Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Fri 22 May 2009 11:55

Clip

Litir 516: Gilleasbaig Cook

Bha Gilleasbaig, no Archibald, Cook na shàr-shearmonaiche. Bha e na mhinistear. An dèidh an sgaraidh san eaglais ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843), bha e anns an Eaglais Shaoir ann an Deimhidh, faisg air Inbhir Nis. Uaireannan bhiodh e a’ cumail sheirbheisean a-muigh làimh ris an eaglais oir cha robh an togalach mòr gu leòr airson nan ceudan a rachadh a dh’èisteachd ris.

Bhiodh e a’ searmonachadh ann an Gàidhlig agus uaireannan ann am Beurla agus chaidh mòran de na searmonan aige a ghlèidheadh air pàipear. Cha deach am foillseachadh ann an cruth leabhair fhathast, ge-tà. Airson fiosrachadh orra, tha mi an urra ri Tormod Caimbeul a thug òraid inntinneach seachad air Cook do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis. Tha an òraid a-nise air nochdadh ann an cruth pàipeir anns an iris as ùire de Transactions a’ Chomuinn.

Bha seasamh car neo-àbhaisteach aig Cook air rud no dhà co-cheangailte ris an eaglais is ris na sgriobtaran. Mar eisimpleir, bha e dhen bheachd gun robh anam duine a’ tighinn bho a phàrantan; bha a’ chuid mhòr anns an eaglais aige dhen bheachd gun tigeadh an t-anam gu dìreach bho Dhia.

Agus cha robh Cook taiceil don iomairt airson casg a chur air deoch làidir. Bha mòrananns an Eaglais Shaoir air a ràdh gu sòlaimte nach gabhadh iad deoch làidir sam bith agus nach toireadh iad deoch do dhaoine eile. Tha e coltach gun robh Cook dhen bheachd gur e atharrachadh spioradail a bha a dhìth air daoine – gum biodh iad a’ tionndadh gu Crìosd, ’s nach robh seachnadh na dibhe mar phàirt dheth sin. “Tha an-diugh dòighean ùr’ aca air peacaidhean a thrèigsinn,” thuirt e bhon chùbaid. “Gabhaidh iad pledge, ach chan eil sin ach a bhith a’ cur fàinne ann an sròn muice.” Air an làimh eile, bha e an aghaidh ceòl is dannsadh, a’ smaoineachadh gun robh iad peacach.

Bha Cook gu làidir an aghaidh nam fuadaichean a bha a’ tachairt ann an Deimhidh aigdeireadh nan caogadan. Bha nàdar de rup ann airson croitean fhaighinn air mhàl agus bhiodh cuid nach b’ urrainn uiread a phàigheadh air an cur a-mach às na croitean aca. “Sanntaichidh iad fearann an nàbaidh,” thuirt e, “agus, ged a chitheadh iad gul nan creutairean a tha iad a’ cur a-mach às an àitean còmhnaidh, cha bhean e riu’ nas mò na leaghas an t-uisge na clachan.” 

Ged a dh’fhàs Cook ainmeil ann an Deimhidh, bha teans ann bliadhnaichean roimhegum falbhadh e a-null thairis. Bha cuid de Ghàidheil ann an Ceap Breatainn ann an Canada a’ beachdachadh air Cook a ghairm mar mhinistear dhaibh. Dh’iarr iad air a’ mhinistear ainmeil thall an sin – an t-Urramach Tormod MacLeòid – sgrìobhadh gu Cook airson faighinn a-mach am biodh ùidh aige ann a bhith a’ dol a-null. Chaidh litrichean eadar an dithis ach thàinig an gnothach gu ceann nuair a chàin MacLeòid Cook.

Chaochail Cook ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a còig (1865), às dèidh dha sreathstròcan fhulang. Ach tha e air a chuimhneachadh fhathast ann an Deimhidh is Srath Narann.

Bu mhath leam crìoch a chur air a’ chunntas seo le marbhrann do Chook a bh’ air asgrìobhadh dha, ann an Gàidhlig, le fear Seumas MacBheathain:B’ e ministear sgìr’ Dheimhidh e’S chan aithne dhomh ach gannA riaraicheadh cho somaltaAn t-anam a bhiodh fann.Bha (a) chaitheamh beatha-s’ is eisimpleir’S a theagaisg anns gach àmToirt dearbhadh gun robh an cumantasA chomann ris a’ Cheann.

Faclan na Litreach

sĂ r-shearmonaiche: a renowned preacher; Tormod Caimbeul: NormanCampbell; fuadaichean: clearances; rup: auction; gul: crying; Ceap Breatainn: Cape BretonIsland; chĂ in: criticized;

Abairtean na Litreach

an dèidh an sgaraidh san eaglais: after the disruption in the church;anns an Eaglais Shaoir ann an Deimhidh: in the Free Church in Daviot; bhiodh e a’ cumail sheirbheisean a-muigh làimh ris an eaglais: he would hold services outside next to the church; airson nan ceudan a rachadh a dh’èisteachd ris: for the hundreds that would go to listen to him; ann an cruth leabhair: in book form; seasamh car neo-àbhaisteach: a somewhat unusual stance; gun tigeadh an t-anam gu dìreach bho Dhia: that the soul would come directly from God; gu sòlaimte: solemnly; nach toireadh iad deoch do dhaoine eile: that they wouldn’t give [alcoholic] drink to others; seachnadh na dibhe: the avoidance of drink; dòighean ùr’ air peacaidhean a thrèigsinn: new ways of avoiding sin; a’ cur fàinne ann an sròn muice: putting a ring in a pig’s nose; cuid nach b’ urrainn uiread a phàigheadh: some who couldn’t pay so much; sanntaichidh iad fearann an nàbaidh: they covet their neighbour’s land; cha bhean e riu’ nas mò na leaghas an t-uisge na clachan: it affects them no more than water melting stones; às dèidh dha sreath stròcan fhulang: after suffering a series of strokes; ’s chan aithne dhomh ach gann: I know very few; a riaraicheadh cho somalta: who’d satisfy so fully; bha (a) chaitheamh beatha-s’ is eisimpleir: his way of life and example; [a’] toirt dearbhadh gun robh an cumantas: gave proof that in the main; a chomann ris a’ Cheann: his fellowship [was] with the Head [of the Church].

Puing-chĂ nain na Litreach

air mhàl: on rent. Fhuair mi an càr sin air mhàl (I rented that car). We generally teach learners that the preposition air (meaning “on, upon”, rather than “after”) does not lenite the following (indefinite) noun eg air bòrd, air balach, but the full picture is not quite that simple. In Irish Gaelic, the equivalent prepositon (ar) generally causes lenition (the Irish say ar chrann for “on a tree”, rather than ar crann) and this appears to be the historical situation in Scottish Gaelic. The traditional lenition is is preserved in many phrases, in addition to air mhàl, eg air bhioran (on tenterhooks), air bhoil (furious), air chrith (shaking), air thoiseach (ahead, in front) and mean air mhean (little by little).

Gnathas-cainnt na Litreach

thĂ inig an gnothach gu ceann: the matter came to an end.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast

  • Fri 22 May 2009 11:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast