Main content

29/05/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 29 May 2009
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 517
Duration: 05:15
Litir 517: Loch na MnĂ
Ann an Ratharsair tha loch ann an suidheachadh à rd ann am meadhan an eilein aira bheil Loch na Mnà . Tha sin a’ ciallachadh “the loch of the woman” – Loch na Mnà . Cò i a’ bhean a th’ air a h-ainmeachadh anns an loch?
Uill, a rèir beul-aithris, ’s e a bh’ innte boireannach òg a chaidh a mharbhadh le each-uisge. Agus chan e sgeul ùr a tha sin. Chaidh an dearbh stòiridh innse do Bhoswell is Johnson nuair a bha iad ann an Ratharsair ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a trì (1773). Chuala Boswell an stòiridh air an dearbh latha ainmeil air an do rinn e fhèin is Johnson dannsa Gà idhealach air mullach Dùn Cana – a’ bheinn as à irde anns an eilean. ’S e am fear a dh’innis an stòiridh dha bodach a bhuineadh don eilean air an robh Calum MacLeòid. ’S e a bha gan treòrachadh gu mullach na beinne.
Tha an stòiridh a’ dol rudeigin mar seo. Bha uaireigin gobha ann an Ratharsair. Latha a bha seo bha nighean a’ ghobha a-muigh sa mhonadh ri cìobaireachd. Ach, air an oidhche sin, cha do thill i dhachaigh. Air an là rna-mhà ireach, chaidh an gobha agus feadhainn eile a-mach a choimhead air a son.
Thà inig iad mu dheireadh gu bruach an locha. Chan eil fhios a’m dè an t-ainm a bh’ air an loch anns na là ithean ud, oir fhuair e ainm – Loch na Mnà – às dèidh an tachartais seo. Ach tha e coltach gun robh fios aig muinntir an à ite gun robh each-uisge a’ fuireach ann.
Air cladach an locha, dè lorg an gobha ach cridhe is sgamhan na h-ìghne. B’ e sin obair each-uisge, gu cinnteach. Cha bhiodh each-uisge uair sam bith ag ithe sgamhan. Agus cha d’ rachadh an sgamhan fodha. Bhiodh e a’ fuireach air uachdar an locha. Bha an gobha troimh-chèile is là n feirg. Bha e ag iarraidh dìoghaltas. Chuir e roimhe dòigh a lorg airson an t-each-uisge a mharbhadh.
Thog an gobha is a mhac ceà rdach ri taobh an locha. Bha doras na ceà rdaich a’ coimhead a-mach air an loch. Chaidh an gobha is a mhac ann oidhche a bha seo. Os cionn an à ite-teine, thog iad bior-ròstaidh. Chuir iad molt air a’ bhior-ròstaidh. Chuir iad an teine thuige. Bha iad an dùil gum biodh am fà ileadh a’ tarraing an eich-uisge. Mar a dh’innis Calum MacLeòid an sgeul do Bhoswell, ’s e muc a chaidh a chur air a’ bhior-ròstaidh, seach molt.
Anns an teine bha dubhain mhòra, deiseil airson stobadh anns a’ bhèist. An ceann greis, dh’èirich deatach dhearg os cionn an locha. Thà inig creutair a-mach às an loch is a-steach air an doras. Bha coltas eich air – mu bhliadhna a dh’aois, gu math peallagach is grà nda.
Stob an gobha is an gille aige dà dhubhan teth anns a’ chreutair. Thòisich an t-each-uisge air sgreuchail. Dh’fheuch e ri faighinn à s. Tharraing e an dithis fhear a dh’ionnsaigh an dorais. Ach bha iadsan là idir gu leòr airson a chumail a-staigh. Dh’iarr an gobha air a mhac dhol don teine agus an dubhan mòr a thoirt a-mach às – agus a stobadh a-steach don each-uisge. Rinn an gille sin. Agus chùmiad grèim air an each gus an robh e marbh.
Ach – seo rud iongantach mun stòiridh. Aig a’ cheann thall, nuair a thà inig solas an latha, cha robh closach eich air fhà gail air ùrlar na ceà rdaich. Cha robh ann ach poidhle slaim dhen t-seòrsa a bhiodh na seann daoine ag rà dh a thà inig bho na speuran.

Faclan na Litreach
Ratharsair: Raasay; beul-aithris: oral tradition; each-uisge: water-horse, kelpie; gobha: blacksmith; ceĂ rdach: smithy; dubhan: hook.
Abairtean na Litreach
cò i a’ bhean a th’ air a h-ainmeachadh?: who is the woman that is named?; air an dearbh latha ainmeil: on the same famous day; bodach a bhuineadh don eilean: an old man who belonged to the island; ’s e a bhagan treòrachadh gu mullach na beinne: it’s himself that was guiding them to the mountain top; bha nighean a’ ghobha a-muigh sa mhonadh ri cìobaireachd: the smith’s daughter was out on the hill, shepherding; an là rna-mhà ireach: the next day; a choimhead air a son: to look for her; cridhe is sgamhan na h-ìghne: the heart and lungs of the girl; air uachdar an locha: on the surface of the loch; troimh-chèile is là n feirg: distressed and angry; chuir e roimhe dòigh a lorg: he decided to find a way; os cionn an à ite-teine, thog iad bior-ròstaidh: above the fireplace, they built a roasting spit; chuir iad an teine thuige: they lit the fire; gum biodh am fà ileadh a’ tarraing X: that the smell would attract X; seach molt: rather than a wether; deiseil airson stobadh anns a’ bhèist: ready to drive into the beast; dh’èirich deatach dhearg: a red vapour arose; bha coltas eich air: it had the appearance of a horse; peallagach is grà nda: shaggy and ugly; chùm iad grèimair: they kept hold of; cha robh closach eich air fhà gail air ùrlar na ceà rdaich: there was not a horse’s carcase left on the floor of the smithy; poidhle slaim dhen t-seòrsa a bhiodh na seann daoine ag rà dh a thà inig bho na speuran: a pile of slime of the type that the old people would say came from the heavens.
Puing-chĂ nain na Litreach
Loch na Mnà : the loch of the woman. Mnà is the genitive singular form of bean, a “woman, female or wife”. It thus takes the diagnostic feminine singular article in the genitive – na. “The loch of the women” would be Loch nam Ban. If you find the irregularity of bean a bit confusing, I recommend you look at its entry in Dwelly’s dictionary. However, note that thedative forms given by Dwelly are now archaic and rarely met with.
Gnathas-cainnt na Litreach
cha d’ rachadh an sgamhan fodha: the lungs wouldn’t go under [the water]. Although you can distinguish one lung from a pair by using the singular sgamhan (the plural is sgamhanan), in normal usage the singular form is employed to mean a pair of lungs.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 29 May 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.