Main content

19/06/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 19 Jun 2009
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 520
Duration: 05:27
Litir 520: Dualchainnt nan iasgairean ann an Cromba
An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mu dhualchainnt nan iasgairean ann an Cromba – dualchainnt aig a bheil dìreach dithis luchd-labhairt a tha fileanta an-diugh. Thà inig leabhar beag a-mach mu a deidhinn o chionn ghoirid – The Cromarty Fisherfolk Dialect. Chaidh a chur ri chèile le Am Baile, stòrlann eadar-lìn a bhuineas do Chomhairle na Gà idhealtachd.
Bha mi a’ coimhead tro liosta de dh’fhaclan anns an dualchainnt sin agus tha feadhainn dhiubh furasta gu leòr a thuigsinn. Tha iad coltach ri faclan ann an dualchainntean eile de dh’Albais. Seo eisimpleir no dhà – bauchles (seann slioparan), belligut (neach sanntach), guloot (fear a tha gròt a dhìth an tastain) agus howp (balgam riòl). Agus tha faclan aca nach fhaighear ann an dualchainntean eile, mar eisimpleir sallikatazaar a tha a’ ciallachadh “deillseag”.
Ach bha Cromba air a chuairteachadh fad ùine mhòr le Gà idhlig agus tha faclan ann an dualchainnt nan iasgairean a dh’èirich bho thùsan Gà idhlig. Seo eisimpleirean bhon leabhar: amitan (a fool), boddach (odd, old man), brachtan (a young chaffinch – bhon Ghà idhlig breacan), buss (a mouth), callach (old woman), cootyach (family group,company or clan) agus crogs (fingers).
Seo feadhainn eile: door cans (fir cones used to smoke fish – bhon Ghà idhlig durcan), dossan (fringe, forelock), gob (the opening or mouth of a receptacle) agus gullachan (an earwig). Agus tha greesoch ann. Tha sin a’ ciallachadh “shivery, shuddery”.
Ged a thà inig a’ Ghà idhlig grìs, grìseach bho Albais bho thùs, tha e coltach gun d’ fhuair na Crombaich am facal greesoch bhon bhuadhair Ghà idhlig.
Seo corra fhacal eile ann an dualchainnt iasgairean Chrombaidh a thà inig bhon Ghà idhlig a rèir choltais: laroch (a house site), meenyach (greedy for dainty fare), parton (small crab), ropach (untidy), sheemie (straw rope – bhon Ghà idhlig sìoman), smoorach (fire ash) agus spatyel (grand or well-dressed – chanadh iad “he’s rael spatyel the day”).
’S e am facal a bh’ aca orra fhèin Croompach – sin cuideigin a bhuineas do Chromba. Tha sin gu cinnteach bhon Ghà idhlig Crombach. Agus, gu h-inntinneach chanadh iad Ballachalls ris na daoine a bhuineadh do dh’Inbhir Pheofharain. Ann an Ros an Ear ’s e Bail’ a’ Chà il a chanadh muinntir an à ite ri Baile Inbhir Pheofharain airson ùine mhòr.
Eadhon an-diugh tha feadhainn anns an sgìre leis am b’ fheà rr Baile a’ Chà il a bhith ann mar ainm Gà idhlig seach Inbhir Pheofharain no, mar a chanar ann an Ros an Iar, Inbhir Pheafharain.
Ann an Cromba bha seann tobar ann air an robh The Stroopie Well. Bha muinntir an à ite a’ dèanamh dheth gun robh an t-uisge sin na leigheas airson iomadach rud. Airson a bhith èifeachdach, ’s e clann òg a dh’fheumadh an t-uisge a thoirt dhachaigh. Agus gheibheadh a’ chlann duais. B’ e sin bonnach beag le toll anns a’ mheadhan a bh’ air a dhèanamh leis an taois agus min-fhlùir a bh’ air fhà gail air a’ chlà r-fhuine nuair a bha an t-aran air a dhol don à mhainn.
Ann an Gà idhlig ’s e bonnach fallaid a chanadh daoine ri a leithid. Ann an dualchainnt nan iasgairean Crombach, chanadh iad bonnach faaly ris. Bhathar a’ creidsinn gun robh am bonnach sin a’ toirt deagh fhortan don taigh. Air an là imh eile, thigeadh droch fhortan nan cuirte min-fhlùir air ais don chiste.
Bha an aon chleachdadh aig na Gà idheil. Bha iad fhèin agus iasgairean Chrombaidh a’ creidsinn an aon rud. Bha diofar chà nanan aca, ach bha mòran anns a’ chumantas eatarra.

Faclan na Litreach
dualchainnt: dialect; Albais: Scots Language; Cromba: Cromarty;deillseag: skelp; grìs: horror, shuddering; grìseach: shivering; Crombach: a native ofCromarty;
Abairtean na Litreach
stòrlann eadar-lìn a bhuineas do: an internet database which belongs to; tha feadhainn dhiubh furasta gu leòr a thuigsinn: some of them are easy enough to understand; fear a tha gròt a dhìth an tastain: a simple man; nach fhaighear ann an X: which are not found in X; air a chuairteachadh fad ùine mhòr le: surrounded for a long time by; a dh’èirich bho thùsan Gà idhlig: which arose from Gaelic origins; gun d’ fhuair na Crombaich am facal bhon bhuadhair Ghà idhlig: that the Cromarty folk got the word from the Gaelic adjective; ann an Ros an Ear ’s e Bail’ a’ Chà il a chanadh muinntir an à ite ri Inbhir Pheofharain: in Easter Ross the locals called Dingwall Bail’ a’ Chà il (“cabbage town”); leis am b’ fheà rr Baile a’ Chà il a bhith ann mar ainm Gà idhlig: who would prefer Baile a’ Chà il to be the Gaelic name; mar a chanar ann an Ros an Iar: as is said in Wester Ross; na leigheas airson iomadach rud: a cure for many things; ’s e clann òg a dh’fheumadh an t-uisge a thoirt dhachaigh: it’s young children that would need to bring the water home; bonnach beag le toll anns a’ mheadhan: a wee bannock with a hole in the middle; thigeadh droch fhortan nan cuirte min-fhlùir air ais: bad luck would come if meal/flour were put back.
Puing-chĂ nain na Litreach
bonnach fallaid. A bannock made with fallaid – a word that sums up a lot in Gaelic tradition (do any of you know its origin?) Fallaid was the dry meal and fragments of unused dough left on the baking board (clà r-fuine) when the bread went in the oven. It was considered unlucky to put unused meal (min-fhlùir) back in the meal kist (ciste-mhine) or to throw away unused dough (taois). So the fallaid would be swept up with a feather and the bonnach fallaid made in the hands (without kneading it on the board). Then a hole would be made in it with the forefinger of the right hand. The hole charmed the baking, but only after a child who had collected the water from the special well was given the bonnach fallaid. The water from the well was sprinkled around the fire to complete thecharm.
Gnathas-cainnt na Litreach
bha mòran anns a’ chumantas eatarra: they had much in common (there was much in common between them).
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 19 Jun 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.