Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Fri 25 Sep 2009 11:55

Clip

Litir 534: Eric MacLeòid

Ghluais Eric MacLeòid is a theaghlach gu ruige Cearachar, air cladach Loch a’ Chàirn Bhàin ann an Asainte, ann an naoi ceud deug, seachdad ’s a sia (1976). Cha robh an seann taigh – a bhuineadh do a theaghlach – ann an staid math gu leòr airson fuireachann an toiseach. Mar sin, bha iad airson carabhan a ghluasad sìos an loch a Chearachar. Cha robh rathad a’ dol a dh’ionnsaigh an àite.

Thog Eric ràth mòr le fiodh agus seann bharaillean. Fhuair e taic bho iasgair a bha a’ fuireach sa Chaolas Chumhang. Tharraing an t-iasgair an ràth gu ruige Cearachar leis an eathar aige.

Bidh cuid agaibh eòlach air an iasgair sin. Is esan Ruairidh MacLeòid a bhuineas do Sgalpaigh Na Hearadh. Tha Ruairidh air mòran bhliadhnaichean a chur seachad ann an Asainte agus Dùthaich MhicAoidh. Tha e air obair mhòr a dhèanamh air adhbhar na Gàidhlig anns an dà sgìre sin. Bidh e fhathast a’ teagasg na Gàidhlig do dhaoine ann an Dùthaich MhicAoidh – co-dhiù tha iad sean no òg.

Anns an leabhar a sgrìobh e mu na bliadhnaichean aige ann an Cearachar – TheKerracher Man – tha Eric MacLeòid ag ainmeachadh Ruairidh MhicLeòid gu tric. Tha ega mholadh mar dhuine toinisgeil le deagh eòlas practaigeach air a’ mhuir. Co-dhiù,chaidh aca air an carabhan a thoirt a Chearachar, agus bha dachaigh ann don teaghlach fhad ’s a rinn iad obair-càraidh air an taigh.

Cha b’ urrainn do dh’ Eric cumail a dol mar chunntasair ann an Cearachar – anns a’ chiad dol a-mach co-dhiù. Dh’fheuch e iasgach agus thug Ruairidh obair dha air an eathar-iasgaich aige – a’ togail chliabh. Cha do mhair Eric fada, ge-tà. Bha cur na mara air gu dona. Cha b’ urrainn dha sguir a dhìobhairt. Thug Ruairidh comhairle dha. “Chaneil ann ach aon leigheas airson cur na mara,” thuirt e..
“Dè th’ ann?” dh’fhaighnich Eric.
“A bhith nad sheasamh fo chraobh!” thuirt Ruairidh. Agus thàinig dreuchd Ericmar iasgair gu crìch taobh a-staigh aon mhadainn.
Ach bha Eric is a theaghlach soirbheachail ann an iomadach dòigh eile. Rinn iad grunn rudan airson bith-beò a bhith aca – gruagaireachd, dràibheadh bus na sgoile,croitearachd, a bhith nan tuathanaich-èisg – agus cunntasaireachd. Bha cearcan aca is poll-mònach. Bhiodh iad a’ sealg nam fiadh. Bha caoraich is eich aca. Ged a fhuair iad comhairle bho iomadh duine gun a dhol a dh’fhuireach ann, shoirbhich leotha. Tha ancunntas a tha an t-ùghdar a’ dèanamh dhen bheatha aca, thar nan sia bliadhn’ deug adh’fhuirich iad ann, gu math inntinneach is laghach.

Mar a bhiodh dùil, bha stoirmean mòra aca aig amannan. Aon turas thàinig stoirmaig àm an reothairt. Nuair a bha an làn ann, agus e dorch, fhuair an teaghlach a-mach gun robh am fiodh a bh’ aca airson an taigh a chàradh, a’ flodadh a-mach gu muir.“Bi taingeil nach eil rathad a-mach à seo,” thuirt Eric ri a bhean nuair a fhuair egu leabaidh.“Dè tha thu a’ ciallachadh?” thuirt a bhean.“Cha bhiodh tusa is a’ chlann-nighean anns an leabaidh a-nise. Bhiodh sibh annsan Land Rover cuide rium – a’ falbh don cheann a deas.”

Bha cùisean doirbh aig amannan. Ach bha tlachd mhòr am measg nan duilgheadasan. Aig a’ cheann thall, ghluais feadhainn ùra a-steach don àite sin – ach, airsgàth an leabhair, tha dìleab Clann MhicLeòid Chearachair sàbhailte.

Faclan na Litreach

Cearachar: Kerracher; Asainte: Assynt; ràth: raft; An CaolasCumhang: Kylesku; eathar: boat; Dùthaich MhicAoidh: The Mackay Country (of NSutherland); cunntasair: accountant; cur na mara: seasickness; gruagaireachd:hairdressing; poll-mònach: peat bank; ùghdar: author; an reothairt: time of the springtides; taingeil: thankful.

Abairtean na Litreach

a bhuineadh do a theaghlach: which belonged to his family; ann an staid math gu leòr: in a good enough condition; a bhuineas do Sgalpaigh Na Hearadh: who belongs to Scalpay Harris; air adhbhar na Gàidhlig: for the Gaelic cause; tha e ga mholadh mar dhuine toinisgeil le deagh eòlas practaigeach air a’ mhuir: he praises him as a sensible man with a good practical knowledge of the sea; fhad ’s a rinn iad obair-càraidh air an taigh: while they repaired the house; anns a’ chiad dol a-mach co-dhiù: in the first instance at least; air an eathar-iasgaich aige – a’ togail chliabh: on his fishing boat – lifting creels; cha b’ urrainn dha sguir a dhìobhairt: he couldn’t stop vomiting; chan eil ann ach aon leigheas: there’s only one cure; a bhith nad sheasamh fo chraobh: tostand under a tree; gu crìch taobh a-staigh aon mhadainn: to an end within one morning;rinn iad grunn rudan airson bith-beò a bhith aca: they did several things to make a living;air sgàth an leabhair: because of the book; tha dìleab Clann MhicLeòid Chearachair sàbhailte: the legacy of the MacLeods of Kerracher is safe.

Puing-chĂ nain na Litreach

thar nan sia bliadhn’ deug a dh’fhuirich iad ann: overthe sixteen years they lived there. The reason for the nan here is that the preposition thartakes the genitive case. So (na) sia bliadhn’ deug is actually a genitive phrase. It is agenitive plural because we are talking about a plural number of years so the article mustbe nan. Because it’s a plural you might expect me to say thar nan sia bliadhnaicheandeug, but that would not be natural. We don’t put bliadhna in its plural form when usingit as part of a numeral, even where the grammatical rules might seem to demand it.Latha (day) works similarly – we say còig latha fichead not còig làithean fichead for “25days”.

Gnathas-cainnt na Litreach

co-dhiù tha iad sean no òg: whether they are young or old.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast

  • Fri 25 Sep 2009 11:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast