Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Fri 12 Jun 2009 11:55

Clip

Litir 519: Dualchainnt Iasgairean Chrombaidh

Thàinig leabhar beag a-mach o chionn glè ghoirid a tha a’ toirt fiosrachadh seachad air dualchainnt air a’ Ghàidhealtachd a tha an ìre mhath air a dhol à bith. Tha dìreach dithis air fhàgail a tha fileanta innte. Agus dè an dualchainnt a th’ann? A bheil mi a-mach air dualchainnt Ghàidhlig ann am badeigin air tìr-mòr?Uill, gu h-inntinneach, chan eil mi a’ bruidhinn air a’ Ghàidhlig idir. Tha mi a-mach air dualchainnt na h-Albais a bhuineas do bhaile beag Chrombaidh anns an Eilean Dubh. Canar “Dualchainnt Iasgairean Chrombaidh” rithe. Ged atha beagan dhen chainnt sin aig feadhainn anns a’ bhaile fhathast, chan eil ach dithis air fhàgail a tha fileanta. Is iad sin na bràithrean Bobby agus Gordon Hogg.

Tha Beurla de sheòrs’ air choreigin air a bhith ann an grunn bhailtean san Eilean Dubh fad ceudan bhliadhnaichean. Ged a bha iad air an cuairteachadh le Gàidhlig, bha Beurla Ghallta air a labhairt ann an Abhach, a’ Chananaich, Ros Mhaircnidh agus Cromba. Agus cha robh an dualchainnt anns gach baile buileach co-ionann ris an tè san ath bhaile.

Chan eil fios le cinnt cuin a nochd a’ chainnt sin an toiseach anns an Eilean Dubh oir tha na h-ainmean-àite ag innse dhuinn gun robh a’ Ghàidhlig ann mus robh a’ Bheurla ann. Ach ’s urrainn do na Hoggs an sinnsireachd a dhearbhadh ann an Cromba air ais gu sia ceud deug, naochad ’s a h-ochd (1698) co-dhiù. Agus’s iongantach mura robh luchd na Beurla ann nuair a chaidh inbhe Baile Rìoghail a bhuileachadh air Cromba anns an treas linn deug.

Thathar ag ràdh gun robh uaireigin trì dualchainntean eadar-dhealaichte de dh’Albais ann an sgìre Chrombaidh – dualchainnt nan iasgairean, dualchainnt muinntir a’ bhaile agus cainnt nan tuathanach. Bhuineadh na tuathanaich don Ghàidhealtachd agus bha Gàidhlig aca no aig an sinnsirean. Cha leigeadh tu leas dhol fada a-mach à Cromba airson Gàidhlig a chluinntinn agus, anns an ochdamh linn deug, chaidh mòran Ghàidheal a-steach don bhaile airson obair fhaighinn.Chaidh eaglais shònraichte a thogail dhaibh – tè ris an canar an Caibeal Gàidhlig.

Gu mì-fhortanach tha an togalach an-diugh ann am fìor dhroch staid. Bha buinteanas aig muinntir a’ bhaile – an fheadhainn a bha an sàs ann am malairt no a bha nam maraichean – don Ghàidhealtachd agus do Mhoireibh. Bha cainnt eadar-dhealaichte acasan bho na tuathanaich is na h-iasgairean. Ach ’s e cainnt nan iasgairean a mhair chun an latha an-diugh.

Chan eil fios le cinnt cò às a thàinig sinnsirean nan iasgairean. Ach, a rèir beul-aithris ionadail, thàinig iad à timcheall Linne Foirthe nuair a bha Seumas IV air an rìgh-chathair – aig deireadh a’ chòigeamh no toiseach an t-siathamh linn deug. Agus thathar dhen bheachd gun robh sinnsirean aca às an Òlaind no à Lochlann.

Ciamar a tha dualchainnt nan iasgairean eadar-dhealaichte bho dhualchainntean eile? Uill, gu tric, bidh “h” air a cur ann, no air a leigeil às, an aghaidh chleachdaidhean “àbhaisteach”. Canar “oos” airson hoose agus “am”airson ham; agus canar “haypel” airson apple agus “heggs” airson eggs. Agus airson Ciamar a tha thu?, canaidh iad Oo thee keepan? Thathar a’cleachdadh – chun an latha an-diugh – faclan sean-fhasanta mar thou, thee agus thy. Thathar ag ràdh gur e sin buaidh a’ Bhìobaill orra, oir bha iad gu math cràbhach.

Agus, leis gun robh iad air an cuairteachadh leis a’ Ghàidhlig fad ceudan bhliadhnaichean, saoil a bheil faclan aca a bhuineas don Ghàidhlig bho thùs? Bheir sinn sùil air sin an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

dualchainnt: dialect; Albais: Scots Language; Cromba, BaileChrombaidh: Cromarty; crĂ bhach: pious, religious.

Abairtean na Litreach

tha dìreach dithis air fhàgail: there are only two peopleleft; ann am badeigin air tìr-mòr: in some place on the mainland; de sheòrs’ airchoreigin: of some sort; ann an grunn bhailtean san Eilean Dubh: in severalvillages on the Black Isle; air an cuairteachadh le Gàidhlig: surrounded by Gaelic;Beurla Ghallta air a labhairt ann an Abhach, a’ Chananaich, Ros Mhaircnidh agusCromba: a Scots dialect was spoken in Avoch, Fortrose, Rosemarkie andCromarty; buileach co-ionann ris an tè san ath bhaile: identical to the one in thenext village; ’s urrainn do na Hoggs an sinnsireachd a dhearbhadh: the Hoggs canverify their ancestry; ’s iongantach mura robh luchd na Beurla ann nuair a chaidhinbhe Baile Rìoghail a bhuileachadh air X: it’s likely there were English speakersthere when X was granted the status of a Royal Burgh; cha leigeadh tu leas dholfada a-mach à: you wouldn’t need to go far out of; no a bha nam maraichean: orwho were seamen; a mhair chun an latha an-diugh: which survived to the presentday; à timcheall Linne Foirthe: from around the Firth of Forth; às an Òlaind no àLochlann: from Holland or Scandinavia; Canar “X” airson Y: “X” is said for Y;buaidh a’ Bhìobaill: the influence of the Bible; fad ceudan bhliadhnaichean: forhundreds of years; a bhuineas don Ghàidhlig bho thùs: which originally belong toGaelic.

Puing-chĂ nain na Litreach

an Caibeal Gàidhlig. The Gaelic Chapel. To be honest, I’ve derived my Gaelic name for the substantial ruined church on the hill above the old part of Cromarty from the common English term “Gaelic Chapel”, even though I harbour doubts that the Gaelic speakers in Cromarty would have referred to it as a “chapel”. Two terms are used in Gaelic for “chapel” – caibeal (derived from the Latin capella) and seipeal, possibly derived from Old Frenchchapele, through Middle English. I suspect the Gaels might simply have referredto their Cromarty church as an “eaglais” but if any reader has information onthis, I’d be pleased to hear from them. The “chapel” was built in 1783 by the locallandowner, George Ross, and is now in a poor state of repair.

Gnathas-cainnt na Litreach

air an rìgh-chathair: on the throne.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast

  • Fri 12 Jun 2009 11:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast