Main content

17/07/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 17 Jul 2009
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 524
Duration: 05:22
Litir 524: Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair
Tha mi air a bhith ag innse dhuibh an t-seann stòiridh Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair. Tha mi a’ dol ga thoirt gu crìch an-diugh. Bidh cuimhne agaibh gun do thogadh Iain Dubh ann an Steòrnabhagh ach gun do dh’fhalbh e air long fad còig bliadhna airson seòladaireachd ionnsachadh. Chaidh a chur gu muir ann an rà th ach lorg e tìr agus chaidh e an sàs le trì robairean.
Shà bhail e beatha nighean Rìgh na Spà inne. Theich iad bho thaigh nan robairean agus phòs iad. Air an rathad chuidich Iain triùir fhear aig bothan-à irigh. Bha iad air am murt leis na robairean ach cha robh an cinn leis na colainnean ceart. Chuir Iain an cinnsan à ite cheart agus gheall an triùir gum faigheadh e duais airson sin. Bha ceannard cabhlach na Spà inne air nochdadh anns a’ phort san robh Iain agus a bhean a’ fuireach. Bha an ceannard ag iarraidh nighean an Rìgh a thoirt air ais do a h-athair – agus a pòsadh. Cha robh fios aig Iain no a bhean gun robh an ceannard air a h-aithneachadh.
Thug an ceannard cuireadh don dithis dhol a-mach a choimhead air an luing. Ghabh iad ris a’ chuireadh. Ach nuair a bha iad air bòrd, chaidh na siùil an à irde, agus dh’fhalbh an long. Nuair a bha an long a-mach à sealladh na tìre, dh’ fhà gadh Iain Dubh bochd aig muir leis fhèin ann am bà ta beag gun rà mh ’s gun seòl.
Bha Iain ann an cruaidh-chà s. Bha e brònach fad an latha. Ach, aig ciaradh an fheasgair, mhothaich e do rudeigin a thug misneachd dha. Bha am bà ta a’ cumail a toisich anns an aon à ird, agus falbh math oirre.
An uair sin, chunnaic Iain botal deoch lĂ idir ann an toiseach a’ bhĂ ta. Ghabh e deoch Ă s agus thuit e na chadal. Nuair a dhĂąisg e an ath mhadainn, sheall e gach rathad, ach cha robh tìr sam bith anns an t-sealladh. Ge-tĂ , bha am bĂ ta a’ falbh fhathast le sgrìob lĂ idir agus a’ cumail a cinn san aon Ă ird. Thug seo tuilleadh misneachd dha.Â
Nuair a thà inig an dà rna oidhche, ghabh e deoch eile bhon bhotal agus thuit e na chadal. Air an treas madainn, sheall e roimhe agus chunnaic e tìr fad à s, agus am bà ta a’ dèanamh dìreach oirre. Bha an ròpa toisich a-mach roimhpe, agus tarraing chruaidh air. Ach cò bha a’ tarraing a’ bhà ta leis an ròpa? Cha robh cà il a dh’fhios aig Iain. Bha e neònach dha-rìribh.
Nuair a rà inig am bà ta an cladach, chaidh triùir fhear a-mach às an uisge roimhpe. Bha iad a’ tarraing an ròpa thoisich. B’ iad sin an triùir dhaoine aig a’ bhothan-à irigh.Gheall iad aig an à m gun toireadh iad duais do dh’Iain. B’ e seo a dhuais.Tharraing an triùir am bata gu brà igh a’ chladaich, os cionn tiùrr na mara. Cho luath ’s a chunnaic iad cas Iain air tìr, chaidh iad às an t-sealladh.
Faodar an còrr dhen sgeul innse ann am beagan fhaclan. Cha phòsadh nighean an Rìgh an ceannard gus am biodh gach saighdear is seòladair san rìoghachd air a dhol seachad fo uinneag a seòmair ann an caisteal a h-athar. Chaidh cha mhòr gach fear seachad air a h-uinneig agus cha robh sgeul air Iain Dubh Leòdhasach. Ach mu dheireadh, às dèidh dha dhol tro iomadh cruaidh-chà s, rà inig Iain an caisteal. Bha e air dheireadh air cà ch uile.
Gu fortanach, dh’aithnich nighean an Rìgh e. Phòs iad a-rithist agus, ma tha iad fhathast beò, tha mi an dùil gu bheil iad sona.

Faclan na Litreach
seòladaireachd: seamanship; cabhlach: navy, fleet; dh’fhà gadh:was left; cruaidh-chà s: extreme predicament; dh’aithnich: recognised
Abairtean na Litreach
tha mi a’ dol ga thoirt gu crìch: I’m going to finish it; chaidh a chur gu muir ann an rà th: he was put to sea in a raft; chaidh e an sàs le trì robairean: he got involved with three robbers; cha robh an cinn leis na colainnean ceart: their heads weren’t with the correct bodies; gheall an triùir gum faigheadh e duais: the three men promised that he would get a reward; gun robh an ceannard air a h-aithneachadh: that the commander had recognised her; chaidh na siùil an à irde: the sails went up; a-mach à  sealladh na tìre: out of sight of land; gun rà mh ’s gun seòl: without an oar or a sail; mhothaich e do rudeigin a thug misneachd dha: he noticed something that encouraged him; a’ falbh le sgrìob là idir: moving at considerable speed; fad à s: far away; os cionn tiùrr na mara: above the high tide mark; chaidh iad às an t-sealladh: they disappeared; faodar an còrr dhen sgeul innse: the rest of the story can be told; cha phòsadh nighean an Rìgh: the King’s daughter wouldn’t marry; fo uinneag a seòmair ann an caisteal a h-athar: under the window of her room in her father’s castle; air dheireadh air cà ch uile:after every single other person; tha mi an dùil gu bheil iad sona: I reckon they’re happy.
Puing-chĂ nain na Litreach
Bha am bà ta a’ cumail a toisich anns an aon à ird: the boat was keeping a constant heading (she was keeping her bow in the one direction). In a previous Litir I mentioned the use of toiseach for the front of something and it’s worth reiterating it here (the genitive form is toisich – which is used here following the verbal noun a’ cumail). The front seat of a car is a suidheachan toisich (to ask a child to sit in the front [of the car], you might say “suidh anns an toiseach” or “dèan suidhe ann an toiseach a’ chà ir”), the front legs of a ceithir-chasach (quadruped) are casan toisich (the rear legs are casan deiridh), and the bow of a boat is a toiseach. So the painter of a boat is a ròpa toisich or ball-toisich (literally “bow rope”) and the front thwart is a tobhta thoisich.
Gnathas-cainnt na Litreach
agus falbh math oirre: with her making good headway.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 17 Jul 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.