Main content

14/08/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 14 Aug 2009
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 528
Duration: 05:07
Litir 528: Am Borgh
Tha dealbh air mo bheulaibh an-drà sta de sheann bhaile Gà idhealach nach eil ann tuilleadh. Tha na taighean a’ coimhead snog. Tha mullaichean tughaidh orra ach tha similear air fear no dhà . Faodar a bhith cinnteach de dh’aon rud – gheibhte beartas mòr de sgeulachdan is òrain Ghà idhlig nam broinn!
Chaidh an dealbh a thogail ann an naoi ceud deug ’s a ceithir (1904) de bhaile beag croitearachd ann am Boraraigh, eilean far costa Uibhist a Tuath. Tha mi a’ tuigsinn gum b’ e ainm a’ bhaile Am Borgh – ged nach eil e air a’ mhap’ agam. Dhèanadh sin ciall oir tha an t-ainm Lochlannach air an eilean a’ ciallachadh Borgh-eilean no Eilean a’ Bhuirgh.
Ma tha ceangal agaibh do dh’Uibhist a Tuath bidh sibh eòlach air an ainm Erskine Beveridge, ’s dòcha. ’S e a thog an dealbh de Bhoraraigh. Bha e measail air Uibhist a Tuath, agus thog e taigh ann aig toiseach an fhicheadamh linn. Bha sin air Bhà laigh – eilean gainmhich far costa tuath Uibhist. ’S ann le Beveridge a bha Taigh Bhà laigh aig an à m ud.
Tha an dealbh a thog e de Bhoraraigh ann an cruinneachadh de sheann dealbhan-camara aige a chaidh fhoillseachadh o chionn ghoirid mar leabhar air a bheil Wanderings with a Camera in Scotland. Tha mòran à iteachan eile anns na h-Eileanan an Iar a’ nochdadh anns an leabhar, agus Colla, Tiriodh, Lios Mòr, Loch Abar, Earra-Ghà idheal, Siorrachd Pheairt – agus Fìobh. Bhuineadh e do Fìobh agus tha cuid de na dealbhan aige de na bailtean brèagha iasgaich aig ceann an ear na siorrachd sin air leth math.
’S ann à Dùn Phà rlain a bha Beveridge. Bha athair an sàs ann an gnìomhachas an lìnagus bha an teaghlach beartach. Ghabh Erskine a’ chompanaidh thairis nuair a bha e sean gu leòr agus rinn e gu math, a’ brosnachadh malairt eadar Alba agus na Stà itean Aonaichte.
Leis gun robh airgead gu leòr aige, bha cothrom aige a bhith an sàs ann an cur-seachadan anns an robh ùidh aige. Agus, gu sònraichte, bha ùidh aige ann an à rc-eòlas, eachdraidh agus a bhith a’ togail dhealbhan le camara.
Anns na h-ochdadan dhen naoidheamh linn deug, ghabh Beveridge cuairt turas nodhà , le camara na chois, ann an ceann an iar-thuath na Gà idhealtachd, a’ siubhal eadarbailtean ann am bà taichean-aiseig agus ann an cairt a bh’ air a tarraing le each. Ann an ochd ceud deug, naochad ’s a sia (1896) bha là ithean-saora aige ann an Colla is Tiriodh. Rinn e rannsachadh air na seann là raichean arc-eòlach anns an dà eilean agus dh’fhoillsich e leabhar ann an naoi ceud deug ’s a trì (1903) – Coll and Tiree: Their Prehistoric Forts and Ecclesiastical Antiquities.
Dìreach bliadhna às dèidh dha a bhith ann an Tiriodh is Colla, chaidh e a dh’Uibhista Tuath airson a’ chiad turais. Chòrd an t-à ite ris agus thill e gach samhradh. Cheannaich e Bhà laigh agus pà irt de thìr-mòr Uibhist a Tuath ann an naoi ceud deug ’s a h-aon (1901).
Thog e taigh ann am Bhà laigh agus rinn e tòrr rannsachaidh air là raichean arc-eòlach ann an Uibhist. Rinn e obair cladhaich ann an grunn à iteachan. Ann an naoi ceud deug ’s a haon-deug (1911), dh’fhoillsich e an leabhar North Uist: Its Archaeology and Topography.
Agus dè thachair don choimhearsnachd ann am Boraraigh? Uill, a rèir an leabhair,chaidh an t-eilean fhalmhachadh de dhaoine ann an naoi ceud deug, fichead ’s a trì (1923), trì bliadhna às dèidh bàs Erskine Beveridge. Chan e fuadach a bh’ ann, ge-tà . ’S iad nacroitearan fhèin a bha ag iarraidh falbh.

Faclan na Litreach
similear: chimney; Boraraigh: Boreray; Uibhist a Tuath: North Uist;Bhà laigh: Vallay; Dùn Phà rlain: Dunfermline; beartach: wealthy; à rc-eòlas: archaeology.
Abairtean na Litreach
air mo bheulaibh: in front of me; nach eil ann tuilleadh: that is nolonger in existence; mullaichean tughaidh: thatched roofs; gheibhte beartas mòr desgeulachdan is òrain Ghà idhlig nam broinn: a treasury of Gaelic stories and songs would be had within them; dhèanadh sin ciall: that would make sense; toiseach an fhicheadamh linn: the start of the twentieth century; eilean gainmhich far costa tuath Uibhist: a sandy island off the north coast of Uist; a chaidh fhoillseachadh o chionn ghoirid: that were published recently; Colla, Tiriodh, Lios Mòr, Loch Abar, Earra-Ghà idheal, Siorrachd Pheairt agus Fìobh: Coll, Tiree, Lismore, Lochaber, Argyll, Perthshire and Fife; bailtean brèagha iasgaich aig ceann an ear na siorrachd: the beautiful fishing ports at the eastern end of the county; a’ brosnachadh malairt: stimulating trade; a bhith an sàs ann an curseachadan anns an robh ùidh aige: to be involved in pastimes in which he was interested; le camara na chois: accompanied by a camera; ann am bà taichean-aiseig agus ann an cairt a bh’ air a tarraing le each: in ferries and in a cart pulled by a horse; chòrd an t-à ite ris: he enjoyed the place; thill e gach samhradh: he returned every summer; rinn e obair cladhaichann an grunn à iteachan: he conducted digs in a few places; chaidh an t-eilean fhalmhachadh de dhaoine: the island was emptied of people; chan e fuadach a bh’ ann: it wasn’t a clearance (expulsion).
Puing-chĂ nain na Litreach
Bhuineadh e do Fìobh: he belonged to Fife. From the grammatical rules you might have expected me to say bhuineadh e do dh’Fhìobh as the preposition do lenites a following consonant. The reason I didn’t was just a feeling about the naturalness of the language, at least as we speak it in today’s world. The preposition do has been replaced in much island Gaelic (and thus in much Gaelic that is picked up by learners) by a similar preposition dha, but dha does not incur lenition. So with dha, we’d naturally say bhuineadh e dha Fìobh. I suspect that part of the reason that lenition of do feels unnatural in this case is the influence of dha. If you have other thoughts on the matter, please let me know!
Gnathas-cainnt na Litreach
faodar a bhith cinnteach de dh’aon rud: one can be certainof one thing.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 14 Aug 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.