Main content

04/09/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 4 Sep 2009
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
More episodes
Previous
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 531
Duration: 05:11
Litir 531: Ban-tighearna Labhair
An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mu Bhan-tighearna Labhair, The Lady of Lawers. Bha an dà -shealladh aice. Bha i beò ’s dòcha anns an t-seachdamh linn deug. Chuiri craobh ri taobh na h-eaglaise ann an Labhair agus rinn i fiosachd co-cheangailte rithe.
Thuirt i gun tigeadh bàs uabhasach air duine sam bith a leagadh a’ chraobh. Uill, thathar ag rà dh, timcheall air ochd ceud deug is ochdad (1880) gun do leag tuathanach, air an robh Iain Caimbeul, a’ chraobh. Bha fear eile ann a thug taic dha.
Cha chuir e iongnadh sam bith oirbh nach do shoirbhich leis an dithis ro mhath.Chaidh Iain Caimbeul a ghaorradh gu bàs le a tharbh fhèin. Chaill am fear-taice aige a chiall agus chaidh a chur don taigh-chuthaich.
Thuirt a’ Bhan-tighearna iomadh rud co-cheangailte ri sgìre Loch Tatha. Thuirt i gum biodh muileann air gach allt agus crann-treabhaidh aig gach gille. Thuirt i cuideachd gum biodh an dùthaich air a criathrachadh dhen t-sluagh aice agus gum biodh na bailtean-fearainn cho fad air falbh bho chèile ’s nach cluinneadh coileach tuathanaich coileach a nà baidh. Uill, bha iad seo uile fìor. Dh’èirich an sluagh gu mòr, bha am fearann fo à iteachas gu ìre mhòr agus an uair sin bha fuadaichean ann.
Coltach ri Coinneach Odhar ann an Siorrachd Rois thug a’ Bhan-tighearna beachd airna h-uachdarain anns an sgìre aice agus na bha romhpa, agus tha e coltach gun tà inig mòran dhiubh sin gu buil. Thuirt i gun cailleadh Clann ’ic an Aba – aig an robh fearann aig ceann an iar Loch Tatha – an oighreachd. Bhiodh Caimbeulaich Bhrà ghad Albainn a’ gabhail fearann nan Abach thairis nuair a thachradh rud car neònach. Bhiodh geug à craobh ghiuthaisa’ tuiteam air craobh-ghiuthais eile agus a’ fàs oirre. Thathar ag rà dh gun do thachair sin anns an dà rna deichead dhen naoidheamh linn deug. An robh i a-mach air gnothach nà darra no air nòdachadh le mac an duine? Chan eil fhios a’m, ach thà inig an fhiosachd gu buil oir, goirid às dèidh là imh, fhuair Marcais Bhrà ghad Albainn grèim air fearann nan Abach.
Tha e coltach cuideachd gun tuirt Bà n-tighearna Labhair gum biodh tubaist mhòr air Loch Tatha uaireigin. ’S dòcha nach tà inig sin gu buil fhathast, agus tha mi an dòchas nach tig. Bha bà thadh mòr ann air an loch ri linn na Ban-tighearna agus bha muinntir an à ite fo ghruaimean. Ach thuirt a’ Bhan-tighearna gun tigeadh an latha nuair a bhiodh mòran a bharrachd a’ faighinn bà s, agus soitheach a’ dol fodha. Chan e sin a-mhà in ach bhiodh smùid a’ tighinn às an t-soitheach. An robh i a-mach air teine air bòrd an t-soithich no am faca i ro-shealladh de bhà taichean-smùide?
Agus thuirt i rud eile air am bu chòir dhuinn beachdachadh an-diugh. B’ e Beinn Labhair fear de na ciad à iteachan ann an Alba far am biodh daoine a’ sgitheadh – fada mus robh guth air na goireasan sgithidh a chithear ann an à iteachan mar an Cà rn Gorm is an t-Aonach Mòr an-diugh. Thog Club Sgithidh na h-Alba bothan anns a’ Choire Odhar fon Bheinn Ghlais – tè de mhullaichean Beinn Labhair – anns na tritheadan. Ach, anns na deicheadan a dh’fhalbh, chan eil uiread de shneachd air a bhith ann ’s a bh’ ann an uair sin.
Co-dhiù, thuirt a’ Bhan-tighearna gun tigeadh an latha nuair a bha Beinn Labhair cho fuar ’s gum biodh i a’ dèanamh an fhearainn airson seachd mìle mu a timcheall na fhà sach.
Ma tha i ceart, ’s dòcha nach e blà thachadh a tha romhainn ann an Alba ach fuarachadh.

Faclan na Litreach
an dà -shealladh: the second sight; Loch Tatha: Loch Tay; cranntreabhaidh:plough; bailtean-fearainn: farm settlements; fuadaichean: clearances;Coinneach Odhar: The Brahan Seer; Brà ghad Albainn: Breadalbane; nòdachadh: grafting;Beinn Labhair: Ben Lawers; blà thachadh: warming: fuarachadh: cooling.
Abairtean na Litreach
rinn i fiosachd co-cheangailte rithe: she made a prophesy regarding it; gun tigeadh bàs uabhasach air duine sam bith a leagadh a’ chraobh: that any person who felled the tree would suffer a terrible death; chaidh X a ghaorradh gu bàs le a tharbh fhèin: X was gored to death by his own bull; chaill am fear-taice aige a chiall: his helper lost his sense; gum biodh an dùthaich air a criathrachadh dhen t-sluagh aice: that the country would be sifted of its people; nach cluinneadh coileach tuathanaich coileach a nà baidh: that a farmer’s cockerel wouldn’t hear the cockerel of his neighbour; dh’èirich an sluagh gu mòr: the population rose substantially; thug X beachd air na h-uachdarain agus na bha romhpa: X gave an opinion on the landlords and what lay [was] ahead of them; gun cailleadh Clann ’ic an Aba an oighreachd: that the MacNab clan would lose their estate; bhiodh geug à craobh-ghiuthais a’ tuiteam air craobh-ghiuthais eile agus a’ fàs oirre: a branch from a pine tree would fall on another pine tree and grow on it; bha muinntir an à ite fo ghruaimean: the local people were plunged into gloom; a’ dol fodha: sinking; ro shealladh de bhà taichean-smùide: a premonition of steam ships; na ciad à iteachan: the first places; anns na deicheadan a dh’fhalbh: in the last few decades; chan eil uiread de shneachd air a bhith ann: there’s not been so much snow; a’ dèanamh an fhearainn airson seachd mìlemu a timcheall na fhà sach: making the land for seven miles around it a wasteland.
Puing-chĂ nain na Litreach
chaidh a chur don taigh-chuthaich: he was sent to the lunatic asylum. Taigh-cuthaich (lit. “house of insanity”) is, like the English term “lunatic asylum”not very PC today and I only used it in the historical context of such being the name of such institutions at the time. The word cuthach (or dialectally caothach) can mean both the madness of insanity and the madness of rage – and English has the same issue regarding the meanings of “mad” and “madness”. In today’s world we’d be more likely to refer to a“mental health facility” as an ospadal-inntinn.
Gnathas-cainnt na Litreach
Bha bà thadh mòr ann: there was a great drowning ie a lot of people were drowned.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 4 Sep 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.