Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Fri 1 May 2009 11:55

Clip

Litir 513: Tòimhseachan

Bu mhath leam tòiseachadh le tòimhseachan an t-seachdain seo. Feumaidh sibhse tomhas a dhèanamh air cuspair an tòimhseachain: 

Nighean bheag a’ chòta bhàin 
Anns an t-sabhal is anns an àth 
Mar (a) bu mhotha a bha i ’g ith’
’S ann (a) bu lugha a bha i (a’) fàs

A bheil e agaibh? Uill, seo dreach eile air an dearbh thòimhseachan. ’S dòcha an turas seo gum faigh sibh e:

Nighean bheag a’ chòta bhàin
’S i na suidhe ’s i ri cnàmh
Mar (a) bu mhotha a bha i ’g ith’
’S ann (a) bu lugha a bha i (a’) fàs

Tha mi cinnteach gu bheil e agaibh a-nise! Smaoinichibh air oidhcheannan dorcha a’ gheamhraidh mus robh cumhachd an dealain ann. ’S e nighean bheag a’ chòta bhàin – coinneal.

Mar a bu mhotha a bha a’ choinneal ag “ithe” de chèir, ’s ann a bu lugha a bha i a’ fàs. Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba dìreach air a bhith a’ comharrachadh an còigeamh co-latha-breith deug thar na trì fichead. Nise, chan e colbh poilitigeach a th’ anns an Litir seo agus chan eil mi ag ainmeachadh a’ phàrtaidh air sàillibh adhbharan poilitigeach. Ach bu mhath leam rudeigin a ràdh mun duine a bha na chiad cheann-suidhe aig an SNP nuair a thòisich iad o chionn seachdad ’s a còig bliadhna, oir ’s e duine iongantach a bh’ ann.

B’ esan Raibeart Coineagan Greumach. ’S iomadh rud iongantach a rinn e na bheatha ach tha e air a chuimhneachadh gu sònraichte airson a chuid sgrìobhaidh agus airson na rinn e ann am poilitigs.

Bhuineadh Raibeart do na h-uaislean agus thogadh e air oighreachdan ann an Siorrachd Rinn Friù agus Siorrachd Dhùn Bhreatainn. Bha a mhàthair leth-Spàinnteach agus ’s e Spàinntis a’ chiad chànan a bh’ aige. Bha e aig sgoil phrìobhaideach Harrow ann an Sasainn agus mu dheireadh ann an sgoil sa Bhruiseil. Dh’fhalbh e an uair sin gu ruige Argentina far an do rinn e airgead mòr mar rainsear cruidh. Cha b’ e sin àrach a bhite an dùil a dhèanadh e na nàiseantach Albannach!

Fhad ’s a bha e ann an Argentina, dh’fhàs e gu math sgileil air muin eich. Choisinn e cliùdha fhèin mar bhalach-cruidh no gaucho, agus ghabh e gràdh mòr air eich – rud a thigeadh am bàrr anns an sgrìobhadh aige. Bhathar eòlach air ann an Argentina mar Don Roberto.

Ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a trì (1883), chaochail athair. Thill Raibeart a Bhreatainn agus fhuair e an sàs ann am poilitigs. Ach, a dh’aindeoin àraich mar fhear de na h-uaislean bha Raibeart na shòisealach làidir. Cha robh am Pàrtaidh Làbarach ann am bith aig an àm, agus sheas Raibeart mar thagraiche Libearalach anns an taghadh nàiseanta ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a sia (1886).

Bha am manifesto aige gu math radaigeach. Bha e ag iarraidh gun cuirte às do Thaigh nam Morairean, gum faigheadh a h-uile inbheach, fireann is boireann, a’ bhòt, gum biodh na tionnsgalan mòra air an cur fo smachd na stàite, gum faigheadh clann dinnear sgoile an-asgaidh, gum biodh an ceangal bunreachdail eadar an stàit agus Eaglais Shasainn air a bhriseadh, nach biodh aig luchd-obrach ri barrachd na ochd uairean a thìde obrachadh gach latha agus gum faigheadh Alba fèin-riaghladh. Uill ... bha iad sin gu math radaigeach aig an àm!

An ath-sheachdain chì sinn mar a chaidh beatha phoilitigeach Raibeirt tro atharrachadh mòr no dhà eile mus robh i seachad. Eucoltach ri coinneal cha deach e an lughad le aois.

Faclan na Litreach

tòimhseachan: puzzle; sabhal: barn; àth: kiln; coinneal: candle; cèir: wax; Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba: Scottish National Party; ceann-suidhe: president; Raibeart Coineagan Greumach: Robert Cunninghame Graham; sòisealach: socialist; radaigeach: radical; fèin-riaghladh: self-government.

Abairtean na Litreach

nighean bheag a’ chòta bhàin: little lass of the white coat; mar (a) bumhotha a bha i ’g ith’: the more she ate; ’s ann (a) bu lugha a bha i (a’) fàs: the smaller she grew; ’s i na suidhe ’s i ri cnàmh: sitting and being eaten away; cumhachd an dealain: electricity; air sàillibh adhbharan poilitigeach: for political reasons; ’s e duine iongantach a bh’ ann: he was an amazing guy; ’s iomadh rud iongantach a rinn e na bheatha: he did many amazing things in his life; bhuineadh Raibeart do na h-uaislean: Robert belonged to the gentry; Siorrachd Rinn Friù agus Siorrachd Dhùn Bhreatainn: Renfrewshire and Dunbartonshire; sa Bhruiseil: in Brussels; rainsear cruidh: a cattle rancher; cha b’ e sin àrach a bhite an dùil a dhèanadh e na nàiseantach Albannach: that wasn’t an upbringing that would be expected to make him a Scottish nationalist; choisinn e cliù dha fhèin mar bhalach-cruidh: he won himself a reputation as a cowboy; rud a thigeadh am bàrr: something that would come to the fore; bhathar eòlach air: he was known as; mar thagraiche Libearalach: as a Liberal candidate; gum biodh nationnsgalan mòra air an cur fo smachd na stàite: that the major industries would be nationalized; an ceangal bunreachdail eadar an stàit agus Eaglais Shasainn: the constitutional link between the state and the Church of England.

Puing-chĂ nain na Litreach

an còigeamh co-latha-breith deug thar na trì fichead: their 75th birthday. You will know that we are currently between two counting systems – the vigesimal still used by more elderly people and the decimal used in the schools (and which I generally employin the Litir). Each system has strengths and weaknesses. In decimal parlance the 75th birthday is an seachdadamh co-latha-breith ’s a còig. I might also have said, using the vigesimal system, an trì ficheadamh co-latha-breith ’s a còig-deug. But in this Litir, I decided to use the old fashioned way of saying 75th – which is how the psalms are counted, for example. A good book which deals with examples of this nature is Gràmar na Gàidhlig by Maoilios Caimbeul, a book of grammatical exercises designed for high school students but ideal for adult learners.

Gnathas-cainnt na Litreach

Eucoltach ri coinneal cha deach e an lughad le aois: unlike a candle it didn’t diminish with age.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast

  • Fri 1 May 2009 11:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast