Main content

01/06/2009
Tha litir bheag na seachdain-sa aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's short letter for learners is introduced by Ruaraidh MacLean.
Last on
Mon 1 Jun 2009
19:00
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
An Litir Bheag 213
Duration: 03:37
An Litir Bheag 213
Ann an Ratharsair tha loch air a bheil Loch na Mnà . Tha sin a’ ciallachadh “the loch of the woman” – Loch na Mnà . Thathar ag rà dh gur e boireannach òg a bha innte. Chaidh a marbhadh le each-uisge. ’S e seann sgeul a tha ann. Chaidh innse do Bhoswell is Johnson ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a trì (1773). Chaidh Boswell is Johnson don loch air an rathad gu Dùn Cana. ’S e Dùn Cana a’ bheinn as à irde ann an Ratharsair. Tha an stòiridh a’ dol rudeigin mar seo. Bha uaireigin gobha ann an Ratharsair. Bha a nighean sa mhonadh an latha a bha seo. Bha i ri cìobaireachd. Air an oidhche sin, cha do thill i  dhachaigh. Air an là rna-mhà ireach, chaidh an gobha a-mach a choimhead air a son. Air cladach an locha, lorg e cridhe is sgamhan. B’ iad sin an cridhe is an sgamhan aig a nighinn fhèin. Bha an gobha troimh-a-chèile. Bha e feargach. Bha e ag iarraidh dìoghaltas. Bha e ag iarraidh an t-each-uisge a mharbhadh. Thog an gobha is a mhac ceà rdach ri taobh an locha. Bha doras na ceà rdaich a’ coimhead a-mach air an loch. Chaidh an gobha is a mhac ann oidhche a bha seo. Os cionn an à ite-teine, thog iad bior-ròstaidh. Chuir iad molt air a’ bhior-ròstaidh. Bha am fà ileadh a’ dol a tharraing an eich-uisge. Anns an teine bha dubhain mhòra. Bha iad deiseil airson stobadh anns a’ bhèist. Thà inig creutair a-steach air an doras. Bha coltas eich air. Ach bha e grà nda. Stob an gobha is an gille aige dà  dhubhan teth anns a’ chreutair. Thòisich an t-each-uisge air sgreuchail. Dh’iarr an gobha air a mhac dubhan mòr a thoirt a-mach às an teine, agus a stobadh a-steach don each-uisge. Rinn an gille sin. Agus chùm iad grèim air an each gus an robh e marbh. Ach – seo rud iongantach. Nuair a thà inig a’ mhadainn, cha robh closach eich ann idir. Cha robh ann ach poidhle slaim. Bha na seann daoine ag rà dh gun robh slam dhen t-seòrsa sin a’ tighinn bho na speuran.
The Little Letter 213
In Raasay there is a loch called Loch na Mnà . That means “the loch of the woman”. It is said that she was a young woman. She was killed by a water-horse. It’s an old story. It was told to Boswell and Johnson in 1773. Boswell and Johnson went to the loch on the way to Dun Caan. Dun Caan is the highest mountain on  Raasay. The story goes something like this. There was once a blacksmith on Raasay. His daughter was on the hill this particular day. She was shepherding. That night, she didn’t return home. The next day the smith went out looking for her. On the shore of the loch, he found a heart and lungs. They were the heart and lungs of his own daughter. The smith was distressed. He was angry. He wanted revenge. He wanted to kill the water-horse. The smith and his son built a smithy next to the loch. The door of the smithy was looking out onto the loch. The smith and his son went there this particular night. Above the fireplace they built a roasting spit. They put a wedder [wether] on the roasting spit. The smell was going to attract the water-horse. In the fire were large hooks. They were ready to thrust into the beast. A creature came in through the door. It had the appearance of  a horse. But it was ugly. The smith and his son thrust two hot hooks into the creature. The water-horse began to scream. The smith asked his son to take a large hook from the fire and to thrust it into the water-horse. The lad did that. And they kept hold of the horse until it was dead. But – here’s an interesting thing. When [the] morning came, there was no horse’s carcase. There was nothing there but a pile of slime. The old people said that slime of that type came from the heavens.
Broadcast
- Mon 1 Jun 2009 19:00ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.