Main content

08/05/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 8 May 2009
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 514
Duration: 05:29
Litir 514: Raibeart Coineagan Greumach
Am measg nan daoine a th’ air an tiodhlacadh air Innis mo Cholmaig ann an Loch Innse mo Cholmaig tha Raibeart Coineagan Greumach, no Don Roberto mar a chainte ris anns an dà rna dùthaich aige, Argentina. Mura h-eil sibh eòlach air Loch Innse mo Cholmaig ’s e sin a’ Ghà idhlig air The Lake of Menteith. Cha b’ ann an Alba a chaochail Raibeart – ach nuair a bha e air turas ann an Argentina ann an naoi ceud deug, trithead ’s a sia (1936).
Ged a bhuineadh e do na h-uaislean, bha Raibeart na shòisealach agus na nà iseantach Albannach. An toiseach, ge-tà , bha e na bhall pà rlamaid don Phà rtaidh Libearalach. Ach, aig a’ cheann thall, cha robh iadsan fada gu leòr air taobh clì phoilitigs dha.
Cha robh e deònach cumail ri modhan Thaigh nan Cumantan agus chaidh a chur a-mach às an Taigh airson mì-mhodh barrachd air aon turas. Bha e a’ dìon còraichean nan daoine bochda agus còraichean daoine a bhith a’ togail fianais gu sìtheil air an t-srà id.
As t-fhoghar ochd ceud deug, ochdad ’s a seachd (1887), dh’fhàs cùisean mì-rianailair na srà idean. Bha crìonadh eaconamach ann agus thog mòran fianais. Cuimhnichibh gur e dìreach beag-chuid dhen phoball aig an robh còraichean bhòtaidh aig an à m.
Thà inig gnothaichean gu ceann air an treas latha deug dhen t-Samhain ochd ceud-deug, ochdad ’s a seachd (1887) ann an Ceà rnag Trafalgar ann an Lunnainn. Thathar a’ cuimhneachadh an latha mar “Dòmhnach na Fala” – a’ chiad fhear leis an ainm sin.
Rinn na poilis dochann air mòran dhen luchd-fhianais. Nam measg bha Raibeart. Ach bu choma leis a’ bhritheamh gun do dh’fhuiling e dochann. Fhuair e sia seachdainean sa phrìosan a bharrachd.
Bha Raibeart a’ sìor ghluasad don là imh chlì. Aon turas thug e seachad òraid anns an Fhraing a bha cho radaigeach ’s gun deach a shadail a-mach às an dùthaich. Dh’fhà g e am Pà rtaidh Libearalach agus, ann an co-bhuinn ri Keir Hardie, stèidhich e Pà rtaidh Là barach na h-Alba. Sheas e airson a’ phà rtaidh ann an Glaschu anns an taghadh nà iseanta ann an ochd ceud deug, naochad ’s a dhà (1892) ach cha deach leis. Bha a bheatha mar bhall pà rlamaid seachad.
Ach cha robh a bheatha phoilitigeach seachad. Bha e riamh a’ creidsinn gu là idir annam fèin-riaghladh do dh’Alba. Agus, mar a bha mi ag rà dh, b’ esan a’ chiad cheann-suidhe aig a’ Phà rtaidh Nà iseanta, an SNP.
Bha beatha Raibeirt taobh a-muigh phoilitigs a cheart cho inntinneach ri a bheatha taobh a-staigh phoilitigs. Fhad ’s a bha e fhathast sa phà rlamaid, dh’fhalbh e a Mhorogo leis an amas a bhith a’ marcachd tro na beanntan Atlas gu ruige baile air a bheil Taroudant. Ge-tà , bha am baile toirmisgte do choigrich, gu h-à raidh Crìosdaidhean.
Chuir an Greumach e fhèin ann an riochd dotair Tuirceach agus bha e faisg air Taroudant nuair a chuireadh an grèim e. Dh’innis e eachdraidh a’ ghnothaich anns an leabhar Mogreb-El-Acksa.
Sgrìobh e mòran leabhraichean air eich, siubhal agus eachdraidh agus bha e na charaid pearsanta do na h-uibhir de na h-ùghdaran is luchd-ealain as ainmeile ri a linn. Am measg nan daoine a bu mhotha dhan tug e spèis bha Aimé Tschiffely, Eilbheiseach a rinn a dhachaigh ann an Argentina. Chaidh Tschiffely còig mìle deug mìle air muin eich tro Ameireagaidh – deas agus tuath – thar trì bliadhna. Bha rud mar sin cho dlùth ri cridhe Raibeirt ’s a bha eadhon poilitigs is còraichean muinntir na h-Alba. Bha Raibeart Coineagan Greumach ainmeil ri a linn, agus cha bu chòir dhuinn a bhith ga dhìochuimhneachadh an-diugh.

Faclan na Litreach
Innis mo Cholmaig: Inchmahome; Raibeart Coineagan Greumach: Robert Cunninghame Graham; Loch Innse mo Cholmaig: The Lake of Menteith; mì-rianail: disorderly; fèin-riaghladh: self-government; ceann-suidhe: president; Pà rtaidh Nà iseanta nah-Alba: Scottish National Party; Eilbheiseach: a Swiss
Abairtean na Litreach
ged a bhuineadh e do na h-uaislean: although he belonged to the gentry; bha Raibeart na shòisealach agus na nà iseantach Albannach: Robert was a socialist and a Scottish nationalist; deònach cumail ri modhan Thaigh nan Cumantan: willing to keep to the ways of the House of Commons; còraichean daoine a bhith a’ togail fianais gu sìtheilair an t-srà id: the rights of people to protest peacefully on the street[s]; as t-fhoghar: in theautumn; crìonadh eaconamach: an economic downturn; gur e dìreach beag-chuid dhenphoball aig an robh còraichean bhòtaidh: that it was just a minority of the population whohad voting rights; rinn na poilis dochann air mòran dhen luchd-fhianais: the police beat up many of the protesters; bu choma leis a’ bhritheamh: the judge was indifferent; ’s gun deach a shadail a-mach às an dùthaich: that he was expelled from the country; cha deach leis: he wasn’t successful; bha a bheatha mar bhall pà rlamaid seachad: his life as a parliamentarian was over; a cheart cho inntinneach ri: just as interesting as; dh’innis e eachdraidh a’ ghnothaich: he told the story of the affair; na h-uibhir de na h-ùghdaran is luchd-ealain as ainmeile ri a linn: many of the most famous authors and artists of his day; am measg nan daoine a bu mhotha dhan tug e spèis: among the people he most respected; còig mìle deug mìle air muin eich tro Ameireagaidh – deas agus tuath: fifteen thousand miles on horseback through America – south and north; cha bu chòir dhuinn a bhith ga dhìochuimhneachadh: we shouldn’t forget him.
Puing-chĂ nain na Litreach
Dòmhnach na Fala: Bloody Sunday (ie Sunday of the Blood). This is the Gaelic phrase by which the more recent Bloody Sunday in Northern Ireland is known so it seems a suitable phrase to use in relation to the earlier day of the same name in London (in which, interestingly, Irish nationalists agitating for ĂŰŃż´«Ă˝ Rule played a significant role). You might have expected Didòmhnaich – but Dòmhnach can also be used, particularly in relation to a particular Sunday of the year. Dòmhnach na CĂ isge, for example, is Easter Sunday. Dòmhnach derives from the Latin dominica; Didòmhnaich is from Dies Dominica – “The Lord’s Day”.
Gnathas-cainnt na Litreach
toirmisgte do choigrich: out of bounds [banned] to foreigners.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 8 May 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.