Main content

15/05/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 15 May 2009
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 515
Duration: 05:26
Litir 515: Gilleasbaig is Fionnladh Cook
Tha e inntinneach gun robh a’ Ghà idhlig aig an dithis bhrà ithrean, Gilleasbaig is Fionnladh Cook, eadar-dhealaichte bho chèile. Carson a tha e inntinneach? Uill, thogadh iad còmhla ann an Eilean Arainn ach tha e coltach gun do chùm Gilleasbaig ris an dual-chainnt Arainnich, an ìre mhath co-dhiù. Leig Fionnladh le dualchainntean eile buaidh a thoirt air a’ Ghà idhlig aige.
Tuigidh sibh, ma tha mi a’ bruidhinn air Gà idhlig Arainn nach eil mi a-mach air daoine a tha beò. Chaochail an fheadhainn mu dheireadh aig an robh Gà idhlig Arainneach mu ghinealach air ais. Agus bha na brà ithrean Cook beò grunn ghinealach air ais. Bha iad le chèile ainmeil mar shearmonaichean anns a’ chùbaid. Agus mar Arainnich cha robh iad leotha fhèin. Thà inig mòran do chùbaidean Gà idhealach anns an naoidheamh linn deug à  Eilean Arainn.
Bha Gillesbaig, no Archibald, Cook gu sònraichte ainmeil mar shearmonaiche – ann an GĂ idhlig agus Beurla. Rugadh e ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a naoi (1789).Â
Bha Fionnladh aon bhliadhn’ deug na bu shine. Bha esan na mhinistear ann an Leòdhas a bharrachd air Gallaibh agus Inbhir Nis. Bha a bhrà thair na mhinistear a-mhà in air tìr-mòr.
Sgrìobh aon phears-eaglais, a bhuineadh do Chnapadal ann an Earra-GhĂ idheal, gun robh dualchainnt Arainn gu math eadar-dhealaichte eadhon bhon dualchainnt aige fhèin.Â
Mar eisimpleir, bhiodh na h-Arainnich a’ fuaimneachadh na litreach “a” ann an dòigh eadar-dhealaichte bhon a h-uile à ite eile. Sgrìobh am fear seo gum biodh an “a” air a ceangal ri fuaimreag eile airson dà -fhoghair, no diphthong, a chruthachadh. Tha Tormod Caimbeul à  Leòdhas, a sgrìobh mu bheatha is obair Chook anns an tè as ùire de dh’irisean Chomunn Gà idhlig Inbhir Nis, ag rà dh gu robh e coltach gun canadh muinntir Arainn “mweh” airson math. Tha e coltach cuideachd gun canadh iad “bwètuh” airson bà ta agus “bwè” airson bà .
Ach nuair a thathar a’ sgrùdadh nan searmonan Gà idhlig aig Archibald Cook, tha e follaiseach gun do ghabh e grunn fhaclan a-staigh bho dhualchainntean eile. Is beag an t-iongnadh.
Bha e fad bhliadhnaichean na mhinistear ann an Gallaibh, baile Inbhir Nis agusann an Deimhidh faisg air Inbhir Nis. Eadar ochd ceud deug, fichead ’s a trì (1823) agus trithead ’s a seachd (1837), mar eisimpleir, bha e ann am paraiste Latharain ann an Gallaibh far an robh a’ Ghà idhlig fhathast là idir aig an à m, ged a bha i a’ crìonadh. Aig à m a’ chomanachaidh bhiodh Cook a’ searmonachadh ann am Beurla cuideachd, agus bhiodh feadhainn a’ siubhal naoi mìle à Inbhir Ùige airson èisteachd ris.
Nuair a bha e ann an Gallaibh agus ann an Siorrachd Inbhir Nis ’s iongantach mura gabh e a-steach faclan neo-Arainneach a bhuineadh do na dualchainntean sin. Mar eisimpleir, ann an Arainn, b’ e madadh am facal Ă bhaisteach airson dog. Ach bhiodh Cook cuideachd a’ cleachdadh an fhacail cĂą. An an searmon turas chleachd e na dhĂ anns an aon seantans: Leumaidh iad a-mach à ’n leapaichean, thuirt e, gun Ăąrnaigh, mar chuilean madaidh agus leumaidh iad a-mach Ă s an eaglais mar chĂą dhe theadhair.Bhiodh Cook cuideachd a’ cleachdadh an fhacail nĂ baidh, an Ă ite coimhearsnach, airson neighbour. ’S dòcha gun do thog e sin am measg nan GĂ idheal ann an Gallaibh.Â
Agus chleachdadh e faclan mar tìm is meall nach robh air an clà radh ann an Gà idhlig Arainn. Ach ge bith dè cho coltach no eucoltach ’s a bha an dualchainnt aige ri Gà idhlig achoitheanalan, chan eil teagamh nach robh Cook na shà r-shearmonaiche. Bheir sinn sùil a bharrachd air a’ mhinistear à raidh seo an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
pears-eaglais: churchman; Cnapadal: Knapdale; dĂ -fhoghair:Â diphthong; Tormod Caimbeul: Norman Campbell; Deimhidh: Daviot; Latharan: Latheron;Â Gallaibh: Caithness.
Abairtean na Litreach
an dithis bhrà ithrean, Gilleasbaig is Fionnladh Cook: the twobrothers, Archibald and Finlay Cook; eadar-dhealaichte bho chèile: different from eachother; thogadh iad còmhla ann an Eilean Arainn: they were brought up together on the Isle of Arran; an ìre mhath co-dhiù: pretty much, anyway; leig Fionnladh le dualchainntean eile buaidh a thoirt air a’ Ghà idhlig aige: Finlay let other dialects affect his own Gaelic; grunn ghinealach air ais: a few generations ago; mar shearmonaichean anns a’ chùbaid: as preachers in the pulpit; cha robh iad leotha fhèin: they weren’t on their own; bhiodh na h-Arainnich a’ fuaimneachadh X ann an dòigh eadar-dhealaichte: the Arran folk would pronounce X in a different way; is beag an t-iongnadh: it’s hardly surprising; ged a bha i a’ crìonadh: although it was in decline; à m a’ chomanachaidh: communion time; ’s iongantach mura gabh e a-steach faclan neo-Arainneach: it would hardly be surprising if he absorbed non-Arran words; a-mach à ’n leapaichean gun ùrnaigh, mar chuilean madaidh: out of their beds without a prayer like a puppy; mar chù dhe theadhair: like a dog off its leash; ge bith dè cho coltach no eucoltach ’s a bha an dualchainnt aige: regardless of how alike or unlike [the others] his dialect was.
Puing-chĂ nain na Litreach
The Gaelic dialect of the Isle of Arran was characterized bythe linguist Nils Holmer as having “a larger amount of analogies with Irish Gaelic than any other Scottish Gaelic dialect”. What a crying shame that the state’s destructive and misguided education and social policies brought about its demise – as was the case with many rich and fascinating regional dialects from Caithness to the Clyde. Arran in the late 18th and 19th Centuries supplied many Gaelic-speaking ministers to churches throughout Gaelic Scotland and even in 1891 some 85% of the inhabitants of Lochranza still spoke the language. But the writing was on the wall. Norman Campbell in his interesting paper on “Rev. Archibald Cook of Daviot” (Transactions of Gaelic Soc. of Inverness, vol. LXIV)informs us that the last fully bilingual person on Arran to speak the local Gaelic dialect was Donald Craig of Machrie who died in 1978.
Gnathas-cainnt na Litreach
Bha e fad bhliadhnaichean na mhinistear: he was a ministerfor years.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 15 May 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.