha a bhean agus am pà iste a’ siubhal còmhla ris.
Nuair a chaidh Seòras a mharbhadh, chaidh fear de na Lochlannaich a dh’ionnsaigh a mhnà leis an amas am pà iste a thogail is a thoirt gu sà bhailteachd. B’ esan Kjeld Fjerdringen.
Ach bha a’ Bhean-uasal Nic na Ceà rdaich dhen bheachd gun robh e a’ dol a mharbhadh an leanaibh. Thug i an sgian a-mach agus shà th i Kjeld. Thuit e marbh.
Rinn na Nirribhich a’ chùis air na h-Albannaich. Bha beagan is ceud is trithead Albannach air fhà gail beò, agus iad nam prìosanaich. ’S e glè bheag de mhuinntir an à ite a chaill am beatha.
Ach cha robh an sgrios seachad. Air an lĂ rna-mhĂ ireach thug na Nirribhich na h-Albannaich a-mach agus mhuirt iad a’ chuid a bu mhotha aca, fear mu seach. Ged a tha muinntir Nirribhidh a’ comharrachadh a’ bhatail chun an latha an-diugh, le fèill gach samhradh, ’s e seo pĂ irt dheth Ă s nach eil iad moiteil. Thathar a’ dèanamh dheth nach robhach ceithir Albannaich dheug air fhĂ gail beò aig an deireadh. Bha na ceudan anns an fheachd aig an toiseach. Chaidh na prìosanaich a thoirt don phrìomh bhaile, Christiania, far a bheil Oslo andiugh.Tha carragh-cuimhne ann do Sheòras Mac na CeĂ rdaich ann am baile eile air a bheil Kvam, sìos an gleann bho Khringen. Ged a bha e na nĂ mhaid do na Nirribhich, thathar a’ toirt spèis do a chuimhne an-diugh. Agus tha feadhainn ag aithneachadh gu robh ceangal eachdraidheil aige do Lochlann. Bha a shinnsirean nan Normanaich agus b’ e a sheanair an t-Iarla mu dheireadh de dh’Arcaibh.Â
’S dòcha gun robh Lochlannais fhathast aig cuid de na saighdearan aige.
Taobh a-muigh Ghallaibh, cha chreid mi gu bheil mòran ann an Alba a’ cuimhneachadh Blà r Khringen an-diugh. Ach chan ionann sin ann an Nirribhidh. Ann an ionad nam bùthan ann an Otta, tha taisbeanadh mòr de dhealbhan brèagha a tha ag innse eachdraidh a’ bhatail ’s mar nach do shoirbhich le feachd Albannach ann an Nirribhidh anns an t-seachdamh linn deug.

Faclan na Litreach
Nirribhidh: Norway; ìomhaigh: statue, image; Seòras Mac na Ceà rdaich: George Sinclair; manadh: omen; shà th: stabbed; carragh-cuimhne: memorial stone; taisbeanadh: display.
Abairtean na Litreach
na là imh tha còrn: in her hand is a horn; ’s e sèideadh a’ chùirn a chomharraich toiseach na h-ionnsaigh: it’s the blowing of the horn that marked the start of the attack; a’ dol a shabaid as leth rìgh na Suain: going to fight on behalf of the King of Sweden; os cionn na h-aibhne: above the river; a’ seinn na pìoba: playing the bagpipes; faisg oirre air muin eich: close to her on horseback; a’ marcachd an comhair a chùil: riding backwards; losgadh air X le crois-bhoghachan agus gunnaichean: firing on X with crossbows and guns; thug e sgian do a bhean: he gave a knife to his wife; a dh’ionnsaigh a mhnà : towards his wife; leis an amas am pà iste a thoirt gu sà bhailteachd: with the aim of taking the child to safety; an là rna-mhà ireach: the next day; le fèill gach samhradh: with a festival every summer; ’s e seo pà irt dheth às nach eil iad moiteil: this is a part of which they are not proud; thathar a’ dèanamh dheth nach robh ach ceithir Albannaich dheug air fhà gail beò: it’s reckoned there were only 14 Scots left alive; chaidh na prìosanaich a thoirt don phrìomh bhaile: the prisoners were taken to the capital; ged a bha e na nà mhaid do na Nirribhich: although he was an enemy to the Norwegians; thathar a’ toirt spèis do a chuimhne: his memory is revered; tha feadhainn ag aithneachadh: some people recognise; bha a shinnsirean nan Normanaich: his ancestors were Normans; b’ e a sheanair an t-Iarla mu dheireadh de dh’Arcaibh: his grandfather was the last Earl of Orkney; chan ionann sin: that’s not the same.
Puing-chĂ nain na Litreach
Bha beagan is ceud is trithead Albannach air fhà gail beò, agus iad nam prìosanaich: there were a little over 130 Scots left alive, who were prisoners. Remember the use of agus here to introduce what in English would be a clause, containing a verb (were). The verb is not necessary in the Gaelic phraseology. Note also that nam prìosanaich is the dative plural, using the dative to express identity (cf tha mi nam thidsear, “I am in my teacher”; tha e na amadan, “he is in his idiot”). Literally the Gaelic phrase means “and they in their prisoners”.
GnĂ thas-cainnt na Litreach
Bha iad am falach anns a’ choille: they were hiding/hidden inthe forest.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 24 Apr 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.